bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
John 13
John 13
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 14 →
1
Roimh latha feill na càisge, air do Iosa fios a bhith aige gun robh ʼuair air tighinn gu dol as an t-saoghal so a dhʼ ionnsuidh an Athar, mar a bha e air gaol a thoirt do mhuinntir fhein, a bha san t-saoghal, thug e gaol daibh gus a chrioch.
2
Agus nuair bha an t-suipeir thairis, air do ʼn deomhan bhith air a chur a nis an cridhe Iudais Iscariot, mac Shimoin, esan a bhrath:
3
A g-aithneachadh gun do chuir an t-Athair a h-uile ni ʼna lamhan, ʼs gun tainig e bho Dhia, agus gun robh e dol gu Dia;
4
Dhʼ eirich e bho ʼn t-suipeir, ʼs chuir e eideadh dheth; ʼsa gabhail tubhailte, chrioslaich e e fhein.
5
An deigh sin chuir e uisge ann am ballan, us thòisich e air casan a dheisciopul a nighe, ʼs an tiormachadh leis an tubhailte, leis an robh e crioslaichte.
6
Thainig e ma ta gu Simon Peadar. Us thuirt Peadar ris: A Thighearna, am beil thusa nighe mo chasansa?
7
Fhreagair Iosa, us thuirt e ris: An ni tha mise dianamh, cha n-aithne dhutsa e an drasda, ach tuigidh tu e an deigh so.
8
Thuirt Peadar ris: Cha nigh thu chaoidh mo chasansa. Fhreagair Iosa e: Mur nigh mi thu, cha bhi pairt agad maille rium.
9
Thuirt Simon Peadar ris: A Thighearna, cha n-iad mo chasan a mhain, ach mar an ciadna mo lamhan, agus mo cheann.
10
Thuirt Iosa ris: An neach a tha nighte, cha ruig e leas ach a chasan a nigheadh, agus tha e uile glan. ʼS tha sibhse glan, ach cha n-eil uile.
11
Oir bʼ aithne dha co bʼ e a bhrathadh e: air son sin thuirt e: Cha n-eil sibh uile glan.
12
An sin, an deigh an casan a nigheadh agus eideadh a ghabhail, air dha suidhe rithist, thuirt e riu: An aithne dhuibh ciod a rinn mi dhuibh?
13
Tha sibh a g-radh, a Mhaighistir, ʼsa Thighearna rium; ʼs tha sibh a cantuinn gu math: Is mi sin.
14
Uime sin ma nigh mise, ur Tighearna, agus ur Maighistir, ur casansa, is còir dhuibhse casan a cheile nighe mar an ciadna.
15
Oir thug mi samplair dhuibh, gus gun dian sibhse, mar a rinn mise dhuibh.
16
Gu dearbh dearbh tha mi g-radh ribh: cha n-eil an seirbhiseach nas mua na thighearna; agus cha mhua an t-ostal na esan a chuir e.
17
Ma ʼs aithne dhuibh na nichean so, bithidh sibh beannaichte ma ni sibh iad.
18
Cha n-eil mi labhairt mu ʼr deidhinn uile: is aithne dhomh co iad a thagh mi: ach los gun coimhlionar an sgriobtur: Esan a tha g-iche arain maille rium, togaidh e shàil am aghaidh.
19
An drasda tha mi g-innse dhuibh, mun tachair e; air chor, nuair a thachras e, gun creid sibh gur mise e.
20
Gu fior, gu fior tha mi g-radh ribh: am fear a ghabhas ri urra air bith a chuireas mise, tha e gabhail riumsa: ʼs am fear a ghabhas riumsa, tha e gabhail ris-san, a chuir mi.
21
Air do Iosa so a labhairt, bha e fo thrioblaid ʼna spiorad; agus thog e fianuis, us thuirt e: Gu fior fior tha mi g-radh ribh: gum brath fear agaibh mi.
22
As leth sin dhʼ amhairc na deisciopuil air a cheile, an teagamh co uime a bha e labhairt.
23
A nis a g-aomadh air uchd Iosa bha fear dhe a dheisciopuil, dha ʼn robh gaol aig Iosa.
24
Air an aobhar sin smeid Simon Peadar air; us thuirt e ris: Co e mu bheil e a labhairt?
25
As leth sin thuirt esan, a bha g-aomadh air uchd Iosa, ris: A Thighearna, co e?
26
Fhreagair Iosa: Se esan dha ʼn sìn mise aran an deigh a thumadh. Us nuair a thum e an t-aran, thug e e do Iudas Iscariot, mac Shimoin.
27
ʼS an deigh a ghreime chaidh satan a stigh ann. Us thuirt Iosa ris: An ni tha thu dianamh, dian e gu h-ealamh.
28
ʼS cha robh fios aig duine air bith aig a bhord car-son a thuirt e so ris.
29
Oir bha cuid a saoilsinn, bho na bha an sporan aig Iudas, gun tuirt Iosa ris: Ceannaich na nichean a tha feumail dhuinn air son latha na feille; no gun tugadh e rudeigin do na bochdan.
30
Nuair a ghabh e ma ta an greim, ghrad-chaidh e mach. ʼS bha an oidhche ann.
31
Uime sin nuair chaidh esan a mach, thuirt Iosa: A nis tha Mac an duine air a ghlorachadh; agus tha Dia air a ghlorachadh ann.
32
Ma tha Dia air a ghlorachadh ann, gloraichidh Dia esan mar an ciadna ann fhein; agus gu grad gloraichidh e e.
33
A chlann bheag, fhathast car seal tha mi maille ribh. Siridh sibh mi; ʼs mar thuirt mi ris na h-Iudhaich: Far am beil mise dol, cha n-urrainn duibhse tighinn: ʼsa nis tha mi g-radh an ni chiadna ribhse.
34
Fainte ùr tha mi toirt dhuibh: Gun toir sibh gaol do gach a cheile, mar a thug mise gaol dhuibhse, gun toir sibhse gaol do gach a cheile mar an ciadna.
35
Le so aithnidh daoine uile gur sibh mo dheisciopuil-sa, ma bheir sibh gaol do gach a cheile.
36
Thuirt Simon Peadar ris: A Thighearna, cean a tha thu dol? Fhreagair Iosa: Far a bheil mi dol cha n-urrainn dhutsa mo leanail an drasda: ach leanaidh thu an deigh so.
37
Thuirt Peadar ris: Car-son nach urrainn domh do leanail an drasda? leigidh mi sios mo bheatha airʼ do shon.
38
Fhreagair Iosa e: An leig thu sios do bheatha air mo shon? Gu dearbh dearbh tha mi g-radh riut: cha ghoir an coileach, gus an aicheadh thu mi tri uairean.
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 14 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21