bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
John 15
John 15
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 14
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 16 →
1
Is mise an fhior fhionan, agus se mʼAthair an tuathanach.
2
A h-uile miar unnamsa nach eil toirt a mach measa, bheir e air falbh i; ʼs gach miar a tha toirt a mach measa, glanaidh e i, los gun toir i mach am barrachd measa.
3
A nis tha sibhse glan, as leth an fhacail a labhair mi ribh.
4
Fanaibh unnamsa: us mise unnaibhse. Mar nach urrainn do ʼn mhiar meas a thoirt a mach bhuaipe fhein, mur fan i san fhionan, mar sin cha n-urrainn duibhse, mur fan sibh unnamsa.
5
Is mise an fhionan, sibhse na meoir; an neach a tha fantuinn unnamsa, agus mise annsan, tha esan a toirt a mach moran measa: oir as mʼ aonais cha n-urrainn duibh ni dhianamh.
6
Neach nach fan unnam-sa, tilgear a mach e mar mhiar, agus seargaidh e, agus trusaidh iad e, us tilgidh iad san teine e, agus loisgidh e.
7
Ma dhʼ fhanas sibh unnamsa, ʼs ma dhʼ fhanas mʼ fhacail unnaibhse, iarraibh ni air bith is aill leibh, agus nithear dhuibh e.
8
Ann an so tha mʼAthair air a ghlorachadh, gun toir sibh a mach fior mhoran toraidh, ʼs gun dianar sibh ʼnur deisciopuil dhomhsa.
9
Mar a thug an t-Athair gradh dhomhsa, thug mise gradh dhuibhse. Fanaibhse na mʼ ghradh.
10
Ma ghleidheas sibh mʼ fhaintean, fanaidh sibh na mʼ ghradh, mar a ghleidh mise fhein faintean mʼ Athar, us tha mi fantuinn ʼna ghradh-sa.
11
Iad so labhair mi ribh, gus mʼaoibhneas a bhith unnaibh, ʼs gus ur n-aoibhneasa a bhith lan.
12
Si so mʼ fhainte, gun toir sibh gaol do gach a cheile, mar a thug mise gaol dhuibhse.
13
Gaol nas mua na so cha n-eil aig duine air bith, gun leigeadh duine a bheatha sios air son a chairdean.
14
Is sibhse mo chairdean-sa, ma ni sibh na tha mi g-àithneadh oirbh.
15
A nis cha chan mi seirbhisich ribh: oir cha n-eil fhios aig seirbhiseach ciod a tha mhaighistir a dianamh. Ach thuirt mi cairdean ribh: a chionn gun dʼrinn mi aithnichte dhuibhse na nichean gu leir, a chuala mi bho mʼ Athair.
16
Cha sibhse a thagh mise: ach thagh mise sibhse, us shuidhich mi sibh, gus sibh a dhol us toradh a thoirt a mach, ʼs gum mair ur toradh; los, ge bʼ e ni a dhʼ iarras sibh air an Athair na mʼainmse, gun toir e dhuibh e.
17
ʼSiad so na nichean a; tha mi g-àithneadh oirbh, sibh gaol a thoirt dha cheile.
18
Ma tha an saoghal a toirt fuatha dhuibh, biodh brath agaibh, gun tug e fuath dhomhsa roimhibh.
19
Nam bʼ ann dhe ʼn t-saoghal sibh, bheireadh an saoghal gaol dha mhuinntir fhein: ach bho nach eil sibh dhe ʼn t-saoghal, ach gun do thagh mise sibh as an t-saoghal, air son sin tha fuath aig an t-saoghal oirbh.
20
Cuimhnichibh air mʼ fhacal, a thuirt miʼ ribh: Cha n-eil an seirbhiseach nas mua na mhaighistir. Ma rinn iad geur-leanmhuinn ormsa, ni iad geur-leanmhuinn oirbhse cuideachd; ma chum iad mʼ fhacalsa, cumaidh iad ur facalsa mar an ciadna.
21
Ach iad so uile ni iad oirbh as leth mʼ ainmse: a chionn nach aithne dhaibh esan a chuir mi.
22
Mur bithinn-sa air tighinn ʼs air labhairt riu, cha bhiodh peacadh aca: ach a nis cha n-eil leisgeul aca air son am peacaidh.
23
Esan aig a bheil fuath dhomhsa, tha fuath aige dha mʼ Athair cuideachd.
24
Mur bithinn-sa air oibrichean a dhianamh ʼnam measg nach dʼ rinn duine air bith eile, cha bhitheadh peacadh aca: ach a nis chunnaic iad, agus thug iad fuath dhomhsa mar-aon us dha mʼ Athair.
25
Ach sin gus am facal, a tha sgriobhte ʼnan lagh, a choimhlionadh: Thug iad fuath dhomh gun aobhar.
26
Ach nuair a thig an Cofhurtair, a chuireas mise h-ugaibh bhoʼn Athair, Spiorad na firinne, a tha tighinn bho ʼn Athair, bheir esan teisteanas ormsa;
27
Us bheir sibhse teisteanas: a chionn gum beil sibh maille rium bho thoiseach.
← Chapter 14
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 16 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21