bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Romans 3
Romans 3
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 4 →
1
Ciod e uime sin barrachd an Iùdhaich? No ciod e tairbhe an timcheall-ghearraidh?
2
Is mòr sin air gach dòigh: air tùs, do bhrìgh gur ann riùsan a dh’earbadh briathran Dhè.
3
Oir ciod e sin ged nach do chreid cuid? An dèan am mì‑chreideamh-san fìrinn Dhè gun èifeachd?
4
Nar leigeadh Dia: ach biodh Dia fìor, agus gach duine na bhreugaire; a rèir mar a tha e sgrìobhte, A‑chum gum bi thu ceart ann ad bhriathran, agus gun toir thu buaidh nuair a bheirear breith ort.
5
Ach ma mholas ar n‑eucoir-ne fìreantachd Dhè, ciod a their sinn? A bheil Dia eucorach a tha a’ dèanamh dìoghaltais (tha mi a’ labhairt mar dhuine)?
6
Nar leigeadh Dia: no cionnas a bheir Dia breith air an t‑saoghal?
7
Oir ma tha fìrinn Dhè tre mo bhrèig-sa air a meudachadh a‑chum a ghlòire-san, carson a tha mise air mo dhìteadh mar pheacach?
8
Agus carson nach dèan sinn olc, a‑chum gun tig math as? (mar a labhrar gu toibheumach umainn, agus mar a thubhairt cuid gu bheil sinn ag ràdh), muinntir dom bheil an dìteadh a rèir ceartais.
9
Ciod uime sin? A bheil barrachd againne? Chan eil air aon chor: oir dhearbh sinn roimhe gu bheil araon na h‑Iùdhaich agus na Cinnich uile fo pheacadh;
10
Mar a tha e sgrìobhte, Chan eil ionracan ann, chan eil fiù a h‑aon:
11
Chan eil neach ann a thuigeas, chan eil neach ann a tha ag iarraidh Dhè.
12
Chlaon iad uile as an t‑slighe, tha iad uile mì‑thairbheach; chan eil neach a tha a’ dèanamh maith, chan eil fiù a h‑aon.
13
Is uaigh fhosgailte an sgòrnan; labhair iad cealg len teangaidhean; tha nimh nan nathraichean nimhe fo am bilean:
14
Aig a bheil am beul làn de mhallachadh agus de sheirbhe:
15
Tha an casan luath a dhòrtadh fala:
16
Tha lèirsgrios agus truaighe nan slighean:
17
Agus slighe na sìthe cha b’aithne dhaibh:
18
Chan eil eagal Dhè fa chomhair an sùl.
19
A‑nis tha fhios againn ge bè nithean a tha an lagh a’ labhairt, gur ann riùsan a tha fon lagh a tha e gan labhairt: a‑chum gun druidear gach uile bheul, agus gum bi an saoghal uile air fhaotainn ciontach am fianais Dhè.
20
Uime sin cha bhi feòil air bith air a fìreanachadh na fhianais-san, tre obraichean an lagha: oir is ann tre an lagh a tha eòlas peacaidh.
21
Ach a‑nis tha fìreantachd Dhè air a foillseachadh as eugmhais an lagha, a’ faotainn fianais on lagh agus o na fàidhean;
22
Eadhon fìreantachd Dhè tre chreideamh Iosa Crìosd, do na h‑uile, agus air na h‑uile a chreideas; oir chan eil eadar-dhealachadh ann:
23
Oir pheacaich na h‑uile, agus tha iad air teachd geàrr air glòir Dhè:
24
Air dhaibh a bhith air am fìreanachadh gu saor le a ghràs, tre an t‑saorsa a tha ann an Iosa Crìosd;
25
Neach a shònraich Dia na ìobairt-rèitich, tre chreideamh na fhuil, a‑chum a fhìreantachd fhoillseachadh le maitheanas nam peacaidhean a chaidh seachad, tre fhad-fhulangas Dhè;
26
A dh’fhoillseachadh, tha mi ag ràdh, a fhìreantachd-san anns an àm a tha an làthair; a‑chum gum biodh e cothromach, agus gum fìreanaicheadh e an tì a chreideas ann an Iosa.
27
Càit uime sin a bheil uaill? Dhruideadh a‑mach i. Ciod e an lagh leis an do dhruideadh a‑mach i? An ann tre lagh nan obraichean? Chan ann; ach tre lagh a’ chreidimh.
28
Tha sinn uime sin a’ meas gu bheil duine air fhìreanachadh tre chreideamh as eugmhais obraichean an lagha.
29
An e Dia nan Iùdhach a‑mhàin e? Nach e mar an ceudna Dia nan Cinneach? Gu deimhinn nan Cinneach mar an ceudna:
30
Do bhrìgh gur aon Dia, a dh’fhìreanaicheas an timcheall-ghearradh o chreideamh agus an neo-thimcheall-ghearradh tre chreideamh.
31
A bheil sinn uime sin a’ cur an lagha ann an neo-bhrìgh tre an chreideamh? Nar leigeadh Dia: ach tha sinn a’ daingneachadh an lagha.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16