bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Jeremiah 11
Jeremiah 11
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 12 →
1
Am facal a thàinig gu Ieremiah on Tighearna, ag ràdh,
2
Cluinn briathran a’ choicheangail seo, agus labhair iad ri fir Iùdah, agus ri luchd‐àiteachaidh Ierusaleim;
3
Agus abair riu, Mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, Mallaichte gu robh an duine nach bi umhail do bhriathran a’ choicheangail seo,
4
A dh’àithn mise dur n‑athraichean anns an là anns an tug mi iad a‑mach à tìr na h‑Eiphit, as an fhùirneis iarainn, ag ràdh, Thugaibh gèill dom ghuth, agus dèanaibh na nithean sin uile, a rèir mar a tha mise ag àithneadh dhuibh: mar sin bidh sibh nur sluagh dhòmhsa, agus bidh mise ann am Dhia dhuibhse;
5
A‑chum gun coilean mi na mionnan a mhionnaich mi dur n‑athraichean gun tugainn dhaibh fearann a’ sruthadh le mil agus le bainne, mar air an là‑an‑diugh. An sin fhreagair mise, agus thubhairt mi, Amhlaidh biodh, O Thighearna.
6
Agus thubhairt an Tighearna riu, Glaodh na briathran seo gu lèir, ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim, ag ràdh, Cluinnibh‐se briathran a’ choicheangail seo, agus dèanaibh iad.
7
Oir dh’earalaich mise gu dùrachdach dur n‑athraichean, air an là anns an tug mi iad a‑mach à tìr na h‑Eiphit, gus an là‑an‑diugh, ag èirigh gu moch agus ag earalachadh, ag ràdh, Thugaibh gèill dom ghuth.
8
Gidheadh cha tug iadsan gèill, cha mhò a dh’aom iad an cluas, ach ghluais iad gach aon a rèir crosdachd a dhroch chridhe fhèin: uime sin bheir mise orra uile bhriathran a’ choicheangail seo, a dh’àithn mi dhaibh a dhèanamh, ach nach do rinn iad.
9
Mar an ceudna thubhairt an Tighearna rium, Fhuaireadh co‑fheall am measg fir Iùdah, agus am measg luchd‐àiteachaidh Ierusaleim.
10
Tha iad air tilleadh air an ais gu aingidheachd an athraichean o shean, a dhiùlt mo bhriathran‐sa a choimhead; agus a chaidh air lorg dhia coimheach, a‑chum gun dèanadh iad seirbhis dhaibh: bhris taigh Israeil agus taigh Iùdah mo choicheangal, a rinn mi rin athraichean.
11
Uime sin mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mise orra dòrainn o nach bi e comasach dhaibh dol as; agus ged ghlaodh iad rium, chan èisd mi riu.
12
An sin thèid bailtean Iùdah, agus luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, agus glaodhaidh iad ris na diathan don do loisg iad tùis; ach cha dèan iad sin air aon chor an tèarnadh ri àm an airce.
13
Oir a rèir àireamh do bhailtean, bha do dhiathan, O Iùdah; agus a rèir àireamh sràidean Ierusaleim chuir sibh suas altairean don nì nàireach sin, altairean a losgadh tùise do Bhàal.
14
Air an adhbhar sin na dèan thusa ùrnaigh airson an t‑sluaigh seo, nì mo a thogas thu suas glaodh na athchuinge as an leth: oir chan èisd mise anns an àm anns an glaodh iad rium, ann an airce.
15
Ciod a tha aig mo ghràdh ri dhèanamh ann am thaigh‐sa? Chuir i an gnìomh mòr‐ghràinealachdan; agus tha an fheòil naomh air teicheadh uat. Nuair a tha thu aingidh an sin tha thu aoibhneach.
16
Gorm‐chrann ola, maiseach agus deagh‐thorach, thug an Tighearna mar ainm ort: le fuaim toirme mòire dh’fhadaidh e teine na mhullach, agus tha a gheugan air am briseadh.
17
Oir rinn Tighearna nan sluagh, a shuidhich thu, olc a labhairt ad aghaidh; airson aingidheachd taigh Israeil agus taigh Iùdah, a chuir iad an gnìomh nan aghaidh fhèin, le mise a bhrosnachadh gu feirg, le tùis a losgadh do Bhàal.
18
Thug an Tighearna, mar an ceudna, fios dhòmhsa, agus thuig mi; an sin dh’fheuch thu dhomh an innleachdan.
19
Oir bha mi mar uan, no mar dhamh, air a stiùradh a‑chum a’ chasgraidh; agus cha robh fhios agam gun do dhealbh iad innleachdan ann am aghaidh, ag ràdh, Sgriosamaid an crann maille ra thoradh, agus gearramaid e sìos à fearann nam beò, a‑chum nach bi a ainm nas mò air a chuimhneachadh.
20
Ach, O Thighearna nan sluagh, a bheir breith gu cothromach, a dhearbhas na h‑àirnean agus an cridhe, faiceam do dhìoghaltas orra; oir dhutsa dh’fhoillsich mi mo chùis.
21
Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna, A‑thaobh muinntir Anatoit, a tha ag iarraidh d’anama, ag ràdh, Na dèan fàistneachd ann an ainm Iehòbhah, mum faigh thu bàs le ar làimh‐ne:
22
Uime sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Feuch, smachdaichidh mise iad; bàsaichidh na h‑òganaich leis a’ chlaidheamh; bàsaichidh am mic agus an nigheanan le gorta.
23
Agus chan fhàgar fuidheall beò dhiubh; oir bheir mise olc air muinntir Anatoit, bliadhna an smachdachaidh.
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 12 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52