bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Matthew 14
Matthew 14
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 15 →
1
Aig an àm sin chuala Herod an tetrarc mu chliù Ìosa,
2
agus thuirt e ri a sheirbheisich, “Is e seo Eòin Baistidh. Chaidh a thogail o na mairbh, agus is ann air sgàth sin a tha na cumhachdan mìorbhaileach seo ag obrachadh ann.”
3
Oir bha Herod air Eòin a chur an greim is air a cheangal agus air a chur ann am prìosan air sgàth Heròdiais, bean Philip a bhràthair fhèin,
4
oir bha Eòin air a bhith ag ràdh ris, “Chan eil e laghail dhut i a bhith agad.”
5
Agus ged a bha Herod ag iarraidh a chur gu bàs, bha eagal air on t‑sluagh, oir mheas iad gum b' e fàidh a bh' ann.
6
Ach nuair a thàinig co‑là‑breith Heroid, rinn nighean Heròdiais dannsa mun coinneamh agus thoilich i Herod,
7
chun na h‑ìre 's gun do gheall e le mionnan gun toireadh e dhi ge b' e dè a dh'iarradh i.
8
Agus air a piobrachadh le a màthair, thuirt i, “Tha mi airson 's gun toir thu dhomh ceann Eòin Baistidh air truinnsear mòr.”
9
Agus bha an rìgh duilich, ach a thaobh nam mionnan 's air sgàth nan aoighean aige, dh'àithn e a thoirt dhi.
10
Agus chuir e fear a‑mach a thug an ceann far Eòin anns a phrìosan.
11
Agus chaidh a cheann a thoirt air truinnsear mòr is chaidh a thoirt dhan chaileig, agus thug ise gu a màthair e.
12
Thàinig a dheisciobail, agus thug iad an corp leotha is dh'adhlaic iad e, agus chaidh iad 's dh'innis iad do dh'Ìosa.
13
A‑nis nuair a chuala Ìosa seo, tharraing e air ais à sin ann an eathar gu àite fàsail leis fhèin. Ach nuair a chuala an sluagh sin, lean iad air chois e o na bailtean.
14
Agus nuair a chaidh e air tìr chunnaic e sluagh mòr, agus bha truas aige dhaibh, agus shlànaich e an fheadhainn aca a bha tinn.
15
Agus nuair a bha am feasgar ann, thàinig na deisciobail thuige agus thuirt iad, “'S e àite fàsail a tha an seo agus tha an latha a‑nis seachad; cuir an sluagh air falbh airson 's gun tèid iad dha na bailtean agus gun ceannaich iad biadh dhaib' fhèin.”
16
Ach thuirt Ìosa, “Cha leig iad a leas falbh; thugaibh‑se dhaibh rudeigin a dh'itheas iad.”
17
Thuirt iad ris, “Chan eil an seo againn ach còig lofaichean agus dà iasg.”
18
Agus thuirt esan, “Thugaibh an seo iad thugamsa.”
19
Agus dh'àithn e dhan t‑sluagh suidhe sìos air an fheur, agus a' gabhail nan còig lofaichean agus an dà iasg, sheall e suas gu nèamh, bheannaich e 's bhris e na lofaichean agus thug e iad dha na deisciobail, agus thug na deisciobail dhan t‑sluagh iad.
20
Dh'ith iad uile agus bha iad air an sàsachadh. Agus thog iad dà bhasgaid dheug làn de chriomagan a bha a chòrr.
21
Agus bha iadsan a dh'ith mu thimcheall air còig mìle fear, a thuilleadh air mnathan agus air cloinn.
22
Sa bhad thug e air na deisciobail a dhol dhan eathar agus a dhol roimhe chun an taoibh thall, fhad 's a chuir e fhèin an sluagh air falbh.
23
Agus às dèidh an sluagh a chur air falbh, chaidh e suas dhan bheinn leis fhèin a dh'ùrnaigh. Nuair a thàinig am feasgar, bha e an sin na aonar.
24
Ach bha an t‑eathar mun àm sin astar fada o thìr, air a tilgeil mun cuairt leis na tonnan, oir bha a' ghaoth nan aghaidh.
25
Mus do dh'èirich a' ghrian, thàinig e thuca, a' coiseachd air a' mhuir.
26
Ach nuair a chunnaic na deisciobail e a' coiseachd air a' mhuir, bha iad fo oillt, ag ràdh, “Is e taibhs a th' ann!” agus dh'èigh iad a‑mach le eagal.
27
Ach sa bhad bhruidhinn Ìosa riutha ag ràdh, “Biodh deagh mhisneach agaibh, is mise a th' ann — na biodh eagal oirbh.”
28
Agus fhreagair Peadar e, “A Thighearna, mas tusa a th' ann, iarr orm tighinn thugad air na h‑uisgeachan.”
29
Agus thuirt esan, “Thig.” Is thàinig Peadar a‑mach às an eathar agus choisich e air na h‑uisgeachan is thàinig e gu Ìosa.
30
Ach nuair a chunnaic e a' ghaoth cho làidir, ghabh e eagal, agus a' tòiseachadh air a dhol fodha, ghlaodh e, “A Thighearna, sàbhail mi!”
31
Anns a' bhad shìn Ìosa a‑mach a làmh agus rug e air, is thuirt e ris, “O thusa air bheag creideimh, carson a bha thu fo amharas?”
32
Agus nuair a chaidh iad a‑steach dhan eathar, sguir a' ghaoth.
33
Agus rinn iadsan a bh' anns an eathar adhradh dha, ag ràdh, “Gu fìrinneach is tusa Mac Dhè!”
34
Nuair a bha iad air a dhol thairis, thàinig iad air tìr aig Genesaret.
35
Agus nuair a dh'aithnich muinntir an àite sin e, chuir iad fios air feadh a' cheàrnaidh sin gu lèir agus thug iad thuige iadsan uile a bha tinn
36
agus ghuidh iad air airson 's gum faodadh iad beantainn fiù 's ri iomall aodaich. Agus na h‑uimhir 's a bhean dha, chaidh an leigheas.
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 15 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28