bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Matthew 2
Matthew 2
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 3 →
1
A‑nis, às dèidh do dh'Ìosa a bhith air a bhreith ann an Betlehem Iudèa, ann an làithean Heroid an rìgh, seallaibh, thàinig Magi on àird an ear gu Ierusalem
2
ag ràdh, “Càit a bheil esan a rugadh na Rìgh nan Iùdhach? Oir chunnaic sinne a rionnag anns an àird an ear agus tha sinn air tighinn a thoirt adhraidh dha.”
3
Nuair a chuala an Rìgh Herod seo, bha e fo dhragh mòr, agus Ierusalem gu lèir còmhla ris.
4
Agus às dèidh dha na h‑àrd‑shagartan is sgrìobhaichean an t‑sluaigh gu lèir a chruinneachadh ri chèile, dh'fhaighnich e dhaibh càit an robh an Crìosd gu bhith air a bhreith.
5
Thuirt iad ris, “Ann am Betlehem Iudèa, oir is ann mar seo a chaidh a sgrìobhadh leis an fhàidh:
6
‘Agus thusa, a Bhetlehem, ann an tìr Iùdah, cha tu idir as lugha am measg ceannardan Iùdah; oir asadsa thig riaghladair a threòraicheas mo shluagh Israel.’ ”
7
An uair sin ghairm Herod gu dìomhair air na Magi agus fhuair e a‑mach uapa gu mionaideach an t‑àm anns an do nochd an rionnag.
8
Agus chuir e gu Betlehem iad, ag ràdh, “Thallaibh agus coimheadaibh gu dìcheallach airson a' phàiste, agus nuair a tha sibh air fhaighinn, innsibh dhòmhsa, airson 's gun tig mise cuideachd agus gun dèan mi adhradh dha.”
9
Às dèidh èisteachd ris an rìgh, dh'fhalbh iad; agus, seallaibh, chaidh an rionnag a chunnaic iad anns an àird an ear romhpa, gus an tàinig i agus gun do stad i os cionn an àite far an robh am pàiste.
10
Nuair a chunnaic iad an rionnag, rinn iad gàirdeachas anabarrach le aoibhneas mòr.
11
Agus a' dol a‑steach dhan taigh, chunnaic iad am pàiste còmhla ri Moire a mhàthair, agus thuit iad sìos is rinn iad adhradh dha. An uair sin, a' fosgladh nan ionmhasan aca, thairg iad tiodhlacan dha: òr is tùis is mirr.
12
Agus às dèidh dhaibh rabhadh fhaighinn ann an aisling — gun tilleadh gu Herod — dh'fhàg iad airson an dùthaich fhèin air slighe eile.
13
A‑nis nuair a bha iad air fàgail, seallaibh, nochd aingeal leis an Tighearna ri Iòsaph ann an aisling, ag ràdh, “Èirich! Gabh am pàiste agus a mhàthair, is teich dhan Èipheit, agus fan an sin gus an innis mise dhut, oir tha Herod a' dol a choimhead airson a' phàiste, airson cur às dha.”
14
Agus dh'èirich e, agus ghabh e am pàiste is a mhàthair anns an oidhche agus chaidh e dhan Èipheit
15
agus dh'fhan e an sin gu bàs Heroid. Bha sin airson 's gun deigheadh an rud a bha an Tighearna air a ràdh tron fhàidh a choileanadh: “A‑mach às an Èipheit ghairm mi mo mhac.”
16
An uair sin nuair a chunnaic Herod gun robh na Magi air a char a thoirt às, thàinig fearg mhòr air. Agus chuir e feadhainn uaithe is mharbh e na bha de bhalaich ann am Betlehem agus sa cheàrnaidh sin uile a bha dà bhliadhna a dh'aois is fodha, a rèir an ama a bha e air fhaighinn a‑mach gu mionaideach o na Magi.
17
An uair sin choileanadh na chaidh a ràdh le Ieremiah am fàidh:
18
“Chaidh guth a chluinntinn ann an Rama, caoineadh, agus caoidh ro‑mhòr, Rachel a' caoineadh airson a cloinne, agus dhiùlt i sòlas a ghabhail, a chionn 's nach eil iad ann tuilleadh.”
19
Ach nuair a chaochail Herod, seall, nochd aingeal leis an Tighearna ann an aisling ri Iòsaph anns an Èipheit
20
ag ràdh, “Èirich, thoir leat an leanabh agus a mhàthair, agus thalla gu tìr Israeil, oir fhuair iadsan a bha a' sireadh beatha an leanaibh bàs.”
21
Mar sin dh'èirich esan agus thug e leis an leanabh 's a mhàthair, agus chaidh e gu tìr Israeil.
22
Ach nuair a chuala e gu robh Archelaus a' riaghladh ann an tìr Iudèa an àite Heroid athair, bha an t‑eagal air a dhol an sin. Ach às dèidh dha rabhadh fhaighinn ann an aisling, thill e gu sgìre Ghalile,
23
agus chaidh e is dh'fhuirich e ann am baile air an robh an t‑ainm Nàsaret, airson 's gun deigheadh an rud a chaidh a ràdh leis na fàidhean a choileanadh: “Thèid Nàsarach a ghabhail air.”
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28