bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
John 19
John 19
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 20 →
1
Uime sin rug Pilat air Iosa, agus sgiurs e e.
2
Agus na saighdearan a fighe crun dreighinn, chuir iad air a cheann e, agus chuir iad deise phurpuir air.
3
Agus thainig iad ga ionnsuidh, us thuirt iad: Fàilt ort, a righ nan Iudhach; agus bhuail iad le ʼm basan e.
4
Chaidh Pilat an sin a mach rithist, us thuirt e riu: Seall, tha mi ga thoirt a mach gu ʼr n-ionnsuidh, gu fios a bhith agaibh nach eil mi faighinn coire ann.
5
(Thainig Iosa ma ta mach leis a chrun dreighinn ʼs an eideadh phurpuir air.) Us thuirt e riu: Seall an duine.
6
Uime sin nuair chunnaic na h-ard-shagairt, ʼs na maoir e, ghlaodh iad, a g-radh: Ceus e, ceus e. Thuirt Pilat riu: Gabhaibh fhein e, agus ceusaibh e: oir cha n-eil mise faighinn coire ann.
7
Fhreagair na h-Iudhaich e: Tha lagh againne; ʼsa reir an lagha is còir a chur gu bàs: a chionn gun dʼrinn e Mac De dheth fhein.
8
Nuair ma ta chuala Pilat am facal so, ghabh e am barrachd eagail.
9
Agus chaidh e rithist a stigh do ʼn talla; us thuirt e ri Iosa: Co as a tha thu? Ach cha tug Iosa freagairt air.
10
As leth sin thuirt Pilat ris: Nach bruidhinn thu riumsa? nach eil fhios agad gum beil comas agam do cheusadh, agus comas agam do shaoradh?
11
Fhreagair Iosa: Comas sam bith cha bhiodh agad ormsa, mar tugte dhut e as na h-ardaibh. Uime sin ʼsann dhasan, a liubhair dhutsa mi, is mua peacadh.
12
Bho so mach dhʼiarr Pilat a shaoradh. Ach dhʼ eigh na h-Iudhaich, a g-radh: Ma shaoras tu an duine so, cha n-eil thu ad charaid do Chésar: oir fear air bith a tha dianamh righ dheth fhein, tha e labhairt an aghaidh Chésair.
13
A nis nuair chuala Pilat a chainnt so, thug e mach Iosa; agus shuidh e air cathair a bhreitheanais, anns an aite ris an abrar Lithostrotos, ach anns an Eabhra Gabbatha.
14
Us bʼ e latha deasachadh na Càsga bhʼann, mun cuairt do ʼn t-siathamh uair, agus thuirt e ris na h-Iudhaich: Seall ur righ.
15
Ach ghlaodh iadsan: Air falbh leis, air falbh leis, ceus e. Thuirt Pilat riu: An ceus mi ur righ? Fhreagair na h-ard-shagairt: Cha n-eil righ againn, ach César.
16
Air an aobhar sin liubhair e dhaibh e gu bhith air a cheusadh. Agus rug iad air Iosa, us thug iad leo e.
17
Agus chaidh e mach, a giulan a chroise fhein, gu aite ris an abrar Calbhari, ach an Eabhra Golgotha;
18
Far na cheus iad e, us dithis eile maille ris, fear air gach taobh, agus Iosa sa mhiadhon.
19
Agus sgriobh Pilat tiodal cuideachd; ʼs chuir e air a chrois e. Us bʼ e an sgriobhadh: Iosa bho Nasareth, righ nan Iudhach.
20
Uime sin leugh moran de na h-Iudhaich an tiodal so: a chionn gun robh an t-aite anns na cheusadh Iosa teann air a bhaile: agus bha e sgriobhte an Eabhra, an Greigis, ʼs an Laidinn.
21
An sin thuirt ard-shagairt nan Iudhach ri Pilat: Na sgriobh: Righ nan Iudhach, ach gun tuirt e fhein: Is mi righ nan Iudhach.
22
Fhreagair Pilat: An ni a sgriobh mi, sgriobh mi.
23
An sin, air do na saighdearan a cheusadh, rug iad air aodach (us rinn iad ceithir earrannan, earrann do gach saighdear), agus air ʼfhalluinn. A nis bha ʼfhalluinn gun fhuaghal, air a figheadh bho braighe gu h-iochdar.
24
Us thuirt iad an sin ri cheile: Na stracamaid i, ach tilgemid crainn oirre, co aig am bi i. Chum gun coimhlionteadh an sgriobtur, a g-radh: Roinn iad mʼ aodach eatorra; ʼs air mʼ fhalluinn thilg iad crainn. Agus gu dearbh rinn na saighdearan na nichean so.
25
A nis sheas teann air crois Iosa a mhathair, agus piuthar a mhathar, Mairi Chleophais, agus Mairi Magdalen.
26
Uime sin nuair chunnaic Iosa a mhathair, agus an deisciopul bu toigh leis ʼna sheasamh, thuirt e ri mhathair: A bhoirionnaich, seall do mhac.
27
An sin thuirt e ris an deisciopul: Seall do mhathair. Agus bho ʼn uair sin ghabh an deisciopuil ga ionnsuidh fhein i.
28
An deigh sin, air do Iosa fios a bhith aige gun robh a h-uile ni nis air an criochnachadh, gus an sgriobtur a choimhlionadh, thuirt e: Tha pathadh orm.
29
A nis bha saghach an sin lan de dhʼ fhion-geur. Agus air dhaibh spong lan de dhʼ fhion-geur a chur air hisop, shìn iad i gu bhial.
30
Nuair ma ta a ghabh Iosa am fion-geur, thuirt e: Tha e criochnaichte. ʼSa cromadh a chinn, liubhair e suas an spiorad.
31
An sin, (bho na bʼ e latha an deasachaidh a, bhʼ ann) los nach fanadh an cuirp air a chrois air an t-sàbaid, (oir bu mhor an latha sàbaid sin) ghuidh na h-Iudhaich air Pilat, gun rachadh an luirgnean a bhristeadh, ʼs gun tugteadh air falbh iad.
32
Air an aobhar sin thainig na saighdearan; agus bhrist iad luirgnean a chiad fhir agus an fhir eile, a cheusadh maille ris.
33
Ach nuair thainig iad gu Iosa, ʼsa chunnaic iad e cheana marbh, cha do bhrist iad a luirgnean-sa,
34
Ach dhʼ fhosgail fear de na saighdearan a thaobh le sleagh: us ghrad-thainig a mach fuil agus uisge.
35
ʼS am fear a chunnaic, thug e teisteanas; us tha theisteanas firinneach. Agus is aithne dha gum beil e g-radh na firinne; los gun creid sibhse cuideachd.
36
Oir rinneadh na nichean so, gus an sgriobtur a bhith air a choimhlionadh: Cha bhrist iad cnaimh dheth.
37
ʼSa rithist tha sgriobtur eile a g-radh: Amhaircidh iad airsan a lot iad.
38
ʼNan deigh so ghuidh Ioseph bho Arimatéa (a chionn gun robh e ʼna dheisciopul aig Iosa, ach gu h-uaigneach le eagal nan Iudhach) air Pilat cead corp Iosa thoirt air falbh. Us thug Pilat cead dha. Thainig e ma ta, agus thug e air falbh corp Iosa.
39
Agus thainig Nicodemus cuideachd, esan a thainig gu Iosa an toiseach san oidhche, a toirt leis mun cuairt do chiad punnd mirr us aloes air am measgachadh.
40
Uime sin ghabh iad corp Iosa, agus phaisg iad e ann an anart le spiosradh, mar is gnath leis na h-Iudhaich tiodhlaiceadh a dhianamh.
41
A nis bha lios anns an aite far na cheusadh e; us anns an lios uaigh ùr, anns nach deach duine a chur roimh sin.
42
Air an aobhar sin as leth deasachadh càisge nan Iudhach, chuir iad Iosa an sin, bho na bha an uaigh aig laimh.
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 20 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21