bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Jeremiah 16
Jeremiah 16
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 17 →
1
Thàinig facal an Tighearna fòs am ionnsaigh, ag ràdh,
2
Cha ghabh thu dhut fhèin bean, cha mhò a bhios agad mic no nigheanan anns an àite seo.
3
Oir mar seo deir an Tighearna, A‑thaobh nam mac, agus a‑thaobh nan nigheanan, a tha air am breith anns an àite seo, agus a‑thaobh am màthraichean a rug iad, agus a‑thaobh an athraichean a ghin iad, anns an tìr seo;
4
Le bàs doilgheasach bàsaichidh iad; chan adhlaicear iad; mar aolach air aghaidh na talmhainn bidh iad; le claidheamh fòs, agus le gorta, caithear iad; agus bidh an cairbhean mar lòn do eunlaith an adhair, agus do bheathaichean na talmhainn.
5
Oir mar seo deir an Tighearna, Cha tèid thu a‑steach do thaigh a’ bhròin, cha mhò a thèid thu a dhèanamh caoidh, no a thoirt dhaibh comhfhurtachd; oir thug mise air falbh mo shìth on t‑sluagh seo, deir an Tighearna, eadhon coibhneas gràdhach, agus caomh‐thròcairean.
6
Agus gheibh iad bàs, eadar bheag agus mhòr, anns an tìr seo; chan adhlaicear iad, agus cha dèanar caoidh air an son; cha gheàrr aon neach e fhèin, cha mhò a nì aon neach e fhèin maol air an son.
7
Agus cha bhris daoine aran nam measg ri àm bròin, a‑chum comhfhurtachd a thoirt dhaibh airson neach a fhuair bàs; cha mhò a bheirear dhaibh deoch à cupan na comhfhurtachd, airson athair neach, no airson a mhàthar.
8
Mar an ceudna cha tèid thu gu taigh na cuirme gu suidhe sìos maille riu a dh’ithe agus a dh’òl.
9
Oir mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, feuch, cuiridh mise na thosd anns an àite seo, fa chomhair ur sùl‐se agus ur làithean, guth an t‑subhachais, agus guth an aoibhneis, guth an fhir nuadh‐phòsda, agus guth na mnà nuadh‐phòsda.
10
Agus tàrlaidh, nuair a dh’innseas tu don t‑sluagh seo na nithean seo uile, agus a their iad riut, Carson a labhair an Tighearna nar n‑aghaidh an t‑olc mòr seo uile? Agus ciod i ar n‑aingidheachd, agus ciod e ar lochd, a chuir sinn an gnìomh an aghaidh an Tighearna ar Dia?
11
An sin their thusa riu, A chionn gun do thrèig ur n‑athraichean mise, deir an Tighearna, agus gun deachaidh iad air lorg dhia eile, agus gun tug iad seirbhis dhaibh, agus gun tug iad dhaibh adhradh, agus gun do thrèig iad mise, agus nach do choimhead iad mo reachd.
12
Agus gun do rinn sibhse nas miosa na ur n‑athraichean; oir feuch, tha sibh ag imeachd, gach aon a rèir ais‐innleachd a dhroch chridhe fhèin, gun ghèill a thoirt dhòmhsa.
13
Uime sin tilgidh mi sibh a‑mach as an tìr seo, gu tìr air nach d’fhuair sibh eòlas, sibh fhèin no ur n‑athraichean; agus an sin nì sibh seirbhis do dhiathan coimheach, a là agus a dh’oidhche, a chionn nach dèan mise tròcair oirbh.
14
Uime sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns nach abrar nas mò, Mar as beò an Tighearna, a thug a‑nìos clann Israeil à tìr na h‑Eiphit:
15
Ach, Mar as beò an Tighearna, a thug air an ais clann Israeil o thalamh na h‑àird a tuath, agus o gach talamh gus an d’fhògair e iad; oir bheir mise air an ais iad gu am fearann fhèin, a thug mi don athraichean.
16
Feuch, cuiridh mi fios air mòran iasgairean, deir an Tighearna, agus nì iad an iasgach; agus na dhèidh sin, cuiridh mi fios air mòran shealgairean, agus nì iad an sealg, o gach uile shliabh, agus o gach uile chnoc, agus o sgoltan nan creag.
17
Oir tha mo shùilean‐sa air an uile shlighean; chan eil iad falaichte om ghnùis, cha mhò a tha an aingidheachd air a còmhdachadh o fhradharc mo shùl.
18
Agus dìolaidh mi le tomhas dùbailte an aingidheachd agus an lochd, a chionn gun do thruaill iad m’fhearann le sailchead an gnìomharan fuathach; agus len gràinealachdan lìon iad m’oighreachd.
19
O Thighearna, mo neart, agus mo dhaingneach, agus mo dhìdean ann an là na h‑airce; ad ionnsaigh‐sa thig na cinnich o chrìochan na talmhainn, agus their iad, Gu deimhinn shealbhaich ar n‑athraichean nì gun bhrìgh; dìomhanas, agus nithean gun tairbhe.
20
An dèan duine dha fhèin diathan, agus nach eil iad nan diathan?
21
Air an adhbhar sin, foillsichidh mi dhaibh, air an aon uair seo, foillsichidh mi dhaibh mo làmh agus mo chumhachd; agus bidh fhios aca gur e m’ainm Iehòbhah.
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 17 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52