bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Psalms 89
Psalms 89
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 88
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 67
Chapter 68
Chapter 69
Chapter 70
Chapter 71
Chapter 72
Chapter 73
Chapter 74
Chapter 75
Chapter 76
Chapter 77
Chapter 78
Chapter 79
Chapter 80
Chapter 81
Chapter 82
Chapter 83
Chapter 84
Chapter 85
Chapter 86
Chapter 87
Chapter 88
Chapter 89
Chapter 90
Chapter 91
Chapter 92
Chapter 93
Chapter 94
Chapter 95
Chapter 96
Chapter 97
Chapter 98
Chapter 99
Chapter 100
Chapter 101
Chapter 102
Chapter 103
Chapter 104
Chapter 105
Chapter 106
Chapter 107
Chapter 108
Chapter 109
Chapter 110
Chapter 111
Chapter 112
Chapter 113
Chapter 114
Chapter 115
Chapter 116
Chapter 117
Chapter 118
Chapter 119
Chapter 120
Chapter 121
Chapter 122
Chapter 123
Chapter 124
Chapter 125
Chapter 126
Chapter 127
Chapter 128
Chapter 129
Chapter 130
Chapter 131
Chapter 132
Chapter 133
Chapter 134
Chapter 135
Chapter 136
Chapter 137
Chapter 138
Chapter 139
Chapter 140
Chapter 141
Chapter 142
Chapter 143
Chapter 144
Chapter 145
Chapter 146
Chapter 147
Chapter 148
Chapter 149
Chapter 150
Chapter 90 →
1
Maschil le Etan an t‑Esrahach. Air tròcairean an Tighearna gu bràth seinnidh mi; o linn gu linn foillsichidh mi d’fhìrinn lem bheul.
2
Oir thubhairt mi, Gu bràth togar suas tròcair; anns na nèamhan daingnichidh mi d’fhìrinn, ag ràdh,
3
Rinn mi coicheangal rim Aon taghte; mhionnaich mi do Dhaibhidh, m’òglach,
4
Gu bràth daingnichidh mi do shliochd agus togaidh mi suas do rìgh-chathair o linn gu linn. Selah.
5
Molaidh na nèamhan d’iongantasan, a Thighearna; mar an ceudna d’fhìrinn ann an coitheanal nan naomh.
6
Oir cò ann am flaitheanas a choimeasar ris an Tighearna? Cò am measg mic nan cumhachdach a shamhlaichear ris an Tighearna?
7
Is adhbhar eagail Dia gu mòr ann an coitheanal nan naomh, agus is còir urram a thoirt dha os an cionn-san uile a tha mun cuairt dha.
8
A Thighearna Dhè nan slògh, cò a tha cosmhail riut? Treun tha thusa, a Thighearna, agus tha d’fhìrinn mun cuairt dhut.
9
Riaghlaidh tusa onfhadh na fairge; nuair a dh’èireas a tonnan, caisgidh tu iad.
10
Mhìn-phronn thu Rahab, mar dhuine leònte; le gàirdean do neirt sgap thu do naimhdean.
11
Is leatsa na nèamhan; mar an ceudna is leat an talamh; shuidhich thusa an cruinne-cè agus a làn.
12
Chruthaich thusa an àird a tuath agus an àird a deas; nì Tabor agus Hermon gàirdeachas ann ad ainm.
13
Agadsa tha gàirdean neartmhor; is làidir do làmh, is àrd do dheaslàmh.
14
Is iad ceartas agus breitheanas àite-tàimh do rìgh-chathrach; thèid tròcair agus fìrinn rod ghnùis.
15
Is beannaichte an sluagh don aithne an fhuaim aoibhneach; imichidh iad, a Thighearna, ann an solas do ghnùise.
16
Ann ad ainm-sa nì iad gàirdeachas air feadh an là, agus ann ad fhìreantachd àrdaichear iad.
17
Oir is tusa glòir an neirt, agus ann ad dheagh-ghean àrdaichear ar n‑adharc.
18
Oir is e an Tighearna ar sgiath, agus Aon naomh Israeil ar Rìgh.
19
An sin labhair thu ann an taisbeanadh rid Aon naomh, agus thubhairt thu. Chuir mise cuideachadh air aon a tha cumhachdach; dh’àrdaich mi aon taghte as an t‑sluagh.
20
Fhuair mi Daibhidh m’òglach; lem ola naoimh dh’ung mi e,
21
Lem bi mo làmh gu daingeann; mar an ceudna neartaichidh mo ghàirdean e.
22
Cha tog an nàmhaid cìs dheth, agus cha chlaoidh mac an uilc e.
23
Agus pronnaidh mi a naimhdean roimhe, agus buailidh mi iadsan lem fuathach e.
24
Agus bidh m’fhìrinn agus mo thròcair maille ris, agus ann am ainm-sa àrdaichear a adharc-san.
25
Agus cuiridh mi a làmh anns an fhairge, agus a dheaslàmh anns na h‑aibhnichean.
26
Glaodhaidh e rium, Is tu m’athair, mo Dhia agus carraig mo shlàinte.
27
Mar an ceudna nì mi mo chiad-ghin dheth, àrd os cionn rìghrean na talmhainn.
28
Gu bràth gleidhidh mi mo thròcair dha, agus bidh mo choicheangal seasmhach leis.
29
Agus suidhichidh mi gu bràth a shliochd, agus a rìgh-chathair mar làithean nan nèamh.
30
Ma thrèigeas a chlann mo lagh, agus nach gluais iad ann am bhreitheanais,
31
Ma mhì-naomhaicheas iad mo reachdan, agus nach glèidh iad m’àitheantan,
32
An sin fiosraichidh mi le slait an easaontas, agus le buillean an euceart.
33
Gidheadh, cha bhuin mi gu tur mo choibhneas gràidh uaithe, agus cha bhreugnaich mi mo ghealladh.
34
Cha bhris mi mo choicheangal, agus an nì a thàinig as mo bhilean chan atharraich mi.
35
Aon uair mhionnaich mi air mo naomhachd nach dèan mi breug do Dhaibhidh.
36
Mairidh a shliochd gu bràth, agus a rìgh-chathair mar a’ ghrian am làthair.
37
Mar a’ ghealach daingnichear e gu bràth, agus mar fhianais dhìleas ann an nèamh. Selah.
38
Ach thilg thu uat, agus ghabh thu gràin; bha fearg ort rid Aon ungte.
39
Sgaoil thu coicheangal d’òglaich; thruaill thu a choron, ga thilgeadh gu làr.
40
Bhris thu a bhallachan-dìonaidh uile; rinn thu a dhaingnichean nan sgrios.
41
Creachaidh iadsan uile a ghabhas an t‑slighe e; tha e na mhasladh da choimhearsnaich.
42
Thog thu suas deaslàmh a naimhdean; rinn thu a eascairdean uile ait.
43
Mar an ceudna thill thu faobhar a chlaidheimh, agus cha tug thu air seasamh anns a’ chath.
44
Chuir thu as da ghlòir, agus thilg thu sìos a rìgh-chathair gu làr.
45
Ghiorraich thu làithean a òige; chòmhdaich thu e le nàire. Selah.
46
Cia fhad, a Thighearna, a dh’fhalaicheas tu thu fhèin gu tur, a loisgeas mar theine do chorraich?
47
Cuimhnich cia geàrr m’aimsir; carson a chruthaich thu gu dìomhain clann nan daoine uile?
48
Cò e an duine a tha beò agus nach faic am bàs, no a theasairgeas a anam fhèin o làimh na h‑uaighe?
49
Càit a bheil do choibhneasan gràidh roimhe seo, a Thighearna, a mhionnaich thu do Dhaibhidh air d’fhìrinn?
50
Cuimhnich, a Thighearna, masladh do sheirbhiseach, gun do ghiùlain mise ann am uchd uile mhasladh sluaigh mhòir,
51
Leis an do mhaslaich do naimhdean, a Thighearna, leis an do mhaslaich iad ceuman d’Aoin ungte.
52
Beannaichte gu robh an Tighearna gu sìorraidh! Amen agus Amen.
← Chapter 88
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 67
Chapter 68
Chapter 69
Chapter 70
Chapter 71
Chapter 72
Chapter 73
Chapter 74
Chapter 75
Chapter 76
Chapter 77
Chapter 78
Chapter 79
Chapter 80
Chapter 81
Chapter 82
Chapter 83
Chapter 84
Chapter 85
Chapter 86
Chapter 87
Chapter 88
Chapter 89
Chapter 90
Chapter 91
Chapter 92
Chapter 93
Chapter 94
Chapter 95
Chapter 96
Chapter 97
Chapter 98
Chapter 99
Chapter 100
Chapter 101
Chapter 102
Chapter 103
Chapter 104
Chapter 105
Chapter 106
Chapter 107
Chapter 108
Chapter 109
Chapter 110
Chapter 111
Chapter 112
Chapter 113
Chapter 114
Chapter 115
Chapter 116
Chapter 117
Chapter 118
Chapter 119
Chapter 120
Chapter 121
Chapter 122
Chapter 123
Chapter 124
Chapter 125
Chapter 126
Chapter 127
Chapter 128
Chapter 129
Chapter 130
Chapter 131
Chapter 132
Chapter 133
Chapter 134
Chapter 135
Chapter 136
Chapter 137
Chapter 138
Chapter 139
Chapter 140
Chapter 141
Chapter 142
Chapter 143
Chapter 144
Chapter 145
Chapter 146
Chapter 147
Chapter 148
Chapter 149
Chapter 150
Chapter 90 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66
67
68
69
70
71
72
73
74
75
76
77
78
79
80
81
82
83
84
85
86
87
88
89
90
91
92
93
94
95
96
97
98
99
100
101
102
103
104
105
106
107
108
109
110
111
112
113
114
115
116
117
118
119
120
121
122
123
124
125
126
127
128
129
130
131
132
133
134
135
136
137
138
139
140
141
142
143
144
145
146
147
148
149
150