bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Matthew 4
Matthew 4
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 5 →
1
An uair sin chaidh Ìosa a threòrachadh leis an Spiorad dhan fhàsach airson a bhith air a bhuaireadh leis an diabhal.
2
Agus às dèidh dha trasgadh airson ceathrad latha agus ceathrad oidhche, bha an t‑acras air.
3
Agus thàinig am buaireadair is thuirt e, “Mas tu Mac Dhè, can ris na clachan seo tionndadh nan aran.”
4
Ach fhreagair esan, “Tha e sgrìobhte: ‘Chan ann le aran a‑mhàin a bhios duine beò, ach leis a h‑uile facal a thig o bheul Dhè.’ ”
5
An uair sin thug an diabhal e chun a' bhaile naoimh agus chuir e air binnean an teampaill e
6
agus thuirt e ris, “Mas tu Mac Dhè, tilg thu fhèin sìos, oir tha e sgrìobhte: ‘Bheir e àithne dha ainglean mud thimcheall,’ agus ‘Togaidh iad suas thu nan làmhan, air eagal 's gum buail thu do chas air cloich.’ ”
7
Thuirt Ìosa ris, “A‑rithist tha e sgrìobhte, ‘Cha bhuair thu an Tighearna do Dhia.’ ”
8
A‑rithist thug an diabhal e gu beinn ro àrd, agus sheall e dha rìoghachdan an t‑saoghail gu lèir agus a' ghlòir aca.
9
Agus thuirt e ris, “Bheir mise dhut iad seo uile, ma thuiteas tu sìos agus ma nì thu adhradh dhòmhsa.”
10
An uair sin thuirt Ìosa ris, “Thalla uam, a Shàtain! Oir tha e sgrìobhte, ‘Nì thu adhradh dhan Tighearna do Dhia, agus dhàsan a‑mhàin nì thu seirbheis.’ ”
11
An uair sin dh'fhàg an diabhal e, agus, seall, thàinig ainglean agus bha iad a' frithealadh dha.
12
Ach nuair a chuala Ìosa gun deach Eòin a chur an greim, tharraing e air ais do Ghalile.
13
Agus a' fàgail Nàsaret chaidh e agus dh'fhuirich e aig Capernàum ri taobh na mara, ann na ceàrnaidhean Shabuloin is Nephtali —
14
airson 's gun deigheadh an rud a thuirt Isaiah am fàidh a choileanadh:
15
“Talamh Shabuloin is talamh Nephtali, slighe na fairge, air taobh thall Iòrdain, Galile nan Cinneach —
16
an sluagh a bha a' fuireach ann an dorchadas, chunnaic iad solas mòr; agus na daoine a bha a' fuireach ann an tìr agus sgàil a' bhàis, orrasan tha solas air èirigh.”
17
On àm sin thòisich Ìosa air searmonachadh, ag ràdh, “Dèanaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh faisg air làimh.”
18
Agus fhad 's a bha e a' coiseachd ri taobh Muir Ghalile, chunnaic e dithis bhràithrean, Sìmon (ris an canar Peadar) agus Anndra a bhràthair, a' tilgeil lìon dhan mhuir, oir b' e iasgairean a bh' annta.
19
Agus thuirt e riutha, “Thigibh às mo dhèidh‑sa, agus nì mi sibh nur n‑iasgairean de dhaoine.”
20
Sa bhad dh'fhàg iad an lìn agus lean iad esan.
21
Agus a' dol air adhart às a sin, chunnaic e dithis bhràithrean eile, Seumas mac Shebede agus Eòin a bhràthair, anns an eathar còmhla rin athair Sebede, a' càradh an lìn, agus ghairm e iad.
22
Sa bhad dh'fhàg iad an t‑eathar agus an athair agus lean iad e.
23
Agus bha e a' dol tro Ghalile uile, a' teagasg anns na sionagogan aca is a' searmonachadh soisgeul na rìoghachd agus a' slànachadh gach gnè tinneis is gach gnè bochdainn am measg an t‑sluaigh.
24
Mar sin chaidh a chliù air feadh Shiria gu lèir, agus thug iad thuige iadsan uile a bha tinn, iadsan a bha a' fulang diofar bhochdainnean is phiantan, iadsan a bha fo chumhachd dheamhan, tuiteamaich agus luchd‑pairilis, agus shlànaich e iad.
25
Agus lean sluagh mòr e o Ghalile is o Dhecapolis, agus o Ierusalem is o Iudèa, agus o thaobh thall Iòrdain.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28