bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Chronicles 14
1 Chronicles 14
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 15 →
1
A‑nis chuir Hiram rìgh Thìruis teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus fiodh seudair, agus clachairean, agus saoir, a thogail taighe dha.
2
Agus dh’aithnich Daibhidh gun do dhaingnich an Tighearna e na rìgh air Israel, agus gun d’àrdaicheadh gu mòr a rìoghachd airson a shluaigh Israel.
3
Agus ghabh Daibhidh tuilleadh bhan ann an Ierusalem; agus ghin Daibhidh fhathast mic agus nigheanan.
4
Agus is iad seo ainmean a chloinne a bha aige ann an Ierusalem; Samua, agus Sobab, Nàtan, agas Solamh,
5
Agus Ibhar, agus Elisua, agus Elphalet,
6
Agus Nogah, agus Nepheg, agus Iaphia,
7
Agus Elisama, agus Beeliada, agus Eliphalet.
8
Agus nuair a chuala na Philistich gun d’ungadh Daibhidh na rìgh air Israel uile, thàinig na Philistich gu lèir a‑nìos a dh’iarraidh Dhaibhidh: agus chuala Daibhidh sin, agus chaidh e a‑mach nan aghaidh.
9
Agus thàinig na Philistich, agus sgaoil iad iad fhèin ann an gleann Rephaim.
10
Agus dh’fhiosraich Daibhidh de Dhia, ag ràdh, An tèid mi suas an aghaidh nam Philisteach, agus an toir thu thairis iad am làimh? Agus thubhairt an Tighearna ris, Gabh suas, agus bheir mi thairis iad ad làimh.
11
Agus thàinig iad gu Bàal‐perasim; agus bhuail Daibhidh an sin iad. Agus thubhairt Daibhidh, Bhris Dia mo naimhdean o chèile lem làimh‐sa, mar bhriseadh uisgeachan: uime sin thug iad Bàal‐perasim mar ainm air an àite sin.
12
Agus dh’fhàg iad an diathan an sin, agus thug Daibhidh àithne, agus loisgeadh iad le teine.
13
Agus thàinig na Philistich a‑rìs, agus sgaoil iad iad fhèin anns a’ ghleann.
14
Uime sin dh’fhiosraich Daibhidh a‑rìs de Dhia; agus thubhairt Dia ris, Na gabh suas nan dèidh; tionndaidh air falbh uapa, agus thig orra fa chomhair craobhan nan smeur.
15
Agus nuair a chluinneas tu fuaim siubhail ann am barran craobhan nan smeur, an sin thèid thu a‑mach a‑chum catha; oir thèid Dia a‑mach romhad, a bhualadh feachd nam Philisteach.
16
Agus rinn Daibhidh mar a dh’àithn Dia dha: agus bhuail iad feachd nam Philisteach o Ghibeon eadhon gu Gaser.
17
Agus chaidh ainm Dhaibhidh a‑mach do gach tìr, agus thug an Tighearna a eagal‐san air na h‑uile chinnich.
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 15 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29