bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Psalms 68
Psalms 68
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 67
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 67
Chapter 68
Chapter 69
Chapter 70
Chapter 71
Chapter 72
Chapter 73
Chapter 74
Chapter 75
Chapter 76
Chapter 77
Chapter 78
Chapter 79
Chapter 80
Chapter 81
Chapter 82
Chapter 83
Chapter 84
Chapter 85
Chapter 86
Chapter 87
Chapter 88
Chapter 89
Chapter 90
Chapter 91
Chapter 92
Chapter 93
Chapter 94
Chapter 95
Chapter 96
Chapter 97
Chapter 98
Chapter 99
Chapter 100
Chapter 101
Chapter 102
Chapter 103
Chapter 104
Chapter 105
Chapter 106
Chapter 107
Chapter 108
Chapter 109
Chapter 110
Chapter 111
Chapter 112
Chapter 113
Chapter 114
Chapter 115
Chapter 116
Chapter 117
Chapter 118
Chapter 119
Chapter 120
Chapter 121
Chapter 122
Chapter 123
Chapter 124
Chapter 125
Chapter 126
Chapter 127
Chapter 128
Chapter 129
Chapter 130
Chapter 131
Chapter 132
Chapter 133
Chapter 134
Chapter 135
Chapter 136
Chapter 137
Chapter 138
Chapter 139
Chapter 140
Chapter 141
Chapter 142
Chapter 143
Chapter 144
Chapter 145
Chapter 146
Chapter 147
Chapter 148
Chapter 149
Chapter 150
Chapter 69 →
1
Don àrd-fhear-ciùil. Salm no laoidh le Daibhidh. Eireadh Dia! Biodh a naimhdean air an sgapadh, agus teicheadh iadsan aig a bheil fuath dha o a ghnùis!
2
Mar a dh’fhuadaichear deatach, fuadaichear iad; mar a leaghar cèir fa chomhair an teine, sgriosar droch dhaoine am fianais Dhè.
3
Ach biodh na fìreanan aoibhneach; dèanadh iad gàirdeachas am fianais Dhè, agus biodh iad suilbhir le luath-ghaire.
4
Seinnibh do Dhia, molaibh a ainm; àrdaichibh esan a tha a’ marcachd air na nèamhan le a ainm Iah, agus dèanaibh gàirdeachas na fhianais.
5
Athair nan dìlleachdan agus britheamh nam bantrach, is e Dia ann an ionad-còmhnaidh a naomhachd.
6
Suidhichidh Dia na daoine aonaranach ann an teaghlach; bheir e a‑mach iadsan a tha ceangailte le cuibhrichean; ach gabhaidh na ceannaircich còmhnaidh ann an tìr thartmhoir.
7
A Dhè, nuair a chaidh thu a‑mach rod shluagh, nuair a dh’imich thu anns an fhàsach; Selah;
8
Chriothnaich an talamh, shil mar an ceudna na nèamhan; leagh na beanntan o làthair Dhè, Sinài sin fhèin o làthair an Tighearna, Dia Israeil.
9
Shil thu a‑nuas uisge gu pailt, a Dhè; air d’oighreachd, agus i sgìth, dh’fhurtaich thu.
10
Chòmhnaich do choitheanal innte; dheasaich thu, a Dhè, ded mhaitheas don bhochd.
11
Chuir an Tighearna a ghuth a‑mach; bu lìonmhor cuideachd na muinntir a dh’fhoillsich e.
12
Theich, theich rìghrean nan armailtean, agus roinn ise a dh’fhan aig an taigh a’ chreach.
13
Ged laigh sibh am measg choireachan, bidh sibh mar sgiathan calamain air an còmhdach le airgead, agus a iteagan le òr buidhe.
14
Nuair a sgaoil an t‑Uile-chumhachdach rìghrean innte, bha i geal mar shneachd air Salmon.
15
Tha beinn Dhè mar bheinn Bhasain, na beinn àrd mar bheinn Bhasain.
16
Carson a leumas sibh, a bheanntan àrda? Is i seo a’ bheinn anns am miann le Dia còmhnaidh a ghabhail; seadh, còmhnaichidh an Tighearna innte gu bràth.
17
Tha carbadan Dhè nam fichead mìle, le mìltean de mhìltean aingeal; tha an Tighearna nam measg, mar ann an Sinài, anns an ionad naomh.
18
Chaidh thu suas air ionad àrd, thug thu bruid ann am braighdeanas; thug thu tìodhlacan do dhaoine, seadh, eadhon do dhaoine ceannairceach, a‑chum gun gabhadh an Tighearna còmhnaidh nam measg.
19
Beannaichte gu robh an Tighearna, a tha gach là gar cumail suas, Dia ar slàinte! Selah.
20
Is e ar Dia-ne Dia na slàinte, agus don Tighearna Dia buinidh an t‑slighe on bhàs.
21
Ach brisidh Dia ceann a naimhdean, claigeann greannach an fhir a dh’imicheas na pheacaidhean.
22
Thubhairt an Tighearna, Mar o Bhasan bheir mi mo shluagh air an ais; bheir mi air an ais iad mar o dhoimhneachdan na fairge;
23
A‑chum gun tumar do chas ann am fuil do naimhdean, teanga do mhadraidh anns an nì cheudna.
24
Chunnaic iad do thriall, a Dhè, triall mo Dhè, mo Rìgh, anns an ionad naomh!
25
Dh’imich an luchd-seinn air thoiseach, an luchd-ciùil nan dèidh, am meadhon mhaighdeann a’ bualadh thiompan.
26
Anns na coitheanalan beannaichibh an Tighearna Dia, an Tighearna o thobar Israeil.
27
An sin tha Beniàmin beag na uachdaran orra, ceannardan Iùdah an luchd-comhairle, ceannardan Shebuluin, ceannardan Naphtali.
28
Dh’àithn do Dhia dhut do neart; neartaich, a Dhè, an nì seo a rinn thu air ar son.
29
Airson do theampaill ann an Ierusalem, bheir rìghrean tìodhlac dhut.
30
Smachdaich luchd nan sleagh, mòr-chuideachd nan tarbh le laoigh an t‑sluaigh, gus an strìochd iad le mìrean airgid; sgap thusa na slòigh a ghabh tlachd den chogadh.
31
Thig àrd-uaislean as an Eiphit; sìnidh Etiopia a làmhan a‑mach gu luath ri Dia.
32
A rìoghachdan na talmhainn, seinnibh do Dhia; seinnibh moladh don Tighearna: Selah:
33
Dhàsan a tha a’ marcachd air nèamhan nan nèamh o chian! Feuch, tha e a’ cur a‑mach a ghutha, guth neirt.
34
Thugaibh-se neart do Dhia; thar Israel tha a ghlòir, agus tha a neart anns na neòil.
35
Is uamhasach thusa, a Dhè, od ionadan naomha! Is e Dia Israeil a bheir neart agus treòir da shluagh. Guma beannaichte Dia!
← Chapter 67
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 67
Chapter 68
Chapter 69
Chapter 70
Chapter 71
Chapter 72
Chapter 73
Chapter 74
Chapter 75
Chapter 76
Chapter 77
Chapter 78
Chapter 79
Chapter 80
Chapter 81
Chapter 82
Chapter 83
Chapter 84
Chapter 85
Chapter 86
Chapter 87
Chapter 88
Chapter 89
Chapter 90
Chapter 91
Chapter 92
Chapter 93
Chapter 94
Chapter 95
Chapter 96
Chapter 97
Chapter 98
Chapter 99
Chapter 100
Chapter 101
Chapter 102
Chapter 103
Chapter 104
Chapter 105
Chapter 106
Chapter 107
Chapter 108
Chapter 109
Chapter 110
Chapter 111
Chapter 112
Chapter 113
Chapter 114
Chapter 115
Chapter 116
Chapter 117
Chapter 118
Chapter 119
Chapter 120
Chapter 121
Chapter 122
Chapter 123
Chapter 124
Chapter 125
Chapter 126
Chapter 127
Chapter 128
Chapter 129
Chapter 130
Chapter 131
Chapter 132
Chapter 133
Chapter 134
Chapter 135
Chapter 136
Chapter 137
Chapter 138
Chapter 139
Chapter 140
Chapter 141
Chapter 142
Chapter 143
Chapter 144
Chapter 145
Chapter 146
Chapter 147
Chapter 148
Chapter 149
Chapter 150
Chapter 69 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66
67
68
69
70
71
72
73
74
75
76
77
78
79
80
81
82
83
84
85
86
87
88
89
90
91
92
93
94
95
96
97
98
99
100
101
102
103
104
105
106
107
108
109
110
111
112
113
114
115
116
117
118
119
120
121
122
123
124
125
126
127
128
129
130
131
132
133
134
135
136
137
138
139
140
141
142
143
144
145
146
147
148
149
150