bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 Corinthians 1
1 Corinthians 1
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 2 →
1
Pol a ghairmeadh gu bhith ʼna ostal Iosa Criosta le toil De, agus Sosthenes, brathair,
2
Gu eaglais De a thʼ ann an Corint, gan ionnsuidh-san a tha air an naomhachadh ann an Iosa Criosta, air an gairm gu bhith ʼnan naoimh, maille riusan uile a tha gairm air ainm ar Tighearna Iosa Criosta, anns gach aite acasan agus againn,
3
Grasan gun robh dhuibh agus sith bho Dhia ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta.
4
Tha mi daonnan a toirt taing do mo Dhia air ur son, as leth grasan De a thugadh dhuibh ann an Iosa Criosta:
5
Air son gum beil sibh air ur dianamh saibhir ʼs gach ni annsan, anns a h-uile labhairt agus a h-uile eolas,
6
Mar a tha teisteanas Chriosta air a dhaingneachadh unnaibh:
7
Air chor ʼs nach eil ni a dhìth oirbh ann an grasan air bith, a feitheamh ri taisbeanadh ar Tighearna Iosa Criosta,
8
A dhaingnicheas sibh mar an ciadna gus a chrioch gun lochd, ann an latha tighinn ar Tighearna Iosa Criosta.
9
Tha Dia dileas, leis a bheil sibh air ur gairm gu comunn a Mhic, ar Tighearna Iosa Criosta.
10
A nis tha mi guidhe oirbh, a bhraithrean, ann an ainm ar Tighearna Iosa Criosta, gun labhair sibh uile an t-aon ni ciadna, ʼs nach bi eas-aontachd ʼnur measg: ach gum bi sibh coimhlionta anns an aon bheachd agus anns an aon bhreth.
11
Oir dhʼ innseadh dhomhsa mu ʼr deidhinn, mo bhraithrean, leo-san a tha de theaghlach Chloé, gum beil consachdh ʼnur measg.
12
A nis tha mi g-radh so, gun abair gach aon agaibh: Is le Pol gu fior mise: agus is le Apollo mise: agus is le Cephas mise: agus is le Criosta mise.
13
Am beil Criosta air a roinn? Na cheusadh Pol air ur son? No na bhaisteadh sibh an ainm Phoil?
14
Tha mi toirt taing do Dhia nach do bhaist mi gin dhibh, ach Crispus us Caius:
15
Eagal neach a radh gun do bhaisteadh na mʼ ainmse sibh.
16
Bhaist mi mar an ciadna teaghlach Stephanais: a bharrachd air so cha n-aithne dhomh gun do bhaist mi aon ghin eile.
17
Oir cha do chuir Criosta mi a bhaisteadh, ach a shearmonachadh an t-soisgeil: cha n-ann an gliocas cainnte, air eagal gun dianteadh crois Chriosta gun stàth.
18
Oir dhaibh-san gu dearbh, a tha dol a dhìth, is aimideachd facal na croise: ach dhaibh-san a thiaruinnear, se sin dhuinne, is cumhachd Dhe e.
19
Oir tha e sgriobhte: Sgriosaidh mi gliocas nan daoine glic, agus tuigse nan daoine tuigseach cuiridh mi air chul.
20
Càit a bheil an duine glic? Càit a bheil an sgriobhach? Càit a bheil fear-deaspuid an t-saoghail so? Nach dʼ rinn Dia gliocas an t-saoghail so ʼna aimideachd?
21
Oir a chionn, ann an gliocas De, nach bʼ aithne do ʼn t-saoghal Dia tromh ghliocas, dheonaich Dia le aimideachd an teagaisg na creidich a shabhaladh.
22
Oir tha na h-Iudhaich a g-iarraidh chomharraidhnean, ʼs tha na Greigich a sireadh gliocais:
23
Ach tha sinn a searmonachadh Chriosta a cheusadh: ʼna cheap-tuislidh gu dearbh do na h-Iudhaich, ach ʼna ghoraiche do na cinnich,
24
Ach dhaibh-san a ghairmeadh, Iudhaich mar-aon agus Greigich, Criosta cumhachd Dhe agus gliocas Dhe:
25
Chionn gu bheil an ni, a shaoilear ʼna amaideachd ann an Dia, nas glice na daoine; agus an ni, a shaoilear lag ann an Dia, nas treasa na daoine.
26
Oir faicibh, a bhraithrean, ur gairm, cha n-eil moran glic a reir na feola, cha n-eil moran cumhachdach, cha n-eil moran uasal:
27
Oir nichean gorach an t-saoghail so thagh Dia, gus na daoine glice a chur gu nàire; us nichean laga an t-saoghail thagh Dia, gus na nichean laidir a chur gu nàire;
28
Us nichean diblidh an t-saoghail so, us nichean suarach thagh Dia, us nichean nach eil, gus na nichean a tha a thoirt gu neoni:
29
Gus nach gabh feoil air bith uaill ʼna lathair.
30
Ach ʼsann bhuaithe tha sibhse ann an Iosa Criosta, a rinneadh le Dia dhuinne ʼna ghliocas, ʼs ʼna cheartas, ʼs ʼna naomhachd, ʼs ʼna shaorsa;
31
Ceart mar tha e sgriobhte: Esan a ghabhas uaill, gabhadh e uaill anns an Tighearna.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16