bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
John 20
John 20
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 19
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 21 →
1
Agus air a chiad latha de ʼn t-seachduin, thainig Mairi Magdalen much sa mhaduinn, nuair bha e fhathast dorcha, thun na h-uaighe; us chunnaic i chlach air a toirt air falbh bho ʼn uaigh.
2
Air an aobhar sin ruith i, us thainig i gu Simon Peadar, agus thun an deisciopuil eile bu toigh le Iosa, us thuirt i riu: Thug iad an Tighearna air falbh as an uaigh, ʼs cha n-eil fhios againn càite na chuir iad e.
3
Uime sin dhʼ fhalbh Peadar agus an deisciopul eile, us thainig iad thun na h-uaighe.
4
Agus ruith an dithis comhla, ʼs bu luaithe a ruith an deisciopul eile sin na Peadar, agus rainig e an uaigh air thoiseach.
5
Us nuair a chrom e sios, chunnaic e na lion-anartan ʼnan laidhe, ach cha deach e stigh.
6
An sin rainig Simon Peadar ga leantuinn, ʼs chaidh e stigh do ʼn uaigh, agus chunnaic e na lion-anartan, ʼnan laidhe,
7
ʼS an neapaicin, a bha mu cheann, ʼna laidhe cha n-ann comhla ris na lion-anartan, ach air a filleadh leatha fhein an aon aite.
8
An sin chaidh an deisciopul eile sin a stigh cuideachd, a rainig an uaigh air thoiseach; agus chunnaic e, agus chreid e.
9
Oir cha do thuig iad fhathast an sgriobtur, gum feumadh e eirigh a rithist bho na mairbh.
10
Uime sin chaidh na deisciopuil dhachaidh a rithist.
11
Ach sheas Mairi muigh roimh an uaigh aʼ gal. A nis, nuair a bha i gal, chrom i sios, agus sheall i san uaigh;
12
Agus chunnaic i dithis aingeal ann an geal-eideadh ʼnan suidhe, fear aig a cheann agus fear aig na casan, far na chuireadh corp Iosa ʼna laidhe.
13
Thuirt iadsan rithe: A bhoirionnaich, car-son a tha thu gal? Thuirt i riu: A chionn gun tug iad air falbh mo Thighearna, ʼs cha n-eil fhios agam càite na chuir iad e.
14
Us nuair thuirt i so, thionndaidh i air a h-ais, agus chunnaic i Iosa ʼna sheasamh; ʼs cha dʼ aithnich i gur e Iosa a bhʼ ann.
15
Thuirt Iosa rithe: A bhoirionnaich, car-son a tha thu gal? co tha thu sireadh? Ise ʼs i saoilsinn gur e an gairneilear a bhʼ ann, thuirt i ris: A mhaighistir, ma ʼs tu thug air falbh e, innis dhomh càite na chuir thu e; ʼs bheir mi air falbh e.
16
Thuirt Iosa rithe: A Mhairi. Thuirt ise ris, ʼs i tionndadh: Rabboni (se sin ri radh a Mhaighistir).
17
Thuirt Iosa rithe: Na bean dhomh, oir cha deachaidh mi fhathast suas gu mʼ Athair: ach falbh gu mo bhraithrean, agus abair riu: Tha mi dol suas gu mʼ Athair, us gu ʼr n-Athair-sa, gu mʼ Dhia ʼs ur Dia-sa.
18
Thainig Mairi Magdalen, ʼs dhʼ innis i do na deisciopuil: Chunnaic mi an Tighearna, agus thuirt e na nichean so rium.
19
ʼS air tighinn do ʼn anamuch an latha sin fhein, a chiad latha de ʼn t-seachduin, us na dorsan duinte, far an robh na deisciopuil cruinn, le eagal nan Iudhach, thainig Iosa, us sheas e sa mhiadhon, agus thuirt e riu: Sith dhuibh.
20
Us nuair thuirt e so, dhʼ fhiach e dhaibh a lamhan ʼsa thaobh. Uime sin bha aoibhneas air na deisciopuil, nuair chunnaic iad an Tighearna.
21
Uime sin thuirt e riu rithist: Sith dhuibh. Mar a chuir an t-Athair mise, tha mise guʼr cur-sa.
22
Nuair a thuirt e so, sheid e orra; us thuirt e riu: Glacaibhs ʼan Spiorad Naomh:
23
Ge bʼ iad dha ʼm math sibhse am peacannan, tha iad mathte dhaibh; agus ge bʼ iad dha ʼn ceangail sibhse am peacannan, tha iad air an ceangal.
24
A nis cha robh Tomas, ris an abrar Didimus, a h-aon de na dhà-dhiag, comhla riu, nuair a thainig Iosa.
25
Uime sin thuirt na deisciopuil eile ris: Chunnaic sinne an Tighearna. Ach thuirt esan riu: Mur faic mi ʼna lamhan athailtean nan tairgnean, ʼs mur cuir mi mo mhiar ann an aite nan tairgnean, ʼs mur cuir mi mo lamh ʼna thaobh, cha chreid mi.
26
ʼS an ceann ochd latha bha na deisciopuil rithist a stigh, us Tomas comhla riu. Thainig Iosa, ʼs na dorsan duinte, agus sheas e sa mhiadhon, us thuirt e: Sith dhuibh.
27
An sin thuirt e ri Tomas: Cuir do mhiar an so, agus faic mo lamhan, us sìn do lamh, agus cuir na mʼ thaobh i; ʼs na bi mi-chreideach, ach na dʼ chreideach.
28
Fhreagair Tomas, us thuirt e ris: Mo Thighearna, agus mo Dhia.
29
Thuirt Iosa ris: A chionn gum fac thu mi, a Thomais, chreid thu: is beannaichte iadsan nach fhaca ʼsa chreid.
30
Rinn Iosa ioma miarailt eile an lathair a dheisciopul, nach eil sgriobhte anns an leabhar so.
31
Ach tha iad so air an sgriobhadh, chum gun creid sibh gur e Iosa an Criosta, Mac Dhe; agus le creidsinn gum bi a bheatha agaibh ʼna ainm.
← Chapter 19
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 21 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21