bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Matthew 1
Matthew 1
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 2 →
1
Leabhar sloinntearachd Ìosa Crìosd, mhic Dhaibhidh, mhic Abrahàim:
2
Ghin Abrahàm Ìsaac, ghin Ìsaac Iàcob, ghin Iàcob Iùdas agus a bhràithrean,
3
ghin Iùdas Phares agus Sàra o Thamar, ghin Phares Esrom, ghin Esrom Aram,
4
ghin Aram Aminadab, ghin Aminadab Naasòn, ghin Naasòn Salmon,
5
ghin Salmon Bòas o Rachab, ghin Bòas Obed o Rut, ghin Obed Iese,
6
ghin Iese Daibhidh an rìgh. Ghin Daibhidh an rìgh Solamh on bhean a bh' aig Uriah,
7
ghin Solamh Rebòam, ghin Rebòam Abia, ghin Abia Asa,
8
ghin Asa Iòsaphat, ghin Iòsaphat Iòram, ghin Iòram Òtsiah,
9
ghin Òtsiah Iòatam, ghin Iòatam Ahas, ghin Ahas Heseciah,
10
ghin Heseciah Manaseh, ghin Manaseh Amòs, ghin Amòs Iòsiah,
11
ghin Iòsiah Iechoniah agus a bhràithrean, aig àm an fhògraidh do Bhàbilon.
12
Às dèidh an fhògraidh do Bhàbilon: ghin Iechoniah Salatiel, ghin Salatiel Sorobabel,
13
ghin Sorobabel Abiud, ghin Abiud Eliacim, ghin Eliacim Asòr,
14
ghin Asòr Sadòc, ghin Sadòc Achim, ghin Achim Eliud,
15
ghin Eliud Eleàsar, ghin Eleàsar Matan, ghin Matan Iàcob,
16
ghin Iàcob Iòsaph, an duine aig Moire, on do rugadh Ìosa, ris an canar Crìosd.
17
Mar sin b' iad na ginealaichean uile o Abrahàm gu Daibhidh ceithir ginealaichean deug, agus o Dhaibhidh gu fògradh Bhàbiloin ceithir ginealaichean deug, agus o fhògradh Bhàbiloin gu Crìosd, ceithir ginealaichean deug.
18
A‑nis seo mar a bha breith Ìosa Crìosd: nuair a bha a mhàthair Moire air ceangal‑pòsaidh a dhèanamh le Iòsaph, mus tàinig iad còmhla, chaidh a faighinn torrach on Spiorad Naomh.
19
Ach on a bha Iòsaph, an duine aice, ionraic agus ain‑deònach a maslachadh, chuir e roimhe a cur air falbh gu dìomhair.
20
Ach fhad 's a bha e a' smaoineachadh mu na rudan seo, seallaibh, nochd aingeal an Tighearna ris ann an aisling, ag ràdh, “Iòsaiph, a mhic Dhaibhidh, na biodh eagal ort Moire a ghabhail mar bhean, oir an nì a tha air a ghineamhainn innte, is ann on Spiorad Naomh a tha e.
21
Beiridh i mac, agus bheir thu Ìosa mar ainm air, oir sàbhailidh esan a shluagh om peacaidhean.”
22
Thachair seo uile airson 's gun deigheadh an rud a thuirt an Tighearna tron fhàidh a choileanadh, a tha ag ràdh,
23
“Seallaibh, bidh an òigh torrach agus beiridh i mac, agus gabhaidh iad Emanuel air” (a tha a' ciallachadh, ‘Dia còmhla rinn’).
24
Nuair a dhùisg Iòsaph às a chadal, rinn e mar a dh'iarr aingeal an Tighearna air: ghabh e a bhean thuige,
25
ach cha do chuir e eòlas oirre gus an do rug i mac. Agus thug e Ìosa mar ainm air.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28