bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
John 9
John 9
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 10 →
1
ʼS nuair a bha Iosa a gabhail seachad, chunnaic e duine a bha dall bho na rugadh e;
2
Us dhʼ fharraid a dheisciopuil dheth, a g-radh: A Mhaighistir, co a pheacaich, an duine so, no pharantan, gun dʼrugadh dall e?
3
Fhreagair Iosa: Cha do pheacaich aon chuid an duine so, no pharantan: ach gus oibrichean De a dhianamh follaiseach ann.
4
Is còir dhomhsa oibrichean-sa oibreachadh, a chuir mi, fhad ʼs is latha e: tha ʼn oidhche tighinn, anns nach urrainn do dhuine air bith oibreachadh.
5
Fhad ʼsa tha mise san t-saoghal, is mi solus an t-saoghail.
6
Nuair thuirt e na nichean so, thilg e smugaid air an talamh, agus rinn e criadh le shile, agus sgaoil e a chriadh air a shuilean,
7
Us thuirt e ris: Falbh, nigh ann an lochan Shiloé (se sin air eadar-theangachadh, Cuirte). Shiubhail e ma ta, us nigh e, agus thainig e a faicinn.
8
Uime sin thuirt na coimhearsnaich, us iadsan a chunnaic e roimhe gun robh e ʼna dhiol-deirce: Nach e so esan, a bha ʼna shuidhe ʼsa g-iarraidh deirce? Bha cuid a g-radh: Se so e.
9
Ach cuid eile: Cha n-e idir, ach fear coltach ris. Ach thuirt e fhein: Is mi e.
10
Uime sin thuirt iad ris: Ciamar a dhʼ fhosgladh do shuilean?
11
Fhreagair e: An duine sin, ris an abrar Iosa, rinn e criadh, agus dhʼung e mo shuilean, ʼs thuirt e rium: Falbh gu lochan Shiloé, agus nigh. Us dhʼ fhalbh mi, nigh mi, ʼs tha mi faicinn.
12
Us thuirt iad ris: Càit am beil e? Ars esan: Cha n-eil fhios agam.
13
Thug iad thun nam Phairiseach am fear a bhʼ air bhith dall.
14
A nis bʼ ann air an t-sàbaid a rinn Iosa criadh, ʼsa dhʼfhosgail e shuilean.
15
An sin dhʼfharraid na Phairisich dheth a rithist ciamar a fhuair e fhradharc. Ach thuirt e riu: Chuir e criadh air mo shuilean, agus nigh mi, ʼs tha mi faicinn.
16
An sin thuirt cuid de na Phairisich: Cha n-eil an duine so bho Dhia, a bhrigh nach eil e cumail na sàbaid. Ach thuirt cuid eile: Ciamar is urrainn do dhuine a tha ʼna pheacach an leithidean so de mhiarailtean a dhianamh? Us bha eas-aontasʼ nam measg.
17
As leth sin thuirt iad as ùr ris an dall: Ciod a tha thusa g-radh mu ʼn fhear a dhʼfhosgail do shuilean? Us thuirt e: Is faidh e.
18
Ach cha do chreid na h-Iudhaich uime gun robh e air a bhith dall, ʼs gun dʼ fhuair e fhradharc, gus na ghairm iad parantan an fhir a fhuair a shealladh;
19
Agus dhʼfhaighnich iad dhiu, a g-radh: An e so ur mac-sa, a tha sibh a g-radh a rugadh dall? Ciamar ma ta a tha e nis a faicinn?
20
Fhreagair a pharantan iad, us thuirt iad: Is aithne dhuinn gur e so ar mac-ne, ʼs gun dʼ rugadh dall e:
21
Ach ciamar a tha e nis a faicinn, cha n-eil fhios againn; no co dhʼ fhosgail a shuilean, cha n-eil fhios againn; ceasnaichibh e fhein: tha aois aige, bruidhneadh e air a shon fhein.
22
Thuirt a pharantan so, a chionn ʼs gun robh eagal nan Iudhach orra: oir bha na h-Iudhaich a cheana air cordadh ʼnam measg fhein, gun tilgte fear air bith, a dhʼaidicheadh gum bʼ esan Criosta, a mach as an t-sinagog.
23
ʼSann air son sin a thuirt a pharantan: Thainig e gu aois, cuiribh a cheisd air fhein.
24
Uime sin ghairm iad a rithist am fear a bha air bhith dall, us thuirt iad ris: Thoir gloir do Dhia. Tha fios againne gum beil an duine so ʼna pheacach.
25
Uime sin thuirt e riu: A thaobh e bhith ʼna pheacach, chan aithne dhomh: aon ni ʼs aithne dhomh, gun robh mi dall, ʼsa nis tha mi faicinn.
26
An sin thuirt iad ris: Ciod a rinn e riut? ciamar a dhʼ fhosgail e do shuilean?
27
Fhreagair e iad: Dhʼ innis mi dhuibh a cheana, us chuala sibh: car-son is math leibh a chluinntinn as ùr? an aill leibhse cuideachd a bhith ʼnur deisciopuil aige?
28
As leth sin chàin iad e, us thuirt iad: Bi-sa na dʼ dheisciopul aige: ach is deisciopuil Mhaois sinne.
29
Tha fios againn gun do labhair Dia ri Maois: ach a thaobh an duine so, cha n-eil fhios againn co as a tha e.
30
Fhreagair an duine, us thuirt e riu: Is fior chuis-ioghnaidh so, nach aithne dhuibh co as a tha e, ʼs gun dʼfhosgail e mo shuilean-sa:
31
Oir is aithne dhuinn nach eisd Dia ri peacaich: ach ma tha duine toirt aoraidh do Dhia, ʼsa dianamh a thoil, ris-san eisdidh Dia.
32
Bho thùs an t-saoghail cha chualas, gun dʼ fhosgail duine air bith suilean neach a rugadh dall.
33
Mur biodh an duine so bho Dhia, cha bʼurrainn da nì dhianamh.
34
Fhreagair iad, us thuirt iad ris: Rugadh thu gu h-iomlan ann am peacannan, ʼs am beil thu ga ʼr teagasg-ne? Agus thilg iad a mach e.
35
Chual Iosa gun do thilg iad a mach e; ʼs air dha fhaighinn, thuirt e ris: Am beil thu creidsinn ann am Mac Dhe?
36
Fhreagair e, us thuirt e: Co e, a Thighearna, chuin gun creid mi ann?
37
Us thuirt Iosa ris: Chunnaic thu e cheana, agus se tha labhairt riut.
38
An sin thuirt esan: Tha mi creidsinn, a Thighearna. ʼSa tuiteam sios, thug e aoradh dha.
39
Us thuirt Iosa: ʼSann chum breitheanais a thainig mise thun an t-saoghail so; los gum faic iadsan nach eil a faicinn, ʼs gum fàs iadsan, a tha faicinn, dall.
40
Agus chuala cuid de na Phairisich, a bha maille ris, so, us thuirt iad ris: Am beil sinne dall cuideachd?
41
Thuirt Iosa riu: Nam biodh sibh dall, cha bhiodh peacadh agaibh; ach a nis tha sibh a g-radh: Is leir dhuinn. Tha ur peacadh a fantuinn.
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 10 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21