bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Jeremiah 26
Jeremiah 26
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 25
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 27 →
1
Ann an toiseach linn Iehoiacim, mhic Iosiah rìgh Iùdah, thàinig am facal seo on Tighearna, ag ràdh,
2
Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Seas ann an cùirt taigh an Tighearna, agus labhair ri uile bhailtean Iùdah, a tha a’ teachd a dhèanamh adhraidh ann an taigh an Tighearna, na h‑uile bhriathran a dh’àithneas mise dhut a labhairt riu; na lùghdaich facal;
3
A dh’fheuchainn an èisd iad, agus an till iad, gach aon o a dhroch shlighe, a‑chum gun gabh mise aithreachas den olc a tha ann am rùn a thoirt orra airson aingidheachd an gnìomharan.
4
Agus their thu riu, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Mura èisd sibh riumsa gu siubhal ann am reachd, a chuir mi fa ur comhair.
5
Gu èisdeachd a thoirt do bhriathran mo sheirbhiseach na fàidhean, a chuir mi thugaibh, araon ag èirigh gu moch agus gan cur a‑mach (ged nach d’èisd sibhse);
6
An sin nì mise an taigh seo cosmhail ri Siloh, agus nì mi a’ chathair seo na mallachadh do uile chinnich na talmhainn.
7
Agus chuala na sagartan, agus na fàidhean, agus an sluagh uile, Ieremiah a’ labhairt nam briathran seo ann an taigh an Tighearna.
8
A‑nis thàrladh air do Ieremiah sgur de labhairt nan uile nithean a dh’àithn an Tighearna dha a labhairt ris an t‑sluagh uile, gun do ghlac na sagartan, agus na fàidhean, agus an sluagh uile e, ag ràdh, Cuirear gu deimhinn gu bàs thu.
9
Carson a rinn thu fàistneachd ann an ainm an Tighearna, ag ràdh, Bidh an taigh seo cosmhail ri Siloh, agus cuirear a’ chathair seo fàs gun aon ga h‑àiteachadh? Agus chruinnicheadh an sluagh air fad an aghaidh Ieremiah ann an taigh an Tighearna.
10
Nuair a chuala maithean Iùdah na nithean seo, an sin thàinig iad a‑nìos o thaigh an rìgh gu taigh an Tighearna, agus shuidh iad ann an dol a‑steach a’ gheata nuaidh aig taigh an Tighearna.
11
An sin labhair na sagartan agus na fàidhean ris na maithean, agus ris an t‑sluagh gu lèir, ag ràdh, Is airidh an duine seo air bàs, oir rinn e fàistneachd an aghaidh na cathrach seo, mar a chuala sibh le ur cluasan.
12
An sin labhair Ieremiah ris na maithean uile, agus ris an t‑sluagh gu h‑iomlan, ag ràdh, Chuir an Tighearna mise a‑chum gun labhrainn ann am fàistneachd an aghaidh an taighe seo, agus an aghaidh na cathrach seo, na h‑uile bhriathran sin a chuala sibh.
13
Uime sin a‑nis leasaichibh ur slighe agus ur dèanadas, agus thugaibh gèill do ghuth an Tighearna ur Dia; agus gabhaidh an Tighearna aithreachas den olc a labhair e nur n‑aghaidh.
14
Air mo shon‐sa, feuch, tha mi nur làimh; dèanaibh rium mar a chìthear math agus ceart dhuibh.
15
Ach biodh gu cinnteach fios agaibh, ma chuireas sibh gu bàs mise, gun tarraing sibh fuil neochiontach oirbh fhèin, agus air a’ chathair seo, agus air a luchd‐àiteachaidh: oir gu fìrinneach chuir an Tighearna mise thugaibh gus na briathran seo uile a labhairt nur cluasan.
16
An sin thubhairt na maithean agus an sluagh uile ris na sagartan, agus ris na fàidhean, Chan airidh an duine seo air bàs, oir ann an ainm an Tighearna ar Dia labhair e rinn.
17
An sin sheas cuid de sheanairean na tìre suas, agus labhair iad ri uile choitheanal an t‑sluaigh, ag ràdh,
18
Rinn Micah am Morastach fàistneachd ann an làithean Heseciah rìgh Iùdah, agus labhair e ri uile shluagh Iùdah, ag ràdh, Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Bidh Sion mar mhachair air a treabhadh, agus bidh Ierusalem na cùirn, agus sliabh an taighe mar ionadan àrda na frìthe.
19
An tug Heseciah rìgh Iùdah agus Iùdah uile thairis gu bàs e? Nach robh eagal an Tighearna air, agus nach d’iarr e an Tighearna, agus ghabh an Tighearna aithreachas den olc a labhair e nan aghaidh? Ach sinne, tha sinn a’ dèanamh aimhleis mhòir an aghaidh ar n‑anama fhèin.
20
Agus bha fòs duine ann a rinn fàistneachd ann an ainm an Tighearna, Uriah mac Shemariah, o Chiriat‐iearim, a rinn fàistneachd an aghaidh na cathrach seo, agus an aghaidh na tìre seo, a rèir uile bhriathran Ieremiah:
21
Agus nuair a chuala Iehoiacim an rìgh, agus a dhaoine cumhachdach uile, agus na maithean uile, a bhriathran, dh’iarr an rìgh a chur gu bàs; agus chuala Uriah sin, agus bha eagal air, agus theich e, agus dh’imich e don Eiphit:
22
Agus chuir an rìgh Iehoiacim daoine Eiphiteach, Elnàtan mac Achboir, agus iadsan a bha leis, don Eiphit;
23
Agus thug iad Uriah a‑mach as an Eiphit, agus thug iad e a‑chum an rìgh Iehoiacim, a mharbh e leis a’ chlaidheamh, agus a thilg a chorp ann an uaighean nan daoine coitcheann.
24
Gidheadh bha làmh Ahicaim mhic Shaphain le Ieremiah, a‑chum nach biodh e air a thoirt thairis do làimh an t‑sluaigh, gu a chur gu bàs.
← Chapter 25
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 27 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52