bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Romans 7
Romans 7
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 8 →
1
Nach eil fhios agaibh, a bhràithrean (oir is ann riùsan don aithne an lagh a tha mi a’ labhairt), gu bheil tighearnas aig an lagh air duine, am fad is beò e?
2
Oir a’ bhean a tha pòsda ri fear, tha i ceangailte leis an lagh ra fear am fad is beò e: ach ma gheibh a fear bàs, tha i fuasgailte o lagh a fir.
3
Uime sin am feadh is beò a fear, ma phòsar i ri fear eile, goirear ban-adhaltranach dhith: ach ma gheibh a fear bàs, tha i saor on lagh sin, air chor is nach ban-adhaltranach i, ged robh i aig fear eile.
4
Air an adhbhar sin, mo bhràithrean, tha sibhse mar an ceudna marbh don lagh tre chorp Chrìosd; ionnas gum biodh sibh pòsda ri fear eile, eadhon ris-san a thogadh o na mairbh, a‑chum gun tugamaid toradh a‑mach do Dhia.
5
Oir nuair a bha sinn anns an fheòil, bha miannan nam peacaidhean, tre an lagh, ag obrachadh nar buill, a‑chum toradh a thoirt a‑mach gu bàs.
6
Ach a‑nis tha sinn air ar dèanamh saor on lagh, air dha sin a bhith marbh leis an do chumadh sinn; a‑chum gun dèanamaid seirbhis ann an nuadhachd spioraid, agus chan ann ann an aosmhorachd na litreach.
7
Ciod uime sin a their sinn? A bheil an lagh na pheacadh? Nar leigeadh Dia. Chan eadh, cha b’aithne dhomh peacadh, ach tre an lagh: oir cha bhiodh eòlas agam air sannt, mura abradh an lagh, Na sanntaich.
8
Ach air don pheacadh fàth a ghlacadh tre an àithne, dh’obraich e annam gach uile ghnè an‑tograidh: oir as eugmhais an lagha bha am peacadh marbh.
9
Oir bha mise beò as eugmhais an lagha uair-eigin: ach air teachd don àithne, dh’ath-bheothaich am peacadh, agus fhuair mise bàs.
10
Agus an àithne a dh’òrdaicheadh a‑chum beatha, fhuaireadh dhòmhsa a‑chum bàis i.
11
Oir air don pheacadh fàth a ghlacadh tre an àithne, mheall e mi, agus le sin mharbh e mi.
12
Air an adhbhar sin tha an lagh naomh; agus tha an àithne naomh, agus cothromach, agus math.
13
Uime sin an do rinneadh an nì sin a bha math na bhàs dhòmhsa? Nar leigeadh Dia. Ach rinneadh am peacadh mar sin, a‑chum gum faicte gur peacadh e, ag obrachadh bàis annamsa, leis an nì sin a tha math: a‑chum tre an àithne gum fàsadh am peacadh ro‑pheacach.
14
Oir tha fhios againn gu bheil an lagh spioradail: ach tha mise feòlmhor, air mo reic fon pheacadh.
15
Oir an nì a tha mi a’ dèanamh, cha taitneach leam e: oir an nì a b’àill leam, chan e a tha mi a’ dèanamh; ach an nì as fuathach leam, is e sin a tha mi a’ dèanamh.
16
Uime sin ma tha mi a’ dèanamh an nì nach b’àill leam, tha mi ag aontachadh leis an lagh, gu bheil e math.
17
A‑nis, matà, cha mhise nas mò a tha a’ dèanamh seo, ach am peacadh a tha a’ gabhail còmhnaidh annam.
18
Oir tha fhios agam, annamsa (sin ri ràdh, ann am fheòil) nach eil math sam bith a’ gabhail còmhnaidh: oir tha an toil an làthair maille rium, ach dòigh sam bith a‑chum math a dhèanamh chan eil mi a’ faotainn:
19
Oir chan eil mi a’ dèanamh a’ mhaith a bu mhiann leam: ach an t‑olc nach b’àill leam, is e sin a tha mi a’ dèanamh.
20
A‑nis ma tha mi a’ dèanamh an nì nach b’àill leam, cha mhise nas mò a tha a’ dèanamh seo, ach am peacadh a tha a’ gabhail còmhnaidh annam.
21
Uime sin tha mi a’ faotainn lagha, nuair a b’àill leam am math a dhèanamh, gu bheil an t‑olc an làthair agam.
22
Oir tha tlachd agam ann an lagh Dhè, a rèir an duine an taobh a‑staigh:
23
Ach tha mi a’ faicinn lagha eile am bhuill, a’ cogadh an aghaidh lagh m’inntinn, agus gam thoirt am bruid do lagh a’ pheacaidh, a tha ann am bhuill.
24
Och is duine truagh mi! Cò a shaoras mi o chorp a’ bhàis seo?
25
Tha mi a’ toirt buidheachais do Dhia, tre Iosa Crìosd ar Tighearna. Uime sin, tha mise fhèin leis an inntinn a’ dèanamh seirbhis do lagh Dhè; ach leis an fheòil do lagh a’ pheacaidh.
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 8 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16