bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Jeremiah 9
Jeremiah 9
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 10 →
1
Och, nach b’uisge mo cheann, agus nach bu tobar dheur mo shùilean, a‑chum gun guilinn a là agus a dh’oidhche airson muinntir mharbhte nighean mo shluaigh!
2
Och, nach robh agam anns an fhàsach pàillean fir‐thurais, a‑chum gum fàgainn mo shluagh, agus gun imichinn uapa! Oir is luchd‐adhaltranais iad uile, coitheanal de dhaoine cealgach.
3
Agus tha iad a’ lùbadh an teangaidh mar am bogha a‑chum ceilge; ach chan eil iad treubhach airson na fìrinn anns an talamh: oir tha iad a’ dol air an aghaidh o olc gu olc, agus chan eil eòlas aca ormsa, deir an Tighearna.
4
Bithibh air ur faicill, gach aon ro a choimhearsnach, agus na earbaibh à bràthair air bith: oir le foill meallaidh gach bràthair, agus gluaisidh gach companach gu cealgach.
5
Agus meallaidh iad, gach aon a choimhearsnach, agus cha labhair iad an fhìrinn: chleachd iad an teanga ri labhairt bhreug; sgìthich iad iad fhèin, a’ cur an gnìomh dòbheairt.
6
Tha do chòmhnaidh ann am meadhon ceilge; ann an ceilg tha iad a’ diùltadh eòlas a ghabhail ormsa, deir an Tighearna.
7
Air an adhbhar sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Feuch, leaghaidh mi iad, agus dearbhaidh mi iad; oir ciod a dh’fhaodas mi a dhèanamh a‑thaobh nighean mo shluaigh?
8
Tha an teanga mar shaighead fir‐mhillidh; is cealg as cainnt dhi: le a bheul labhraidh neach gu sìochail ra choimhearsnach, ach na chridhe tha e a’ caitheamh foill air.
9
Airson nan nithean seo nach tig mise gan amharc? deir an Tighearna: air a leithid seo de chinneach nach dèan m’anam dìoghaltas?
10
Airson nan slèibhtean togaidh mi gul agus caoidh, agus airson ionadan còmhnaidh an fhàsaich, tuireadh, a chionn gu bheil iad air an losgadh suas, air chor is nach tèid aon neach tromhpa; agus cha chluinnear annta guth na sprèidhe: eunlaith an adhair agus an t‑ainmhidh maraon theich, shiubhail air falbh.
11
Agus nì mise Ierusalem na cùirn, na h‑uaimh dhràgon; agus bailtean Iùdah nì mi nam fàsach, gun neach gan àiteachadh.
12
Cò e an duine glic, a thuigeas seo, agus ris an do labhair beul an Tighearna, a‑chum gun cuireadh e an cèill e? Carson a tha an tìr air a milleadh, air a losgadh suas mar fhàsach, nach eil aon neach ag imeachd troimhpe?
13
Agus thubhairt an Tighearna, Do bhrìgh gun do thrèig iad mo reachd a chuir mise fan comhair, agus nach robh iad umhail dom ghuth, cha mhò a ghluais iad da rèir;
14
Ach gun do ghluais iad a rèir breithneachadh an cridhe fhèin, agus an dèidh nan dia a theagaisg an athraichean dhaibh:
15
Uime sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Feuch, beathaichidh mise iad, eadhon an sluagh seo, le searbh‐luibhean, agus bheir mi uisge domblais dhaibh ra òl.
16
Sgapaidh mi iad mar an ceudna am measg nan cinneach, air nach robh aon chuid iad fhèin no an athraichean eòlach; agus cuiridh mi an claidheamh air an tòir, gus an cuir mi as dhaibh.
17
Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Thugaibh fa‑near, agus gairmibh mnathan‐tuiridh, agus thigeadh iad; agus cuiribh fios air mnathan seòlta, agus thigeadh iadsan:
18
Agus deifricheadh iad, agus togadh iad suas caoidh air ar son, a‑chum gun ruith ar sùilean sìos le deòir, agus gum brùchd ar rosgan a‑mach le uisgeachan.
19
Gun amharas chualas guth caoidh à Sion, Cionnas a tha sinn air ar creachadh! Tha sinn air ar maslachadh gu ro‑mhòr! A chionn gun do thrèig sinn am fearann, a chionn gun do thilg iad sìos ar n‑ionadan‐còmhnaidh.
20
Air an adhbhar sin èisdibh, O mhnathan, facal an Tighearna, agus glacadh ur cluas facal a bheòil; agus teagaisgibh dur nigheanan caoidh, agus gach aon da bana‑choimhearsnaich tuireadh:
21
Oir tha am bàs air teachd an àird gus ar n‑uinneagan, air teachd a‑steach gus ar lùchairtean; thàinig e a ghearradh sìos araon an naoidhein anns a’ mhachair agus nan òganach anns na sràidean.
22
Abair, Mar seo deir an Tighearna, Tuitidh eadhon colainnean dhaoine mar aolach air aghaidh na faiche, agus mar an dlagh an dèidh a’ bhuanaiche nuair nach bi aon neach ann gu a thional.
23
Mar seo deir an Tighearna, Na dèanadh an duine glic uaill as a ghliocas, agus na dèanadh an duine neartmhor uaill as a neart, agus na dèanadh an duine saoibhir uaill as a shaoibhreas:
24
Ach dèanadh esan a nì uaill, uaill à seo, gu bheil tuigse agus eòlas aige ormsa, gur mi an Tighearna a nochdas coibhneas gràdhach, breitheanas, agus ceartas air an talamh; oir anns na nithean seo tha mo thlachd‐sa, deir an Tighearna.
25
Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an smachdaich mise na h‑uile a tha timcheall‐gheàrrte, maille ris an neo‐thimcheall‐gheàrrte;
26
An Eiphit, agus Iùdah, agus Edom, agus clann Amoin, agus Mòab, agus na h‑uile a tha anns na ceàrnan iomallach, a tha a chòmhnaidh anns an fhàsach: oir tha na cinnich seo uile neo‐thimcheall‐gheàrrte, agus tha taigh Israeil uile neo‐thimcheall‐gheàrrte nan cridhe.
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 10 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52