bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Chronicles 10
1 Chronicles 10
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 11 →
1
A‑nis chog na Philistich an aghaidh Israeil; agus theich fir Israeil o fhianais nam Philisteach, agus thuit iad sìos marbh ann an sliabh Ghilbòa.
2
Agus lean na Philistich gu teann an dèidh Shauil, agus an dèidh a chuid mhac; agus bhuail na Philistich Ionatan, agus Abinadab, agus Malchisua, mic Shauil.
3
Agus dh’fhàs an cath cruaidh an aghaidh Shauil, agus chuimsich na fir‐bhogha e, agus lotadh e leis na fir‐bhogha.
4
An sin thubhairt Saul ri fear‐iomchair a arm, Rùisg do chlaidheamh agus sàth tromham e, air eagal gun tig na daoine neo‐thimcheall‐gheàrrte sin, agus gun gnàthaich iad gu maslach mi. Ach cha dèanadh fear‐iomchair a arm sin, oir bha eagal mòr air. Uime sin ghlac Saul claidheamh, agus thuit e air.
5
Agus nuair a chunnaic fear‐iomchair a arm gu robh Saul marbh, thuit esan mar an ceudna air a’ chlaidheamh, agus fhuair e bàs.
6
Mar sin fhuair Saul bàs, agus a thriùir mhac, agus dh’eug a thaigh uile anns an aon àm.
7
Agus nuair a chunnaic uile fhir Israeil a bha anns a’ ghleann gun do theich iad, agus gu robh Saul agus a mhic marbh, an sin thrèig iad am bailtean, agus theich iad; agus thàinig na Philistich, agus chòmhnaich iad annta.
8
Agus air an là màireach, nuair a thàinig na Philistich a dh’fhaobhachadh nam marbh, fhuair iad Saul agus a mhic air tuiteam ann an sliabh Ghilbòa.
9
Agus nuair a dh’fhaobhaich iad e, ghlac iad a cheann, agus a airm, agus chuir iad fios do thìr nam Philisteach mun cuairt, gu sgeul a thoirt do thaigh an diathan brèige, agus don t‑sluagh.
10
Agus chuir iad a airm ann an taigh an diathan, agus dhaingnich iad a cheann ann an teampall Dhàgoin.
11
Agus nuair a chuala uile luchd‐àiteachaidh Iabeis‐ghilead na h‑uile nithean a rinn na Philistich ri Saul,
12
Dh’èirich na fir threuna uile, agus thug iad leo corp Shauil, agus cuirp a chuid mhac, agus thug iad gu Iabes iad, agus dh’adhlaic iad an cnàmhan fon daraig ann an Iabes, agus thraisg iad seachd làithean.
13
Mar seo dh’eug Saul airson a chionta a rinn e an aghaidh an Tighearna, an aghaidh facal an Tighearna nach do ghlèidh e, agus mar an ceudna a chionn gun d’iarr e bean aig an robh leannan‐sìth, a dh’fhiosrachadh dhith;
14
Agus nach d’fhiosraich e den Tighearna: uime sin mharbh e e, agus thionndaidh e an rìoghachd a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, mac Iese.
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 11 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29