bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Chronicles 18
1 Chronicles 18
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 17
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 19 →
1
Agus an dèidh seo bhuail Daibhidh na Philistich, agus cheannsaich e iad; agus ghlac e Gat agus a bhailtean beaga à làimh nam Philisteach.
2
Agus bhuail e Mòab; agus bha na Mòabaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tabhartasan leo.
3
Agus bhuail Daibhidh Hadareser rìgh Shobah gu ruig Hamat, nuair a chaidh e a dhaingneachadh a thighearnais aig abhainn Euphràtes.
4
Agus thug Daibhidh uaithe mìle carbad, agus seachd mìle marcaiche, agus fichead mìle coisiche: agus gheàrr Daibhidh speirean eich nan carbad uile, ach dh’fhàg e dhiubh dìol ceud carbad.
5
Agus nuair a thàinig Sirianaich Dhamascais a chuideachadh le Hadareser rìgh Shobah, mharbh Daibhidh de na Sirianaich dà‑mìle‐fichead fear.
6
An sin chuir Daibhidh freiceadain ann an Siria Dhamascais; agus bha na Sirianaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tabhartasan leo. Agus ghlèidh an Tighearna Daibhidh gach taobh a chaidh e.
7
Agus ghabh Daibhidh na sgiathan òir a bha air seirbhisich Hadareseir, agus thug e iad gu Ierusalem.
8
Agus o Thibat agus o Chun, bailtean Hadareseir, thug Daibhidh ro‑mhòran umha, leis an do rinn Solamh an fhairge umha, agus na puist, agus na soithichean umha.
9
Agus nuair a chuala Tou rìgh Hamait gun do bhuail Daibhidh uile shluagh Hadareseir rìgh Shobah,
10
Chuir e Hadoram a mhac gu rìgh Daibhidh, a chur fàilte air, agus ga bheannachadh, a chionn gun do chog e an aghaidh Hadareseir, agus gun do bhuail e e (oir bha Hadareser a’ cogadh ri Tou); agus leis‐san gach uile ghnè shoithichean òir, agus airgid agus umha.
11
Iad sin mar an ceudna choisrig rìgh Daibhidh don Tighearna, maille ris an airgead agus an òr a thug e o na cinnich seo uile; o Edom, agus o Mhòab, agus o chloinn Amoin, agus o na Philistich, agus o Amalec.
12
Os bàrr, mharbh Abisai mac Sheruiah de na h‑Edomaich ann an gleann an t‑salainn ochd‐mìle‐deug.
13
Agus chuir e freiceadain ann an Edom; agus bha na h‑Edomaich uile nan seirbhisich aig Daibhidh gach taobh a chaidh e.
14
Agus rìghich Daibhidh air Israel uile; agus bha e a’ cur an gnìomh breitheanais agus ceartais da shluagh uile.
15
Agus bha Ioab mac Sheruiah os cionn na h‑armailte; agus Iehosaphat mac Ahiluid na sheanchaidh;
16
Agus Sadoc mac Ahituib, agus Ahimelech mac Abiatair nan sagartan; agus Sabhsa na sgrìobhaiche;
17
Agus Benaiah mac Iehoiada os cionn nan Cereteach, agus nam Peleteach. Agus b’iad mic Dhaibhidh a bu mhò inbhe mu thimcheall an rìgh.
← Chapter 17
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 19 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29