bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Romans 5
Romans 5
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 6 →
1
Uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreideamh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearna Iosa Crìosd:
2
Tre a bheil againn mar an ceudna slighe gu dol a‑steach tre chreideamh a‑chum a’ ghràis seo anns a bheil sinn nar seasamh, agus tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas glòir Dhè.
3
Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn mar an ceudna a’ dèanamh uaill ann an trioblaidean, do bhrìgh gu bheil fhios againn gun obraich trioblaid foighidinn;
4
Agus foighidinn, dearbhadh; agus dearbhadh, dòchas:
5
Agus cha nàraich an dòchas, do bhrìgh gu bheil gràdh Dhè air a dhòrtadh a‑mach nar cridheachan, tre an Spiorad Naomh a thugadh dhuinn.
6
Oir air dhuinn a bhith fhathast gun neart, ann an àm iomchaidh bhàsaich Crìosd airson nan daoine neo-dhiadhaidh.
7
Oir is gann a dh’fhuilingeas duine bàs airson duine chothromaich; ach theagamh gum biodh aig neach-eigin de mhisnich eadhon bàs fhulang airson duine mhaith.
8
Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d’fhuiling Crìosd bàs air ar son.
9
Is mò gu mòr uime sin, air dhuinn a‑nis a bhith air ar fìreanachadh tre a fhuil, a shaorar trìdsan o fheirg sinn.
10
Oir mas e air dhuinn a bhith nar naimhdean, gun do rinneadh rèidh ri Dia sinn tre bhàs a Mhic, is mò gu mòr, air dhuinn a bhith air ar dèanamh rèidh, a shaorar tre a bheatha sinn.
11
Agus chan e a‑mhàin sin, ach tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an Dia, tre ar Tighearna Iosa Crìosd, tre an d’fhuair sinn a‑nis an rèite.
12
Uime sin mar a thàinig peacadh a‑steach don t‑saoghal tre aon duine, agus bàs tre an pheacadh; mar sin mar an ceudna thàinig bàs air na h‑uile dhaoine, do bhrìgh gun do pheacaich iad uile.
13
Oir gus an lagh, bha peacadh anns an t‑saoghal: ach cha chuirear peacadh as leth dhaoine far nach eil lagh.
14
Gidheadh, rìoghaich am bàs o Adhamh gu Maois, eadhon thar an dream nach do pheacaich a rèir coslas eas-ùmhlachd Adhaimh, neach as e samhladh an tì ud a bha ri teachd:
15
Ach chan ann mar an cionta a tha an saor-thìodhlac. Oir ma fhuair mòran bàs tre chionta aoin, is mò gu mòr na sin a tha gràs Dhè, agus an tìodhlac tro ghràs a tha tre aon duine, Iosa Crìosd, pailt do mhòran.
16
Agus chan ann mar tre aon duine a pheacaich, mar sin a tha an tabhartas: oir bha am breitheanas tre aon chionta, a‑chum dìtidh: ach tha an saor-thabhartas o mhòran euceartan a‑chum fìreanachaidh.
17
Oir mas e is tre chionta aon duine, gun do rìoghaich am bàs tre aon, is mò gu mòr na sin a rìoghaicheas iadsan, a gheibh pailteas gràis, agus tabhartas na fìreantachd, ann am beatha tre aon, eadhon Iosa Crìosd.
18
Uime sin mar tre chionta aon duine a thàinig breitheanas air na h‑uile dhaoine a‑chum dìtidh, is amhail sin mar an ceudna tre fhìreantachd aoin a thàinig an saor-thìodhlac air na h‑uile dhaoine a‑chum fìreanachadh na beatha.
19
Oir mar tre eas-ùmhlachd aon duine a rinneadh mòran nam peacaich, is amhail sin tre ùmhlachd aon duine a nìthear mòran nam fìreanan.
20
Ach thàinig an lagh a‑steach, a‑chum gum meudaichte an cionta: ach far an do mheudaicheadh am peacadh, bu ro‑mhò a mheudaicheadh gràs:
21
A‑chum is mar a rìoghaich am peacadh a‑chum bàis, mar sin gun rìoghaicheadh gràs tre fhìreantachd a‑chum na beatha maireannaich tre Iosa Crìosd an Tighearna.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16