bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Chronicles 19
1 Chronicles 19
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 20 →
1
Agus an dèidh seo fhuair Nahas rìgh chloinn Amoin bàs, agus rìghich a mhac na àite.
2
Agus thubhairt Daibhidh, Nochdaidh mi coibhneas do Hanun mac Nahais, a chionn gun do nochd a athair‐san coibhneas dhòmhsa. Uime sin chuir Daibhidh teachdairean gu comhfhurtachd a thoirt dha mu thimcheall a athar: agus thàinig seirbhisich Dhaibhidh do fhearann chloinn Amoin gu Hanun, a‑chum comhfhurtachd a thabhairt dha.
3
Ach thubhairt ceannardan chloinn Amoin ri Hanun, An saoil thusa gur ann a‑chum urram a thabhairt dod athair a chuir Daibhidh ad ionnsaigh luchd‐comhfhurtachd? Nach ann a rannsachadh, agus a ghabhail beachd air an fhearann, agus ga sgrios, a thàinig a sheirbhisich ad ionnsaigh?
4
Uime sin ghlac Hanun seirbhisich Dhaibhidh, agus bheàrr e iad, agus gheàrr e an aodach anns a’ mheadhon, gu ruig am màsan; agus chuir e air falbh iad.
5
Agus chaidh daoine, agus dh’innis iad do Dhaibhidh mar a bhuineadh ris na fir; agus chuir esan teachdairean nan coinneamh, a chionn gu robh nàire mhòr air na daoine: agus thubhairt an rìgh, Fanaibh ann an Iericho gus am fàs ur feusag, agus an sin tillibh.
6
Agus nuair a chunnaic clann Amoin gun do rinn iad iad fhèin gràineil do Dhaibhidh, chuir Hanun agus clann Amoin mìle tàlann airgid a thuarasdalachadh charbad agus marc‐shluaigh dhaibh à Mesopotamia, agus à Siria‑maachah, agus à Sobah.
7
Agus thuarasdalaich iad dà‑mhìle‐dheug ar fhichead fear, agus carbadan, agus rìgh Mhaachah agus a shluagh; agus thàinig iadsan agus champaich iad fa chomhair Mhedeba. Agus chruinnich clann Amoin iad fhèin an ceann a chèile as am bailtean, agus thàinig iad a‑chum catha.
8
Agus nuair a chuala Daibhidh sin, chuir e a‑mach Ioab, agus uile fheachd nan daoine treuna.
9
Agus thàinig clann Amoin a‑mach, agus chuir iad an cath ann an òrdagh fa chomhair geata a’ bhaile: agus bha na rìghrean a thàinig leo fhèin anns a’ mhachair.
10
Agus nuair a chunnaic Ioab gu robh aghaidh a’ chatha ris air a bheulaibh agus air a chùlaibh, thagh e a‑mach cuid de uile dhaoine taghte Israeil, agus chuir e ann an òrdagh catha iad an aghaidh nan Sirianach.
11
Agus a’ chuid eile den t‑sluagh thug e thairis do làimh Abisai a bhràthair, agus chuir iadsan iad fhèin an òrdagh an aghaidh chloinn Amoin.
12
Agus thubhairt e, Ma bhios na Sirianaich nas treasa na mise, an sin cuidichidh tusa leamsa: ach ma bhios clann Amoin nas treasa na thusa, an sin cuidichidh mise leatsa.
13
Bi misneachail, agus bitheamaid gaisgeil airson ar sluaigh, agus airson bailtean ar Dè: agus dèanadh an Tighearna an nì a tha math na shùilean.
14
Agus thàinig Ioab am fagas, agus an sluagh a bha maille ris, an aghaidh nan Sirianach gu cath; agus theich iad roimhe.
15
Agus nuair a chunnaic clann Amoin gun do theich na Sirianaich, theich iadsan mar an ceudna ro Abisai a bhràthair, agus chaidh iad a‑steach don bhaile. An sin thàinig Ioab gu Ierusalem.
16
Agus nuair a chunnaic na Sirianaich gun do bhuaileadh iad ro Israel, chuir iad teachdairean uapa, agus thug iad a‑mach na Sirianaich a bha air an taobh thall den abhainn; agus chaidh Sophach ceannard armailt Hadareseir romhpa.
17
Agus nuair a dh’innseadh sin do Dhaibhidh, chruinnich e Israel uile, agus chaidh e thar Iòrdan, agus thàinig e orra, agus chuir e an cath ann an òrdagh nan aghaidh. Agus nuair a chuir Daibhidh an cath ann an òrdagh an aghaidh nan Sirianach, chog iad ris.
18
Agus theich na Sirianaich ro Israel; agus mharbh Daibhidh de na Sirianaich fir seachd mìle carbad, agus dà‑fhichead mìle coisiche, agus mharbh e Sophach ceannard na h‑armailte.
19
Agus nuair a chunnaic seirbhisich Hadareseir gun do bhuaileadh iad ro Israel, rinn iad sìth ri Daibhidh, agus rinn iad seirbhis dha: agus cha chuidicheadh na Sirianaich le cloinn Amoin tuilleadh.
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 20 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29