bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Matthew 16
Matthew 16
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 17 →
1
Agus thàinig na Pharasaich agus na Sadusaich, agus airson Ìosa a dhearbhadh, dh'iarr iad comharra o nèamh air.
2
Ach fhreagair esan, “Nuair a tha am feasgar ann, canaidh sibh, ‘Bidh deagh aimsir ann, oir tha an t‑adhar dearg,’
3
agus anns a' mhadainn, ‘Bidh stoirm ann an‑diugh, oir tha an t‑adhar dearg is dorcha.’ Is aithne dhuibh ciamar a dh'eadar‑mhìnicheas sibh coltas an adhair, ach chan urrainn dhuibh comharraidhean nan amannan eadar‑mhìneachadh.
4
Tha ginealach olc agus adhaltranach ag iarraidh comharraidh, ach cha tèid comharra a thoirt dha, ach comharra Iònah.” Agus dh'fhàg e iad, agus chaidh e air falbh.
5
Ach nuair a ràinig na deisciobail an taobh eile, bha iad air dìochuimhneachadh aran a thoirt leotha.
6
Thuirt Ìosa riutha, “Thoiribh an aire, agus bithibh faiceallach mu thaois ghoirt nam Pharasach agus nan Sadusach.”
7
Agus thòisich iad air deasbad, ag ràdh, “Tha seo a chionn 's nach tug sinn aran leinn.”
8
Agus a' tuigsinn seo, thuirt Ìosa, “Carson a tha sibh a' deasbad nur measg fhèin nach eil aran agaibh, sibhse air bheag creideimh?
9
An e nach eil sibh fhathast a' toirt fa‑near? An e nach eil sibh a' cuimhneachadh nan còig lofaichean airson nan còig mìle, agus cia mheud basgaid a chruinnich sibh?
10
No na seachd lofaichean airson nan ceithir mìle, agus cia mheud basgaid a chruinnich sibh?
11
Ciamar nach eil sibh a' tuigsinn nach ann mu aran a bha mi a' bruidhinn? Bithibh faiceallach mu thaois ghoirt nam Pharasach agus nan Sadusach.”
12
An uair sin thuig iad nach do dh'iarr e orra a bhith faiceallach mu thaois ghoirt an arain, ach mu theagasg nam Pharasach agus nan Sadusach.
13
A‑nis nuair a thàinig Ìosa a‑steach do cheàrnaidh Chesarèa Philipi, dh'fhaighnich e dha dheisciobail, “Cò a tha daoine ag ràdh a th' ann am Mac an Duine?”
14
Agus thuirt iad, “Tha cuid ag ràdh Eòin Baistidh, cuid eile Eliah, agus cuid eile Ieremiah, no aon dhe na fàidhean.”
15
Thuirt esan riutha, “Ach cò a tha sibhse ag ràdh a th' annam?”
16
Fhreagair Sìmon Peadar, “Is tusa an Crìosd, Mac an Dè bheò.”
17
Agus fhreagair Ìosa esan, “Is beannaichte thusa, a Shìmoin Bhar‑Iònah, oir cha do dh'fhoillsich feòil is fuil seo dhutsa ach m' Athair‑sa a th' air nèamh.
18
Agus tha mise ag ràdh riut gur tusa Peadar, agus air a' chreig seo togaidh mise m' eaglais, agus cha toir geatachan Ifrinn buaidh oirre.
19
Bheir mi dhut iuchraichean rìoghachd nèimh; agus ge b' e dè a cheanglas tusa air thalamh, bidh e ceangailte air nèamh, agus ge b' e dè a dh'fhuasglas tusa air thalamh, bidh e fuasgailte air nèamh.”
20
An uair sin dh'àithn e dha dheisciobail nach innseadh iad do neach sam bith gum b' esan an Crìosd.
21
On àm sin thòisich Ìosa air sealltainn dha dheisciobail gum feumadh esan a dhol gu Ierusalem agus mòran rudan fhulang o na h‑èildearan, o na h‑àrd‑shagartan is o na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus air an treas latha a bhith air a thogail suas.
22
Agus thug Peadar gu aon taobh e is thòisich e ga chronachadh, ag ràdh, “Gun deigheadh tròcair a dhèanamh ort, a Thighearna! Cha tachair sin gu bràth dhutsa!”
23
Ach thionndaidh e is thuirt e ri Peadar, “Thalla gu mo chùlaibh, a Shàtain! Tha thu nad cheap‑tuislidh dhomh. Oir chan eil thu a' smaoineachadh mu rudan Dhè, ach mu rudan dhaoine.”
24
An uair sin thuirt Ìosa ri dheisciobail, “Mas e toil neach sam bith tighinn às mo dhèidh‑sa, àicheadh e e fhèin, is togadh e suas a chrann‑ceusaidh agus leanadh e mise.
25
Oir ge b' e cò leis am bu toigh l' a bheatha a shàbhaladh, caillidh e i, ach ge b' e cò a chailleas a bheatha air mo shon‑sa, lorgaidh e i.
26
Oir dè a' bhuannachd a th' ann do dhuine, ma chosnas e an saoghal gu lèir ach gun caill e a bheatha? No dè a bheir duine seachad an àite a bheatha?
27
Oir tha Mac an Duine a' dol a thighinn ann an glòir Athar, le na h‑ainglean aige, agus an uair sin bheir e air ais do gach neach a rèir na rinn e.
28
Tha mise ag ràdh ribh gu fìrinneach gu bheil cuid dhiubhsan nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad Mac an Duine a' tighinn na rìoghachd fhèin.”
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 17 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28