bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
John 11
John 11
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 12 →
1
A nis bha duine araid tinn, air an robh Lasarus, bho Bhethania, bho bhaile Mairi agus Marta, a piuthar.
2
(Agus bʼ i Mairi, a dhʼ ung an Tighearna le ola, ʼsa shuath a chasan le a falt; bʼ e brathair-sa Lasarus, a bha gu tinn.)
3
Uime sin chuir a pheathraichean-sa ga ionnsuidh, a g-radh: A Thighearna, tha esan is toil leat gu tinn.
4
ʼS nuair chuala Iosa so, thuirt e riu: Cha n-eil an tinneas so gu bàs, ach gu gloir Dhe, ʼs gu Mac De a bhith air a ghlorachadh leis.
5
A nis bha gaol aig Iosa air Marta, ʼs air a piuthar Mairi, agus air Lasarus.
6
Nuair a chuala e ma ta gun robh e tinn, dhʼ fhan e fhathast dà latha san aite san robh e.
7
An sin ʼnan deigh so, thuirt e ri dheisciopuil: Rachamaid gu Iudéa rithist.
8
Thuirt a dheisciopuil ris: A Rabbi, dhʼ iarr na h-Iudhaich a chianamh do chlachadh, ʼs am beil thu dol ann a rithist?
9
Fhreagair Iosa: Nach eil dà uair dhiag san latha? Ma choisicheas duine san latha, cha tuislich e: a chionn gum beil e faicinn solus an t-saoghail so:
10
Ach ma choisicheas e trath oidhche, tuislichidh e: a chionn nach eil solus ann.
11
An deigh dha so labhairt, thuirt e riu: Tha ar caraid Lasarus ʼna chadal: ach tha mise dol gus a dhusgadh as a chadal.
12
Uime sin thuirt a dheisciopuil: A Thighearna, ma tha e ʼna chadal, bithidh e gu math.
13
Ach labhair Iosa mu bhàs: us shaoil iadsan gur ann mu fhois cadail a labhair e.
14
An sin ma ta thuirt Iosa riu gu soilleir: Tha Lasarus marbh;
15
ʼS tha toil-inntinn orm as ur lethse, nach robh mi an sin, los gun creid sibh. Ach rachamaid ga ionnsuidh.
16
Uime sin thuirt Tomas, ris an abrar Didimus, ri cho-dheisciopuil: Rachamaid-ne cuideachd los gum basaich sinn comhla ris.
17
Thainig ma ta Iosa; ʼs fhuair e mach gun robh e air bhith cheana ceithir latha san uaigh.
18
(A nis bha Bethania teann air Ierusalem, mun cuairt do choig stàdan diag bhuaithe.)
19
ʼS bha moran de na h-Iudhaich air tighinn gu Marta, ʼs gu Mairi, gu furtachd a thoirt dhaibh a thaobh am brathar.
20
Cho luath ma ta ʼsa chuala Marta gun tainig Iosa, chaidh i ʼna choinneamh: ach shuidh Moire aig an tigh.
21
Thuirt Marta ma ta ri Iosa: A Thighearna, nam bitheadh tu an so, cha n-fhaigheadh mo bhrathair bàs:
22
Ach a nis fhein tha fios agam, ge bʼ e ni a dhʼiarras tu air Dia, gun toir e dhut e.
23
Thuirt Iosa rithe: Eiridh do bhrathair a rithist.
24
Thuirt Marta ris: Tha fios agam gun eirich e rithist san aiseirigh air an latha mu dheireadh.
25
Thuirt Iosa rithe: Is mise an aiseirigh agus a bheatha: esan a chreideas unnamsa, ged bhitheadh e marbh, thig e beo;
26
ʼS gach neach a tha beo, agus a creidsinn unnamsa, cha n-fhaigh e bàs a chaoidh. Am beil thu creidsinn so?
27
Thuirt i ris: Tha, a Thighearna, chreid mi gur tu Criosta Mac an De bheo, a thainig thun an t-saoghail.
28
ʼS an deigh dhi so chantuinn, dhʼfhalbh i, us ghairm i Mairi a piuthar os n-iosal, a g-radh: Tha am maighistir air tighinn, ʼs tha e ga dʼ iarraidh.
29
Cho luath ʼsa chual i so ghrad-dhʼeirich i, agus thainig i ga ionnsuidh.
30
Oir cha robh Iosa fhathast air a bhaile ruighinn: ach bha e fhathast san aite far na choinnich Marta e.
31
Nuair ma ta a chunnaic na h-Iudhaich, a bha stigh comhla rithe, ʼsa toirt furtachd dhi, gun dʼ eirich Mairi gu h-ealamh, ʼs gun deach i mach, lean iad i, a g-radh: Tha i dol thun na h-uaighe a chaoineadh an sin.
32
An sin nuair thainig Mairi far an robh Iosa, ʼsa chunnaic i e, thuit i aig a chasan, us thuirt i ris: A Thighearna, nam bitheadh tu an so, cha n-fhaigheadh mo bhrathair bàs.
33
Uime sin, nuair chunnaic Iosa i gal, ʼs na h-Iudhaich a thainig comhla ri a gal, rinn e osnadh ʼna spiorad, ʼs chuir e spairn air fhein.
34
Us thuirt e: Càite na chuir sibh e? Thuirt iad ris: A Thighearna, thig, agus faic.
35
Agus ghuil Iosa.
36
Uime sin thuirt na h-Iudhaich: Seall mar thug e gradh dha.
37
Ach thuirt cuid dhiu: Nach bʼ urrainn dhasan, a dhʼ fhosgail suilean an duine a rugadh dall, a thoirt air an fhear so nach faigheadh e bàs?
38
Uime sin thainig Iosa, a g-osnaich a rithist ann fhein, thun na h-uaighe. A nis se uamh a bhʼ ann; ʼs bha clach air a cur oirre.
39
Thuirt Iosa: Togaibh a chlach. Thuirt Marta, piuthar an fhir a bha marbh, ris: A Thighearna, tha nis droch fhaile dheth: oir se so nis an ceathramh là dha.
40
Thuirt Iosa rithe: Nach tuirt mi riut, ma chreideas tu, gum faic thu gloir Dhe?
41
Thug iad ma ta a chlach air falbh: us thuirt Iosa, ʼs e togail suas a shuilean: Athair, tha mi toirt taing dhut air son gun dʼ eisd thu rium.
42
Agus bʼ aithne dhomh gum beil thu an comhnuidh gam eisdeachd, ach ʼsann air son an t-sluaigh, a tha ʼnan seasamh mun cuairt, a thuirt mi e; chum gun creid iad gun do chuir thu mi.
43
Nuair thuirt e so, ghlaodh e le guth ard: A Lasaruis, thig a mach.
44
Us ghrad-thainig esan a bha marbh a mach, a chasan ʼsa lamhan ceangailte san aodach-mhairbh, agus aodann air a suaineadh le neapaicin. Thuirt Iosa riu: Fuasglaibh, agus leigibh as e.
45
Uime sin, moran de na h-Iudhaich, a thainig gu Mairi us Marta, a faicinn na rinn Iosa, chreid iad ann.
46
Ach dhʼfhalbh cuid dhiu thun nam Phairiseach, agus dhʼ innis iad daibh na rinn Iosa.
47
Air an aobhar sin thionail na h-ard-shagairt ʼs na Phairisich comhairle, us thuirt iad: Ciod a tha sinn a dianamh, ʼs gum beil an duine so a dianamh moran mhiarailtean?
48
Ma leigeas sinn air adhart e mar so, creididh iad uile ann; agus thig na Romanaich, ʼs bheir iad air falbh an t-aite ʼs an cinneadh againne.
49
Ach thuirt fear dhiu riu, dha ʼm bʼ ainm Caiphas, a bha a bhliadna sin ʼna ard-shagart: Cha n-aithne dhuibh ni air bith,
50
Cha mhua ghabh sibh beachd gum beil e riatanach dhuibh, gum faigheadh aon duine bàs air son an t-sluaigh, ʼs nach rachadh an cinneadh uile a dhith.
51
A nis cha bʼ ann bhuaithe fhein a thuirt e so: ach air dha bhith ʼna ard-shagart a bhliadhna sin, rinn e faisneachd gun robh Iosa gu bàs fhaighinn air son a chinnidh.
52
Agus cha n-ann air son a chinnidh a mhain, ach gu clann De, a bha sgapte, a thional gu bhith ʼnan aon.
53
Bha e ʼnam beachd ma ta bho ʼn latha sin a chur gu bàs.
54
As leth sin cha robh Iosa a triall gu follaiseach tuilleadh am measg nan Iudhach, ach chaidh e gu duthaich teann air an fhasach, gu baile ris an abrar Ephrem, agus thamh e an sin maille ri dheisciopuil.
55
Agus bha càisg nan Iudhach aig laimh; ʼs chaidh moran suas as an duthaich romh ʼn chàisg, gus iad fhein a ghlanadh.
56
Uime sin shir iad Iosa; agus bhruidhinn iad ri cheile ʼnan seasamh san teampull: Ciod e ur barail-sa, a thaobh ʼs nach tainig e thun na feille? Agus bha na h-ard-shagairt ʼs na Phairisich air toirt orduigh, ma bha fios aig aon sam bith càite an robh e, e a dhʼ innse, gus gun glacadh iad e.
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 12 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21