bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Chronicles 13
1 Chronicles 13
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 14 →
1
Agus chuir Daibhidh a chomhairle riùsan a bha os cionn mhìltean agus cheud, ris gach uile cheannard.
2
Agus thubhairt Daibhidh ri uile cho‐chruinneachadh Israeil, Ma chìthear iomchaidh dhuibh, agus gur ann on Tighearna ar Dia a tha a’ chùis, cuireamaid fios a‑mach a dh’ionnsaigh ar bràithrean anns gach àite, a dh’fhàgadh ann an uile thìr Israeil, agus maille riùsan a dh’ionnsaigh nan sagart agus nan Lèbhitheach a tha nam bailtean lem fearann co‑roinn, iad gan cruinneachadh fhèin thugainn.
3
Agus thugamaid a‑rìs àirc ar Dè dar n‑ionnsaigh: oir cha d’fhiosraich sinn dheth ann an làithean Shauil.
4
Agus thubhairt an co‑chruinneachadh gu lèir gum bu chòir sin a dhèanamh; oir bha an nì ceart ann an sùilean an t‑sluaigh uile.
5
Uime sin chruinnich Daibhidh Israel uile an ceann a chèile, o Shihor na h‑Eiphit gu dol a‑steach Hamait, a‑chum àirc Dhè a thoirt o Chiriat‐iearim.
6
Agus chaidh Daibhidh suas, agus Israel uile do Bhàalah, eadhon gu Ciriat‐iearim a bhuineadh do Iùdah, a thabhairt leo as a sin àirc Dhè an Tighearna, a tha a chòmhnaidh eadar na ceruban, air an gairmear a ainm.
7
Agus ghiùlain iad àirc Dhè air feun nodha o thaigh Abinadaib, agus dh’iomain Usa agus Ahio am feun.
8
Agus chluich Daibhidh agus Israel uile am fianais Dhè len uile neart, eadhon le laoidhean, agus le clàrsaichean, agus le saltairean, agus le tiompanan, agus le ciombalan, agus le trompaidean.
9
Agus nuair a thàinig iad gu ùrlar‐bualaidh Chidoin, chuir Usa a‑mach a làmh a ghabhail greim den àirc, oir chuir na daimh air chrith i.
10
Agus las fearg an Tighearna an aghaidh Usa, agus bhuail e e, a chionn gun do chuir e a làmh ris an àirc: agus dh’eug e an sin an làthair Dhè.
11
Agus bha doilgheas air Daibhidh a chionn gun do rinn an Tighearna briseadh air Usa: agus thug e Peres‐usa mar ainm air an àite sin gu ruig an là‑an‑diugh.
12
Agus bha eagal air Daibhidh ro Dhia air an là sin, agus thubhairt e, Cionnas a bheir mise àirc Dhè dhachaigh am ionnsaigh?
13
Uime sin cha tug Daibhidh an àirc da ionnsaigh fhèin gu baile Dhaibhidh; ach thug e a lethtaobh i gu taigh Obed‐edoim an Giteach.
14
Agus dh’fhan àirc Dhè maille ri teaghlach Obed‐edoim na thaigh trì mìosan. Agus bheannaich an Tighearna taigh Obed‐edoim, agus gach nì a bha aige.
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 14 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29