bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Chronicles 23
1 Chronicles 23
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 22
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 24 →
1
A‑nis nuair a bha Daibhidh sean agus làn de làithean, rinn e Solamh a mhac na rìgh air Israel.
2
Agus chruinnich e an ceann a chèile ceannardan Israeil uile, agus na sagartan agus na Lèbhithich.
3
Agus dh’àirmheadh na Lèbhithich o aois deich‐bliadhna‑fichead agus os a chionn: agus b’e an àireamh air an cinn, duine air dhuine, ochd‐mìle‐deug ar fhichead.
4
Dhiubh sin bha ceithir‐mìle‐fichead gu obair taigh an Tighearna a chur air a h‑aghaidh, agus sia mìle nan luchd‐riaghlaidh agus nam britheamhan:
5
Agus ceithir mìle nan dorsairean; agus ceithir mìle a’ cliùthachadh an Tighearna leis na h‑innealan a rinn Daibhidh gu cliùthachadh.
6
Agus roinn Daibhidh iad nan roinnean eadar mic Lèbhi, eadhon Gerson, Cohat, agus Merari.
7
De na Gersonaich: Laadan agus Simei.
8
Mic Laadain: Iehiel an ceann, agus Setam, agus Ioel, triùir.
9
Mic Shimei: Selomit, agus Hasiel, agus Hàran, triùir. B’iad sin cinn athraichean Laadain.
10
Agus mic Shimei: Iahat, Sidsa, agus Ieus, agus Beriah. B’iad sin mic Shimei, ceathrar.
11
Agus b’e Iahat an ceann, agus Sidsa an dara fear: ach cha robh mòran mhac aig Ieus agus Beriah; uime sin bha iad ann an aon àireamh, a rèir taigh an athraichean.
12
Mic Chohait: Amram, Itsar, Hebron, agus Udsiel, ceathrar.
13
Mic Amraim: Aaron agus Maois; agus dhealaicheadh Aaron a‑chum gun naomhaicheadh e na nithean ro‑naomh, e fhèin agus a mhic gu bràth, gun loisgeadh e tùis an làthair an Tighearna, gum frithealadh e dha, agus gum beannaicheadh e a ainm gu bràth.
14
A‑nis mu thimcheall Mhaois, òglach Dhè, bha a mhic air an ainmeachadh de threubh Lèbhi.
15
Mic Mhaois: Gersom agus Elièser.
16
Mic Ghersoim: Sebuel an ceann.
17
Agus b’iad mic Elièseir: Rehabiah an ceann. Agus cha robh aig Elièser mic sam bith eile; ach bha mic Rehabiah ro‑lìonmhor.
18
Mic Itsair: Selomit an ceann.
19
Mic Hebroin: Ieriah an ciad fhear, Amariah an dara, Iahasiel an treasa, agus Iecameam an ceathramh.
20
Mic Udsieil: Micah an ciad fhear, agus Iesiah an dara.
21
Mic Mherari: Machli agus Musi: mic Mhachli; Eleàsar agus Cis.
22
Agus fhuair Eleàsar bàs, agus cha robh mic aige, ach a‑mhàin nigheanan: agus ghabh am bràithrean, mic Chis, iad.
23
Mic Mhusi: Machli, agus Eder, agus Ieremot, triùir.
24
B’iad sin mic Lèbhi, a rèir taigh an athraichean, cinn nan athraichean, mar a dh’àirmheadh iad le àireamh an ainmean air an cinn, a rinn obair seirbhis taigh an Tighearna, o aois fichead bliadhna agus os a chionn.
25
Oir thubhairt Daibhidh, Tha an Tighearna Dia Israeil air toirt fois da shluagh, agus gabhaidh iad còmhnaidh ann an Ierusalem gu bràth.
26
Agus mar an ceudna a‑thaobh nan Lèbhitheach, cha bhi am pàillean aca nas mò ra iomchar, agus uile shoithichean a sheirbhis.
27
Oir le briathran deireannach Dhaibhidh dh’àirmheadh na Lèbhithich o aois fichead bliadhna agus os a chionn:
28
A chionn gum b’e an dreuchd‐san a bhith fo làimh mic Aaroin, fa chomhair seirbhis taigh an Tighearna, anns na cùirtean, agus anns na seòmraichean, agus ann an glanadh nan uile nithean naomha, agus ann an obair seirbhis taigh Dhè;
29
Araon fa chomhair an arain thaisbeanta, agus fa chomhair na mine mìne a‑chum tabhartais‐bìdh, agus fa chomhair nam breacagan neo‐ghortaichte, agus fa chomhair nan nithean a dheasaichear anns an aghann agus a ròistear, agus fa chomhair gach uile ghnè tomhais agus meud;
30
Agus a‑chum seasamh gach madainn a thoirt buidheachais agus cliù don Tighearna, agus mar an ceudna mu fheasgar;
31
Agus a‑chum gach ìobairt‐loisgte a thoirt suas don Tighearna, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nuadha, agus air na fèillean suidhichte, ann an àireamh, a rèir na riaghailt a dh’àithneadh dhaibh a‑ghnàth an làthair an Tighearna.
32
Agus a‑chum gun gleidheadh iad cùram pàillean a’ choitheanail, agus cùram an ionaid naoimh, agus cùram mic Aaroin, am bràithrean, ann an seirbhis taigh an Tighearna.
← Chapter 22
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 24 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29