bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Jeremiah 12
Jeremiah 12
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 13 →
1
Is ceart thusa, O Thighearna, nuair a thagras mi riut: gidheadh, ceadaich dhomh labhairt riut mu thimcheall do bhreitheanais. Carson a tha slighe nan droch dhaoine a’ soirbheachadh? Carson a tha iadsan uile suaimhneach a tha ro‑aingidh?
2
Shuidhich thusa iad, seadh, ghabh iad freumh; tha iad a’ fàs, agus fòs a’ toirt a‑mach toraidh: tha thusa dlùth nam beul, ach fada on àirnean.
3
Ach is aithne dhutsa mise, O Thighearna; chunnaic thu mi, agus dhearbh thu mo chridhe, gu bheil e leat: tarraing iad a‑mach mar chaoraich airson a’ chasgraidh, agus cuir air leth iad fa chomhair là a’ mharbhaidh.
4
Cia fhad a nì am fearann bròn, agus a bhios luibhean gach machrach a’ seargadh, airson aingidheachd a luchd‐àiteachaidh? Bhàsaich gach ainmhidh agus eun, a chionn gun dubhairt iad, Chan fhaic esan ar crìoch dheireannach.
5
Ma ruith thu leis na coisichean, agus gun do sgìthich iad thu, cionnas idir a nì thu strì ri eich? Agus ann am fearann sìth, ged robh agad dòchas, gidheadh ciod a nì thu ann an onfhadh Iòrdain?
6
Airson gun do bhuin eadhon do bhràithrean agus taigh d’athar, eadhon iadsan, gu fealltach riut; ruaig eadhon iadsan thu le èigh chruaidh; na creid iad ged labhair iad briathran caoine riut.
7
Thrèig mise mo thaigh, dh’fhàg mi m’oighreachd, thug mi thairis gràdh m’anama do làimh a naimhdean.
8
Bha m’oighreachd dhòmhsa mar leòmhann anns a’ choille; chuir i a‑mach a guth ann am aghaidh: air an adhbhar sin thug mi fuath dhi.
9
Bha m’oighreachd dhòmhsa mar eun breac; O euna fuileachdach, thigibh‐se na h‑aghaidh air gach taobh; cruinnichibh, uile bheathaichean na machrach, thigibh a‑chum ithe suas.
10
Mhill mòran aodhairean mo lios‐fìona, shaltair iad mo chuibhreann fo chois, rinn iad mo chuibhreann taitneach na fhàsach uaigneach.
11
Rinn iad e na fhàsach, riumsa tha e na fhàsach ri caoidh; rinneadh an tìr gu h‑iomlan fàs, gidheadh chan eil aon neach ga chur an suim.
12
Air gach uile thulaich anns an fhàsach thàinig an luchd‐creachaidh; oir sluigidh claidheamh an Tighearna suas, o aon iomall den tìr gus an t‑iomall eile: cha bhi sìth aig aon fheòil.
13
Chuir iad cruithneachd, ach buainidh iad droigheann: shaothraich iad, ach cha bhuannaich iad; mar sin maslaichear sibh a‑thaobh ur cinneis, do bhrìgh lasair fearg an Tighearna.
14
Mar seo deir an Tighearna, A‑thaobh m’uile dhroch choimhearsnach, a tha a’ cur dragha air an oighreachd a thug mise mar sheilbh dom shluagh Israel; feuch, spìonaidh mi iad a‑mach as am fearann, agus as am meadhon spìonaidh mi a‑mach taigh Iùdah.
15
Agus tàrlaidh, an dèidh dhomh an tarraing a‑mach, gun till mi, agus gun gabh mi truas dhiubh, agus bheir mi iad air an ais, gach aon ga oighreachd fhèin, agus gach aon ga fhearann fhèin.
16
Agus tàrlaidh, ma dh’fhòghlaimeas iad da‑rìribh slighean mo shluaigh‐sa, gu mionnachadh air m’ainm, mar as beò Iehòbhah, amhail a theagaisg iadsan dom shluagh‐sa mionnachadh air Bàal, an sin daingichear iad ann am meadhon mo shluaigh.
17
Ach mura toir iad gèill, an sin spìonaidh mi a‑nìos an cinneach sin, a’ spìonadh a‑nìos agus a’ sgrios, deir an Tighearna.
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 13 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52