bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Jeremiah 14
Jeremiah 14
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 15 →
1
Facal an Tighearna a thàinig gu Ieremiah a‑thaobh na gainne.
2
Tha Iùdah ri bròn, dh’fhàs a geatachan lag; tha iad duaichnidh air an làr; agus tha gaoir Ierusaleim air dol suas.
3
Chuir na h‑uaislean fòs an clann bheag a dh’iarraidh uisge: thàinig iad gus na sluic, agus cha d’fhuair iad uisge sam bith; thill iad len soithichean falamh; bha nàire agus masladh orra, chòmhdaich iad an cinn.
4
A chionn gu bheil am fearann na smùr, oir cha robh uisge anns an tìr; ghabh na treabhaichean nàire, dh’fhalaich iad an cinn.
5
Seadh fòs, rug an eilid a laogh anns a’ mhachair, agus thrèig i e, a chionn nach robh feur ann.
6
Agus sheas na h‑asail fhiadhaich air na h‑ionadan àrda, tharraing iad suas a’ ghaoth mar dhràgonan; dh’fhàilnich an sùilean a chionn nach robh feur ann.
7
Ged tha ar n‑euceartan a’ tabhairt fianais nar n‑aghaidh, O Thighearna, dèan thusa air sgàth d’ainme fhèin: oir tha ar cùl‐sleamhnachaidh lìonmhor, pheacaich sinn ad aghaidh.
8
O dhòchais Israeil, a Shlànaighear ri àm airce, cuime am biodh tu mar choigreach anns an tìr, agus mar fhear‐turais a thionndaidheas a lethtaobh gu fuireach car oidhche?
9
Cuime am biodh tu mar neach ann an suain chadail, mar ghaisgeach aig nach eil cumhachd gu tèarnadh? Gidheadh tha thusa, O Thighearna, nar meadhon, agus ortsa tha sinn air ar n‑ainmeachadh; na dèan ar trèigsinn.
10
Mar seo deir an Tighearna a‑thaobh an t‑sluaigh seo, Mar seo bu toil leo dol air seachran, cha do chùm iad air an ais an casan; uime sin cha ghabh an Tighearna riu, cuimhnichidh e a‑nis an aingidheachd, agus cronaichidh e an cionta.
11
Uime sin thubhairt an Tighearna rium, Na guidh as leth an t‑sluaigh seo airson an leas.
12
Nuair a thraisgeas iad, chan èisd mise rin glaodh; agus nuair a dh’ìobras iad ìobairt‐loisgte agus tabhartas, cha ghabh mise iad; ach leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh, cuiridh mi as dhaibh.
13
An sin thubhairt mise, Och! a Thighearna Dhia! Feuch, tha na fàidhean ag ràdh riu, Chan fhaic sibh an claidheamh, cha mhò a thig gort oirbh, ach sìth chinnteach bheir mise dhuibh anns an àite seo.
14
An sin thubhairt an Tighearna rium, Tha na fàidhean ri fàistneachd bhrèige ann am ainm‐sa; cha do chuir mise uam iad, cha mhò a thug mi àithne dhaibh, cha mhò a labhair mi riu: sealladh breugach, agus fiosachd, agus neoni, agus mealltaireachd an cridhe fhèin, tha iad a’ fàistneachd dhuibh.
15
Uime sin mar seo deir an Tighearna, A‑thaobh nam fàidhean a tha ri fàistneachd ann am ainm‐sa, ged nach do chuir mise a‑mach iad, agus ag ràdh, Cha bhi claidheamh agus gorta anns an fhearann seo; le claidheamh agus le gorta bidh na fàidhean sin air an caitheamh.
16
Agus bidh an sluagh don do rinn iad fàistneachd air an tilgeadh a‑mach ann an sràidean Ierusaleim, fa chùis na gorta, agus a’ chlaidheimh, agus cha bhi neach ann a dh’adhlaiceas iad; iad fhèin, am mnathan, agus am mic, agus an nigheanan: oir taomaidh mise orra fhèin an aingidheachd.
17
Agus labhraidh tu riu am facal seo: Sileadh mo shùilean le deòir a dh’oidhche is a là, agus na sguireadh iad: oir tha òigh‐nighean mo shluaigh air a dochann le dochann mòr, le buille ro‑chràiteach.
18
Ma thèid mi a‑mach don mhachair, an sin feuch iadsan a mharbhadh leis a’ chlaidheamh! Agus ma thèid mi a‑steach don chathair, an sin feuch iadsan a tha air an claoidh leis a’ ghorta! Seadh, tha am fàidh agus fòs an sagart ag imeachd air chuairt, gu talamh anns nach eil iad eòlach.
19
An do chuir thu gu tur cùl ri Iùdah? An d’fhuathaich d’anam Sion? Cuime an do bhuail thu sinn, agus gun aon chobhair againn? Bha ar sùil ri sìth, ach math cha tàinig; agus ri àm leighis, agus feuch àmhghar!
20
Tha sinn ag aideachadh, O Thighearna, ar n‑aingidheachd fhèin, agus euceart ar n‑athraichean; oir pheacaich sinn ad aghaidh‐sa.
21
Na tilg uat sinn air sgàth d’ainme fhèin; na maslaich cathair do ghlòire: cuimhnich, na bris do choicheangal rinn.
22
A bheil aon air bith am measg dìomhanais nan cinneach as urrainn uisge a thoirt seachad? No an urrainn na nèamhan frasan a thabhairt? Nach tu fhèin an tì a nì sin, O Thighearna ar Dia‑ne? Air an adhbhar sin, feithidh sinne riut; oir is tu a rinn na nithean seo uile.
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 15 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52