bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Romans 4
Romans 4
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 5 →
1
Ciod, matà, a their sinn a fhuair ar n‑athair Abrahàm a rèir na feòla?
2
Oir ma dh’fhìreanaicheadh Abrahàm le obraichean, tha adhbhar uaill aige, ach chan ann a‑thaobh Dhè.
3
Oir ciod a tha an sgriobtar ag ràdh? Chreid Abrahàm Dia, agus mheasadh sin dha mar fhìreantachd.
4
A‑nis don tì a nì obair chan ann mar ghean-math a mheasar an tuarasdal, ach mar fhiachan.
5
Ach don tì nach dèan obair, ach a tha a’ creidsinn anns an tì a dh’fhìreanaicheas an duine mì‑dhiadhaidh, measar a chreideamh mar fhìreantachd.
6
Amhail mar a tha Daibhidh a’ cur an cèill beannachadh an duine sin dom meas Dia fìreantachd as eugmhais obrach, ag ràdh,
7
Is beannaichte iadsan a fhuair maitheanas nan euceartan, agus aig a bheil am peacaidhean air am falach.
8
Is beannaichte an tì nach cuir an Tighearna peacadh as a leth.
9
A bheil, matà, am beannachadh seo a’ teachd air an timcheall-ghearradh a‑mhàin, no mar an ceudna air an neo-thimcheall-ghearradh? Oir tha sinn ag ràdh gun do mheasadh creideamh do Abrahàm mar fhìreantachd.
10
Cionnas, matà, a mheasadh dha e? An ann an uair a bha e anns an timcheall-ghearradh, no anns an neo-thimcheall-ghearradh? Chan ann anns an timcheall-ghearradh, ach anns an neo-thimcheall-ghearradh.
11
Agus fhuair e comharradh an timcheall-ghearraidh, seula fìreantachd a’ chreidimh a bha aige anns an neo-thimcheall-ghearradh, a‑chum gum biodh e na athair acasan uile anns an neo-thimcheall-ghearradh a tha a’ creidsinn, a‑chum gum biodh fìreantachd air a meas dhaibhsan mar an ceudna:
12
Agus na athair an timcheall-ghearraidh dhaibhsan nach eil a‑mhàin den timcheall-ghearradh, ach mar an ceudna a tha ag imeachd ann an ceuman creideamh ar n‑athar Abrahàm, a bha aige anns an neo-thimcheall-ghearradh.
13
Oir cha b’ann tre an lagh a thugadh an gealladh do Abrahàm no da shìol, gum biodh e na oighre air an t‑saoghal, ach tre fhìreantachd a’ chreidimh.
14
Oir ma tha iadsan a bhuineas don lagh nan oighreachan, tha creideamh air a dhèanamh dìomhain, agus an gealladh gun bhrìgh:
15
A chionn gu bheil an lagh ag obrachadh feirge: oir far nach eil lagh, chan eil an sin briseadh lagha.
16
Uime sin is ann o chreideamh a tha an oighreachd, ionnas gum biodh i tre ghràs: a‑chum gum biodh an gealladh daingeann don t‑sìol uile, chan ann a‑mhàin dhaibhsan a bhuineas don lagh, ach mar an ceudna dhaibhsan a bhuineas do chreideamh Abrahàim, neach as e ar n‑athair-ne uile,
17
(A rèir mar a tha e sgrìobhte, Dh’òrdaich mi thu ad athair mòran chinneach), na làthair-san anns an do chreid e, eadhon Dia, a tha a’ beothachadh nam marbh, agus a tha a’ gairm nan nithean sin nach eil idir ann mar gum biodh iad ann:
18
Neach an aghaidh dòchais a chreid ann an dòchas, a‑chum gum biodh e na athair mòran chinneach; a rèir mar a thubhairteadh, Mar seo bidh do shliochd.
19
Agus air dha gun a bhith anfhann ann an creideamh, cha do chuir e an suim gu robh a chorp fhèin a‑nis marbh, air dha a bhith timcheall ceud bliadhna a dh’aois, no mairbhe brù Shàra:
20
Agus cha do chuir e an amharas gealladh Dhè le mì‑chreideamh; ach bha e làidir ann an creideamh, a’ toirt glòire do Dhia:
21
Agus bha làn-chinnt aige, an tì a thug an gealladh, gur comasach e air a choileanadh.
22
Agus uime sin mheasadh seo dha mar fhìreantachd.
23
A‑nis cha b’ann air a shon-san a‑mhàin a sgrìobhadh, gun do mheasadh seo dha;
24
Ach air ar son-ne mar an ceudna dom measar e, ma chreideas sinn annsan a thog suas Iosa ar Tighearna o na mairbh,
25
A thugadh thairis airson ar cionta, agus a thogadh suas a‑rìs airson ar fìreanachaidh.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16