bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Romans 2
Romans 2
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 3 →
1
Uime sin tha thu gun leisgeul, O dhuine, cò air bith thu a tha a’ toirt breith: oir nuair a tha thu a’ toirt breith air neach eile, tha thu gad dhìteadh fhèin; oir thusa a tha a’ toirt breith, tha thu a’ dèanamh nan nithean sin fhèin.
2
Ach tha fhios againne gu bheil breitheanas Dhè a rèir fìrinn, an aghaidh na muinntir a tha a’ dèanamh an leithidean sin.
3
Agus an saoil thusa seo, O dhuine, a tha a’ toirt breith orrasan a nì an leithidean sin, agus a tha gan dèanamh thu fhèin, gun tèid thu as o bhreitheanas Dhè?
4
No an dèan thu tarcais air saoibhreas a mhaitheis, agus a fhoighidinn, agus a fhad-fhulangais, gun fhios a bhith agad gu bheil maitheas Dhè gad threòrachadh a‑chum aithreachais?
5
Ach a rèir do chruais agus do chridhe neo-aithreachail, tha thu a’ càrnadh suas feirge dhut fhèin fa chomhair là na feirge, agus foillseachadh ceart-bhreitheanas Dhè;
6
A bheir do gach aon a rèir a ghnìomharan;
7
Dhaibhsan a tha le buanachadh gu foighidinneach ann an deagh obair, ag iarraidh glòire, agus urraim, agus neo-bhàsmhorachd, a’ bheatha mhaireannach:
8
Ach dhaibhsan a tha connspoideach, agus nach eil umhail don fhìrinn, ach a tha umhail don eucoir, diomb agus fearg;
9
Amhghar agus teanntachd air gach anam duine a tha a’ dèanamh uilc, don Iùdhach air tùs, agus mar an ceudna don Ghreugach;
10
Ach glòir, agus urram, agus sìth, do gach duine a nì math, don Iùdhach air tùs, agus don Ghreugach mar an ceudna:
11
Oir chan eil spèis aig Dia de phearsa seach a chèile.
12
Oir a mheud is a pheacaich gun an lagh, sgriosar iad gun an lagh; agus a mheud is a pheacaich fon lagh, dìtear iad leis an lagh:
13
(Oir chan iad luchd-èisdeachd an lagha a tha nam fìreanan am fianais Dhè, ach bidh luchd-dèanamh an lagha air am fìreanachadh.
14
Oir nuair a tha na Cinnich aig nach eil lagh, a‑thaobh nàdair a’ dèanamh nan nithean a tha anns an lagh, air dhaibhsan a bhith gun lagh tha iad nan lagh dhaibh fhèin:
15
Muinntir a tha a’ nochdadh obair an lagha sgrìobhte nan cridheachan, air a bhith dan cogais a’ dèanamh fianais leo, agus an smuaintean eatorra fhèin gan agairt, no a’ gabhail an leisgeil:)
16
Anns an là anns an toir Dia breith air nithean uaigneach dhaoine, a rèir mo shoisgeil-sa, tre Iosa Crìosd.
17
Feuch, goirear Iùdhach dhìotsa, agus tha thu a’ cur dòigh anns an lagh, agus a’ dèanamh uaill à Dia,
18
Agus is aithne dhut a thoil, agus tha thu a’ dearbhadh nan nithean as fheàrr, air dhut a bhith air do theagasg as an lagh;
19
Agus tha thu earbsach gur ceann-iùil thu fhèin do na doill, solas dhaibhsan a tha an dorchadas,
20
Fear-fòghlaim do dhaoine neo-eagnaidh, fear-teagaisg do leanaban, aig a bheil samhladh an eòlais agus na fìrinn a tha anns an lagh.
21
Thusa uime sin a tha a’ teagasg neach eile, nach eil thu gad theagasg fhèin? Thusa a tha a’ searmonachadh gun ghoid a dhèanamh, a bheil thu ri goid?
22
Thusa a tha ag ràdh gun adhaltranas a dhèanamh, a bheil thu a’ dèanamh adhaltranais? Thusa len gràin iodhalan, a bheil thu ri naomh-ghoid?
23
Thusa a tha a’ dèanamh uaill as an lagh, an tabhair thu, le briseadh an lagha, eas-urram do Dhia?
24
Oir tha ainm Dhè a’ faotainn toibheim, dur taobh-se am measg nan Cinneach, mar a tha e sgrìobhte.
25
Oir tha tairbhe gu fìrinneach anns an timcheall-ghearradh, ma ghleidheas tu an lagh: ach mas fear-brisidh an lagha thu, tha do thimcheall-ghearradh na neo-thimcheall-ghearradh dhut.
26
Uime sin, ma ghleidheas an neo-thimcheall-ghearradh fìreantachd an lagha, nach measar a neo-thimcheall-ghearradh-san mar thimcheall-ghearradh?
27
Agus nach dìt an neo-thimcheall-ghearradh a‑thaobh nàdair, a tha a’ coileanadh an lagha, thusa a tha tre an litir agus tre an timcheall-ghearradh ad fhear-brisidh an lagha?
28
Oir chan Iùdhach esan, a tha mar sin on leth a‑muigh; agus chan e sin an timcheall-ghearradh, a tha gu follaiseach anns an fheòil:
29
Ach is Iùdhach esan, a tha mar sin anns an taobh a‑staigh; agus is e sin an timcheall-ghearradh a tha anns a’ chridhe, agus anns an spiorad, chan ann anns an litir, aig a bheil a chliù chan ann o dhaoine, ach o Dhia.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16