bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Matthew 10
Matthew 10
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 11 →
1
Agus ghairm e thuige fhèin a dhà dheisciobal dheug agus thug e ùghdarras dhaibh thairis air spioradan neòghlan, airson an tilgeil a‑mach, agus airson a h‑uile tinneas is a h‑uile seòrsa bochdainn a shlànachadh.
2
Is iad seo ainmean an dà abstol dheug: a' chiad fhear, Sìmon, ris an canar Peadar, agus Anndra a bhràthair; Seumas mac Shebede, agus Eòin a bhràthair;
3
Philip agus Bartolomèus; Tòmas agus Mata an cìs‑mhaor; Seumas mac Alphèuis, agus Tadèus;
4
Sìmon an Canàanach, agus Iùdas Iscariot, a bhrath Ìosa.
5
Chuir Ìosa a‑mach an dà fhear dheug seo, ag àithne dhaibh, “Na rachaibh gu slighe nan Cinneach agus na rachaibh a‑steach do bhaile Shamaritanach,
6
ach an àite sin thallaibh gu caoraich chaillte taigh Israeil.
7
Agus fhad 's a tha sibh a' siubhal, searmonaichibh, ag ràdh, ‘Tha rìoghachd nèimh faisg air làimh.’
8
Leighisibh an fheadhainn a tha tinn, togaibh na mairbh, glanaibh na lobhair, tilgibh a‑mach deamhainnean. An‑asgaidh fhuair sibh, an‑asgaidh thoiribh seachad.
9
Na sealbhaichibh òr no airgead no umha airson ur sporain,
10
no baga airson na slighe, no dà lèine‑fhada, no cuarain, no bata, oir is airidh an t‑obraiche air a bhiadh.
11
“Agus ge b' e baile mòr no baile beag dhan tèid sibh a‑steach, faighibh a‑mach cò a tha airidh ann agus fanaibh an sin gus am fàg sibh.
12
Agus nuair a thig sibh a‑steach do thaigh, thoiribh ur fàilte dha.
13
Agus mas airidh an taigh sin, thigeadh ur sìth air, ach mura h‑eil e airidh, tilleadh ur sìth thugaib' fhèin.
14
Agus mura gabh no nach èist neach sam bith ri ur briathran, crathaibh an dust o ur casan nuair a dh'fhàgas sibh an taigh no am baile sin.
15
Gu deimhinn, tha mi ag ràdh ribh gum bi e nas fhasa do thìr Shodoim is Ghomorrah fulang air latha a' bhreitheanais na bhios e dhan bhaile sin.
16
Seall, tha mi gar cur a‑mach mar chaoraich am measg mhadaidhean‑allaidh; mar sin bithibh cho glic ri nathraichean agus cho neoichiontach ri calmain.
17
“Bithibh air ur faiceall o dhaoine, oir bheir iad thairis sibh do chomhairlean, agus sgiùrsaidh iad sibh nan sionagogan
18
agus thèid ur toirt mu choinneamh riaghladairean agus rìghrean air mo sgàth‑sa, mar fhianais dhaibhsan agus dha na Cinnich.
19
Nuair a bheir iad thairis sibh, na bithibh fo chùram a thaobh mar a bhruidhneas sibh no dè a chanas sibh, oir bidh na chanas sibh air a thoirt dhuibh san uair sin.
20
Oir chan e sibhse a bhruidhneas, ach 's e Spiorad ur n‑Athar a bhruidhneas annaibh.
21
“Bheir bràthair bràthair thairis gu bàs, agus athair a leanabh, agus èiridh clann an aghaidh am pàrantan agus cuiridh iad gu bàs iad
22
agus bidh fuath aig a h‑uile duine dhuibh air sgàth m' ainme‑sa, ach ge b' e a leanas air chun na crìche bidh e air a shàbhaladh.
23
Agus nuair a nì iad geur‑leanmhainn oirbh ann an aon bhaile, teichibh gu baile eile; oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach bi sibh air sgur a dhol air feadh bhailtean Israeil mun tig Mac an Duine.
24
“Chan eil deisciobal os cionn a neach‑teagaisg, no seirbheiseach os cionn a mhaighstir.
25
Is leòr dhan dheisciobal a bhith coltach ris an neach‑teagaisg aige, agus dhan t‑seirbheiseach a bhith coltach ri a mhaighstir. Ma ghabh iad Beelsebul air maighstir an taighe, nach motha a nì iad sin air a theaghlach!
26
“Mar sin na biodh eagal oirbh romhpa, oir chan eil rud sam bith falaichte nach tèid fhoillseachadh agus air a chleith nach tèid a dhèanamh aithnichte.
27
Na dh'innseas mise dhuibh san dorchadas, canaibh e san t‑solas, agus an nì a chluinneas sibh sa chluais, searmonaichibh air mullach nan taighean e.
28
Agus na biodh eagal oirbh on fheadhainn a mharbhas an corp ach nach urrainn an t‑anam a mharbhadh. An àite sin, biodh eagal oirbh on Aon as urrainn an dà chuid an corp 's an t‑anam a sgrios ann an Ifrinn.
29
Nach eil dà ghealbhonn air an reic air sgillinn? Agus cha tuit aon dhiubh gu talamh às aonais ur n‑Athar‑se.
30
Ach tha fiù 's fuiltein ur cinn gu lèir air an àireamh.
31
Mar sin na biodh eagal oirbh; 's fhiach sibhse barrachd na mòran ghealbhonn.
32
“Mar sin ge b' e a dh'aidicheas mise mu choinneamh dhaoine, aidichidh mise esan cuideachd mu choinneamh m' Athar a th' air nèamh.
33
Ach ge b' e a dh'àicheas mise mu choinneamh dhaoine, àicheidh mise esan cuideachd mu choinneamh m' Athar a th' air nèamh.
34
“Na smaoinichibh gun tàinig mise a thoirt sìthe air thalamh. Chan ann a thoirt sìthe a thàinig mi, ach claidheamh.
35
Oir thàinig mi a chur “‘duine an aghaidh athar, agus nighean an aghaidh a màthar, agus nighean‑cèile an aghaidh a màthar‑cèile —
36
agus is iad na nàimhdean aig duine muinntir a theaghlaich fhèin.’
37
“Ge b' e cò a ghràdhaicheas athair no màthair nas motha na mise, chan eil e airidh orm, agus ge b' e cò a ghràdhaicheas mac no nighean os mo chionn‑sa, chan eil e airidh orm.
38
Agus ge b' e cò nach tog a chrann‑ceusaidh agus nach lean mise, chan eil e airidh orm.
39
Ge b' e cò a lorgas a bheatha, caillidh e i, agus ge b' e cò a chailleas a bheatha air mo shon‑sa, lorgaidh e i.
40
“Ge b' e cò a ghabhas ribhse, gabhaidh e riumsa, agus ge b' e a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris an Aon a chuir a‑mach mi.
41
An neach a ghabhas ri fàidh ann an ainm fàidh, gheibh e duais fàidh, agus an neach a ghabhas ri fìrean ann an ainm fìrein, gheibh e duais fìrein.
42
Agus ge b' e cò a bheir fiù 's cupa uisge fuar do dh'aon dhen fheadhainn bheaga seo, a chionn 's gur e deisciobal a th' ann, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e a dhuais air chor sam bith.”
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 11 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28