bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Chronicles 17
1 Chronicles 17
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 16
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 18 →
1
A‑nis nuair a bha Daibhidh na shuidhe na thaigh, thubhairt Daibhidh ri Nàtan am fàidh, Feuch, tha mise am chòmhnaidh ann an taigh seudair, ach tha àirc coicheangal an Tighearna fo chùirteanan.
2
Agus thubhairt Nàtan ri Daibhidh, Dèan gach nì a tha ann ad chridhe; oir tha Dia leat.
3
Agus air an oidhche sin fhèin thàinig facal Dhè gu Nàtan, ag ràdh,
4
Falbh agus innis dom òglach Daibhidh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Cha tog thusa taigh dhòmhsa gu còmhnaidh a ghabhail ann:
5
Oir cha do ghabh mise còmhnaidh ann an taigh on là air an tug mi a‑nìos Israel as an Eiphit gus an là‑an‑diugh, ach bha mi o bhùth gu bùth, agus o phàillean gu pàillean.
6
Ge bè taobh a chaidh mi le Israel uile, an do labhair mi facal ri aon de bhritheamhan Israeil (don d’àithn mi mo shluagh a bheathachadh) ag ràdh, Carson nach do thog sibh dhomh taigh seudair?
7
A‑nis uime sin, mar seo their thu rim sheirbhiseach Daibhidh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thug mi thu o chrò nan caorach, o leantainn nan caorach, gu bhith ad cheannard air mo shluagh Israel:
8
Agus bha mi leat gach taobh a chaidh thu, agus gheàrr mi as do naimhdean uile romhad, agus rinn mi dhut ainm cosmhail ri ainm nan daoine mòra a tha air an talamh.
9
Agus dh’òrdaich mi àite dom shluagh Israel, agus shuidhich mi iad, agus gabhaidh iad còmhnaidh nan àite, agus cha ghluaisear iad tuilleadh: cha mhò a chlaoidheas clann na h‑aingidheachd iad tuilleadh, mar an toiseach,
10
Agus on àm anns an d’àithn mi do bhritheamhan a bhith os cionn mo shluaigh Israeil: agus ceannsaichidh mi do naimhdean uile. Mar an ceudna tha mi ag innse dhut gun tog an Tighearna taigh dhut.
11
Agus nuair a choileanar do làithean, agus gur èiginn dhut triall maille rid athraichean, togaidh mise suas do shliochd ad dhèidh, a bhios ded mhic; agus daingnichidh mi a rìoghachd‐san.
12
Togaidh esan taigh dhomh, agus daingnichidh mi a rìgh‐chathair gu bràth.
13
Bidh mi am athair dha, agus bidh esan na mhac dhòmhsa, agus cha toir mi mo thròcair air falbh uaithe, mar a thug mi uaithesan a bha romhadsa.
14
Agus suidhichidh mi e ann am thaigh agus ann am rìoghachd gu bràth: agus bidh a rìgh‐chathair daingeann gu bràth.
15
A rèir nam briathran seo uile, agus a rèir an taisbeanaidh seo uile, mar sin labhair Nàtan ri Daibhidh.
16
An sin chaidh rìgh Daibhidh a‑steach, agus shuidh e am fianais an Tighearna, agus thubhairt e, Cò mise, O Thighearna Dhè, agus ciod e mo thaigh, gun tug thu mi gu ruige seo?
17
Agus bu bheag seo ad shùilean‐sa, O Dhè, oir labhair thu mar an ceudna mu thaigh do sheirbhisich rè aimsir fhada ri teachd, agus thug thu meas orm a rèir staid duine àrd‐inbhich, a Thighearna Dhè.
18
Ciod tuilleadh as urrainn Daibhidh a ràdh riut, airson urram do sheirbhisich? Ach is aithne dhut do sheirbhiseach.
19
A Thighearna, is ann airson do sheirbhisich agus a rèir do chridhe fhèin a rinn thu na nithean mòra seo uile, a‑chum gun dèanadh tu na nithean mòra seo gu lèir aithnichte.
20
O Thighearna, chan eil neach ann cosmhail riutsa, agus chan eil Dia ann ach thusa, a rèir gach nì a chuala sinn le ar cluasan.
21
Agus cia an cinneach air thalamh cosmhail rid shluagh Israel, a chaidh Dia a shaoradh mar shluagh dha fhèin, a dhèanamh ainme dhut fhèin, a dhèanamh nithean mòra agus uamhasach le cinnich fhògradh rod shluagh, a shaor thu as an Eiphit?
22
Oir rinn thu do shluagh Israel nan sluagh dhut fhèin gu bràth; agus tha thusa, a Thighearna, ad Dhia aca.
23
A‑nis, matà, a Thighearna, am facal a labhair thu mu thimcheall do sheirbhisich, agus mu thimcheall a thaighe, daingnichear e gu bràth, agus dèan mar a thubhairt thu.
24
Biodh e eadhon air a dhaingneachadh, agus àrdaichear d’ainm‐sa gu bràth, ag ràdh, Is e Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, as Dia do Israel: agus biodh taigh Dhaibhidh do sheirbhiseach air a dhaingneachadh ad fhianais.
25
Oir dh’fhoillsich thusa, O mo Dhia, dod sheirbhiseach gun togadh tu taigh dha: uime sin fhuair do sheirbhiseach na chridhe ùrnaigh a dhèanamh ad làthair.
26
Agus a‑nis, a Thighearna, is tu fhèin Dia, agus gheall thu dod sheirbhiseach am maitheas seo.
27
A‑nis uime sin, guma toil leat taigh do sheirbhisich a bheannachadh, a‑chum gum bi e gu bràth ad fhianais: oir nuair a bheannaicheas tusa, a Thighearna, beannaichte bidh e gu bràth.
← Chapter 16
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 18 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29