bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
John 2
John 2
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 3 →
1
Agus air an treas latha bha bainis ann an Cana Ghalile; ʼs bha mathair Iosa an sin.
2
Agus fhuair Iosa fhein ʼsa dheisciopuil cuireadh thun na bainnse.
3
ʼS am fiona teireachduinn, thuirt mathair Iosa ris: Cha n-eil fion aca.
4
Us thuirt Iosa rithe: Ciod e sin domhsa us dutsa, a bhoirionnaich? cha n-eil mʼ uair-sa air tighinn fhathast.
5
Thuirt a mhathair ris an luchd-riarachaidh: Ni sam bith a their e ribh, dianaibh.
6
A nis bha sia poitean-uisge de chloich air an cur an sin a reir gnath glanaidh nan Iudhach, a chumadh a dhà no tri de thoimhsean gach aon.
7
Thuirt Iosa riu: Lionaibh na poitean le uisge. Agus lion iad suas gus am bial iad.
8
Agus thuirt Iosa riu: Tarruinnibh a nis, agus thugaibh e gu ard-riaghladair na cuilme. Agus thug iad e.
9
ʼS nuair a bhlais ard-riaghladair na cuilme an t-uisge a chaidh thionndadh gu fion, ʼs e gun fhios aige co as a bha e, ach bha fios aig an luchd-riarachaidh a tharruinn an t-uisge, ghairm an t-ard-riaghladair fear-na-bainnse,
10
Us thuirt e ris: Tha h-uile duine cur sios an toiseach fiona mhath; ʼs nuair a dhʼ olas daoine gu pailt, an sin fiona nas miosa: ach ghleidh thusa am fion math gu so.
11
Bʼ e so toiseach miarailtean Iosa ann an Cana Ghalile: us rinn e ghloir follaiseach, agus chreid a dheisciopuil ann.
12
An deigh so chaidh e sios do Chapharnaum, e fhein, ʼsa mhathair, ʼsa bhraithrean, agus a dheisciopuil; ʼs cha dʼfhan iad an sin moran laithean.
13
Agus bha càisg nan Iudhach aig laimh, ʼs chaidh Iosa suas gu Ierusalem;
14
Agus fhuair e san teampull luchd-reic dhamh us chaorach us chalaman, agus luchd-malairt airgid ʼnan suidhe.
15
ʼS nuair rinn e sgiursa de chuird chaola, dhʼfhuadaich e mach as an teampull iad uile, na caoraich mar-aon agus na daimh, agus thaom e sios airgiod an luchd-mhalairt agus leag e na buird.
16
Us thuirt e riusan a bha reic chalaman: Thugaibh iad sin á so, ʼs na dianaibh tigh mʼ Athar ʼna thigh marsantachd.
17
An sin chuimhnich a dheisciopuil gun robh e sgriobhte: Dhʼith eud do thighe suas mi.
18
Uime sin fhreagair na h-Iudhaich, us thuirt iad ris: Ciod an comharradh a dhʼ fhiachas tu dhuinn, a thaobh gu bheil thu dianamh nan nichean so?
19
Fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Leagaibh an teampull so, agus togaidh mi suais e an tri latha.
20
An sin thuirt na h-Iudhaich: Dà-fhichead bliadhna ʼsa sia bhathas a togail an teampuill so, agus an cuir thusa suas e an tri latha?
21
Ach bha esan a labhairt mu theampull a chuirp.
22
Air an aobhar sin nuair dhʼeirich e bho na mairbh, chuimhnich a dheisciopuil gun tuirt e so, agus chreid iad an sgriobtur, agus am facal a thuirt Iosa.
23
A nis, nuair a bha e ann an Ierusalem aig a chàisg, air latha na feille, chreid moran ʼna ainm, ʼs iad a faicinn nam miarailtean a bha e dianamh.
24
Ach cha dʼ earb Iosa e fhein riu: a thaobh gum bʼ aithne dha daoine uile,
25
ʼSa thaobh nach robh feum aige gun tugadh neach air bith teisteanas air duine: oir bʼ aithne dha fhein ciod a bha anns an duine.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21