bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
John 5
John 5
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 6 →
1
ʼNan deigh so bha là feill nan Iudhach ann, agus chaidh Iosa suas gu Ierusalem.
2
A nis tha lochan aig Ierusalem, ris an abrar Probatica, ach se ainm san Eabhra Bethsaida, aig a bheil coig sgail-thighean.
3
Bha ʼnan laidhe unnta sin cuideachda mhor de shluagh tinn, dall, bacach, seargte, a feitheamh ri gluasad an uisge.
4
Oir air àman sonraichte theirinn aingeal an Tighearna do ʼn lochan; us ghluaiseadh an t-uisge. ʼSa chiad fhear a rachadh sios do ʼn lochan an deigh gluasad an uisge, leighiseadh e bho ghalar sam bith a bhiodh air.
5
Agus bha duine araid an sin, a bha ochd bliadhnʼ-diag thar fhichead fo aiceid.
6
Nuair chunnaic Iosa esan ʼna laidhe, us fios aige gun robh e nis fada dhʼ uine san staid sin, thuirt e ris: An aill leat a bhith air do leigheas?
7
Fhreagair an duine euslainteach e: A Thighearna, cha n-eil duine agam, a chuireas san lochan mi, nuair a ghluaisear an t-uisge: oir nuair a tha mise a tighinn, tha neach eile a tearnadh romham.
8
Thuirt Iosa ris: Eirich, tog do leaba, agus siubhail.
9
Us ghrad-leighiseadh an duine; us thog e a leaba, agus shiubhail e. ʼS bʼ e latha na sàbaid a bhʼann.
10
Uime sin bha na h-Iudhaich a g-radh ris-san a chaidh a leigheas: Se an t-sàbaid a thʼann, cha n-eil e ceadaichte dhut do leaba iomrachadh.
11
Fhreagair e iad: Thuirt esan, a shlanaich mi, rium: Tog do leaba, agus siubhail.
12
Uime sin dhʼfhaighnich iad ris: Co e an duine sin a thuirt riut: Tog do leaba, agus siubhail?
13
Ach cha bʼaithne dhasan, a chaidh a leigheas, co bhʼ ann. Oir chaidh Iosa a lethtaobh bho ʼn t-sluagh a bha cruinn san aite.
14
An deigh sin fhuair Iosa e san teampull, us thuirt e ris: Seall, tha thu air do leigheas: na peacaich á so suas, eagal rudeigin nas miosa eirigh dhut.
15
Dhʼfhalbh an duine, us dhʼinnis e do na h-Iudhaich, gum bʼ e Iosa a shlanaich e.
16
Air son so rinn na h-Iudhaich geur-leanmhuinn air Iosa: a chionn gun robh e dianamh nan nichean so air an t-sàbaid.
17
Ach fhreagair Iosa iad: Tha mʼ Athair a g-oibreachadh gus a nis, ʼs tha mise g-oibreachadh.
18
ʼSann as leth sin bu mhua deidh nan Iudhach air a mharbhadh: a chionn cha n-e mhain gun robh e bristeadh na sàbaid, ach cuideachd gun robh e cantuinn Dia ri ʼAthair, ga dhianamh fhein co-ionann ri Dia. An sin fhreagair Iosa, us thuirt e riu:
19
Amen, amen tha mi g-radh ribh: cha n-urrainn do ʼn Mhac ni dhianamh bhuaithe fhein, ach na chi e an t-Athair a dianamh: oir ge bʼ iad na nichean a ni esan, iad sin ni am Mac mar an ciadna.
20
Oir tha gaol aig an Athair air a Mhac, ʼs tha e fiachuinn dha gach ni a tha e fhein a dianamh; agus fiachaidh e gniomhran nas mua na iad so dha, air chor ʼs gun gabh sibh ioghnadh.
21
Oir mar a tha an t-Athair a togail suas nam marbh, ʼsa toirt beatha dhaibh: mar an ciadna tha am Mac a toirt beatha dhaibh-san is aill leis.
22
Cha mhua tha an t-Athair a toirt breth air neach air bith: ach thug e h-uile breitheanas do ʼn Mhac;
23
Los gun tugadh daoine uile onair do ʼn Mhac, mar a tha iad a toirt onair do ʼn Athair. Esan nach eil toirt onair do ʼn Mhac, cha n-eil e toirt onair do ʼn Athair, a chuir e.
24
Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh gum beil a bheatha shiorruidh aige-san a dhʼeisdeas ri mʼ fhacalsa, ʼsa chreideas annsan a chuir mi, agus cha teid a dhiteadh, ach aisigear e bho bhàs gu beatha.
25
Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh gum beil an uair a tighinn, ʼs gum beil i nis ann, anns an cluinn na mairbh guth Mhic Dhe: us bithidh iadsan a chluinneas beo.
26
Oir mar a tha a bheatha aig an Athair ann fhein, mar sin thug e do ʼn Mhac a bheatha a bhith aige ann fhein;
27
ʼS thug e cumhachd dha breitheanas a dhianamh: a chionn gur Mac an duine e.
28
Na gabhaibh iongantas á so, oir tha an uair a tighinn, anns an cluinn iadsan uile, a tha sna h-uaighean, guth Mhic Dhe.
29
Agus theid iadsan, a rinn nichean matha, gu aiseirigh na beatha: ach iadsan, a rinn olc, gu aiseirigh a bhreitheanais.
30
Cha n-urrainn mise ni sa bith dhianamh bhuam fhein. Mar a tha mi cluinntinn, tha mi toirt breth; agus tha mo bhreth ceart: a chionn nach eil mi sireadh mo thoil fhein, ach a thoil-san a chuir mi.
31
Ma tha mi ma ta toirt teisteanais orm fhein, cha n-eil mo theisteanas firinneach.
32
Tha neach eile a toirt teisteanais orm; agus is aithne dhomh gum beil an teisteanas a tha e toirt orm firinneach.
33
Chuir sibh gu Eoin; us thug e teisteanas air an fhirinn.
34
Ach cha n-eil mise a gabhail teisteanais bho dhuine: ach tha mi g-radh nan nichean so gus sibhse a bhith sabhailte.
35
Bʼ esan lochran lasrach agus dealrach. Us bha sibhse deonach car seal air toileachadh a ghabhail ʼna sholus.
36
Ach tha teisteanas agamsa nas mua na teisteanas Eoin. Oir na gniomhran a thug an t-Athair dhomh gus an coimhlionadh, na gniomhran fhein a tha mi dianamh, tha iad a toirt teisteanais orm, guna chuir an t-Athair mi.
37
Agus thug an t-Athair fhein, a chuir mi, teisteanas orm: cha chuala sibh riamh a ghuth, cha mhua chunnaic sibh a dhealbh.
38
Agus cha n-eil fhacal a tamh unnaibh: a chionn esan a chuir e, cha n-eil sibh ga chreidsinn-sa.
39
Rannsaichibh na sgriobtuirean, oir tha sibh an duil gum beil a bheatha mhairionnach agaibh unnta: agus ʼsiad sin a tha toirt teisteanais ormsa:
40
ʼS cha n-aill leibh tighinn h-ugamsa gus a bheatha a bhith agaibh.
41
Cha n-eil mise a gabhail gloire bho dhaoine.
42
Ach is aithne dhomh sibhse, nach eil gaol De agaibh unnaibh.
43
Thainig mise an ainm mʼ Athar, ʼs cha n-eil sibh a gabhail rium: ma thig fear eile ʼna ainm fhein, gabhaidh sibh ris.
44
Ciamar is urrainn sibh creidsinn, sibhse a tha gabhail gloire bho cheile, ʼsa ghloir a tha bho Dhia a mhain, cha n-eil sibh a sireadh?
45
Na saoilibh gun dian mise casaid oirbh ris an Athair, Tha fear ann, a tha dianamh casaid oirbh, Maois, as a bheil sibhse a g-earbsa.
46
Oir nan creideadh sibh Maois, theagamh gun creideadh sibh mise cuideachd: oir sgriobh e mu mʼ dheidhinn-sa.
47
Ach mur creid sibh a sgriobhadh-sa, ciamar a chreideas sibh mo bhriathran-sa?
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21