bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Matthew 3
Matthew 3
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 4 →
1
Anns na làithean sin thàinig Eòin Baistidh a' searmonachadh ann am fàsach Iudèa,
2
ag ràdh, “Dèanaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh faisg air làimh.”
3
Oir is e seo esan mun do bhruidhinn Isaiah am fàidh nuair a thuirt e: “Guth aoin ag èigheach anns an fhàsach, ‘Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a fhrith‑rathaidean dìreach.’”
4
A‑nis bha aodach de dh'fhionnadh chàmhal aig Eòin air fhèin agus crios leathair ma mheadhan, agus is e lòcaist agus mil fhiadhaich a bu bhiadh dha.
5
An uair sin bha Ierusalem agus Iudèa uile agus an ceàrnaidh uile mu thimcheall air Iòrdan a' dol a‑mach thuige
6
agus bha e gam baisteadh ann an Abhainn Iòrdain, is iad ag aideachadh am peacaidhean.
7
Ach nuair a chunnaic e mòran dhe na Pharasaich agus dhe na Sadusaich a' tighinn airson baisteadh, thuirt e riutha, “A shìol nan nathraichean nimhe, cò a thug rabhadh dhuibhse teicheadh on chorraich a tha ri thighinn?
8
Thugaibh a‑mach toradh iomchaidh an aithreachais.
9
Agus na smaoinichibh a ràdh rib' fhèin, ‘Tha athair againn, Abrahàm!’ Oir tha mi ag ràdh ribh gu bheil Dia comasach air clann a thogail suas do dh'Abrahàm o na clachan seo.
10
Ach mu thràth tha an tuagh air a cur ri bun nan craobh; mar sin gach craobh nach toir a‑mach toradh math, thèid a gearradh sìos, agus a tilgeil dhan teine.
11
“Tha mise gur baisteadh le uisge airson aithreachais, ach tha esan a tha a' tighinn às mo dhèidh nas cumhachdaiche na mise, agus chan airidh mise air a chuarain a ghiùlain. Baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine.
12
Tha a ghuit aige na làimh, agus glanaidh e an t‑ùrlar‑bualaidh aige, agus cruinnichidh e a chruithneachd dha shabhal, ach loisgidh e am moll le teine nach urrainn a bhith air a chur às.”
13
An uair sin thàinig Ìosa o Ghalile chun na h‑Iòrdain gu Eòin, airson gum biodh e air a bhaisteadh leis.
14
Ach dh'fheuch Eòin ri a bhacadh, ag ràdh, “Tha feum agamsa a bhith air mo bhaisteadh leatsa, agus a bheil thusa a' tighinn thugamsa?”
15
Ach fhreagair Ìosa e, “Leig leis a bhith mar seo an‑dràsta, oir mar seo tha e iomchaidh dhuinn gach uile fhìreantachd a choileanadh.” An uair sin leig e leis.
16
Agus nuair a chaidh Ìosa a bhaisteadh, sa bhad chaidh e suas às an uisge, agus seall, chaidh na nèamhan fhosgladh dha, agus chunnaic e Spiorad Dhè a' tighinn sìos mar chalman agus a' tighinn air.
17
Agus seall, thuirt guth o nèamh, “Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mi fìor thoilichte.”
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28