bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Jeremiah 21
Jeremiah 21
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 20
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 22 →
1
Am facal a thàinig a‑chum Ieremiah on Tighearna, nuair a chuir an rìgh Sedeciah da ionnsaigh Pasur mac Mhelciah, agus Sephaniah mac Mhaaseiah an sagart, ag ràdh,
2
Fiosraich, guidheamaid ort, den Tighearna air ar son‐ne, oir tha Nebuchadresar rìgh Bhàbiloin a’ cogadh nar n‑aghaidh; a dh’fheuchainn an dèan an Tighearna rinn a rèir a uile bheartan iongantach, a‑chum gun tèid e suas uainn.
3
Agus thubhairt Ieremiah riu, Mar seo their sibh ri Sedeciah;
4
Mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, Feuch, tionndaidhidh mise air an ais na h‑airm‐chogaidh a tha nur làmhan, leis a bheil sibh a’ cogadh an aghaidh rìgh Bhàbiloin, agus an aghaidh nan Caldèanach a tha gur teannachadh air taobh a‑muigh a’ bhalla, agus cruinnichidh mi iad ann am meadhon a’ bhaile seo.
5
Agus nì mise fhèin cogadh nur n‑aghaidh le làimh sìnte a‑mach, agus le gàirdean treun, eadhon ann am feirg, agus ann am boile, agus ann an corraich mhòir.
6
Agus buailidh mi luchd‐àiteachaidh a’ bhaile seo, eadar dhuine agus ainmhidh; gheibh iad bàs le plàigh mhòir.
7
Agus na dhèidh sin, deir an Tighearna, bheir mi thairis Sedeciah rìgh Iùdah, agus a òglaich, agus an sluagh, eadhon na dh’fhàgar anns a’ bhaile seo on phlàigh, on chlaidheamh, agus on ghorta, do làimh Nebuchadresair rìgh Bhàbiloin, agus do làimh an naimhdean, agus do làimh na muinntir a tha ag iarraidh an anama, agus buailidh e le faobhar a’ chlaidheimh iad: cha ghabh e truas dhiubh, cha mhò a choigleas e, cha mhò a nì e tròcair.
8
Agus ris an t‑sluagh seo their thu, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha mise a’ cur mur coinneamh slighe na beatha, agus slighe a’ bhàis.
9
Esan a dh’fhanas anns a’ bhaile seo, bàsaichidh e leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh: ach esan a thèid a mach, agus a thèid thairis a dh’ionnsaigh nan Caldèanach a tha gur teannachadh mun cuairt, mairidh e beò, agus bidh a anam aige mar chobhartaich.
10
Oir chuir mise mo ghnùis an aghaidh a’ bhaile seo airson uilc, agus chan ann airson maith, deir an Tighearna; do làimh rìgh Bhàbiloin bheirear thairis e, agus loisgidh esan e le teine.
11
Agus mu thimcheall taigh rìgh Iùdah, cluinnibh‐se facal an Tighearna:
12
O thaigh Dhaibhidh, mar seo deir Iehòbhah, Dèanaibh gu moch breitheanas, agus saoraibh an duine sàraichte o làimh an fhir‐shàrachaidh, mun tèid mo chorraich‐sa a‑mach mar theine, agus mun las i air chor is nach faodar a mùchadh, airson aingidheachd ur gnìomharan.
13
Feuch, tha mise ad aghaidh, O thusa a tha a chòmhnaidh anns a’ ghleann, air carraig a’ chòmhnaird, deir an Tighearna; sibhse a tha ag ràdh, Cò a thig a‑nuas nar n‑aghaidh? No cò a thig a‑steach dar n‑ionadan‐còmhnaidh?
14
Ach smachdaichidh mise sibh a rèir toradh ur dèanadais, deir an Tighearna; agus lasaidh mi teine na coilltean, agus loisgidh e gach nì mun cuairt dha.
← Chapter 20
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 22 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52