bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 Corinthians 3
1 Corinthians 3
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 4 →
1
Agus, a bhraithrean, cha bʼ urrainn domhsa labhairt ribh mar ri daoine spioradail, ach mar ri daoine feolmhor. Mar ri leanabanan ann an Criosta,
2
Thug mi bainne dhuibh ri ol, cha n-e biadh: oir cha robh sibh fhathast comasach air: ʼs cha mhua tha sibh comasach air a nis fhein: oir tha sibh fhathast feolmhor.
3
Oir nuair tha farmad agus consachadh ʼnur measg, nach ann feolmhor a tha sibh, ʼs gu ʼr giulan fhein a reir gnath dhaoine?
4
Oir nuair tha fear a g-radh: Gu dearbh is le Pol mise: us fear eile: Is le Apollo mise, nach daoine sibh? Ciod is e ma ta Apollo? Agus ciod Pol?
5
Seirbhisich dhasan anns na chreid sibh, ʼs mar thug an Tighearna do gach aon.
6
Shuidhich mise, dhʼuisgich Apollo; ach se Dia a thug an cinneachadh.
7
Le sin cha ni air bith esan a shuidhicheas, no esan a dhʼ uisgicheas, ach Dia, a tha toirt a chinneachduinn.
8
A nis is aon esan a shuidhicheas, agus esan a dhʼ uisgicheas. ʼS gheobh gach aon a dhuais fhein a reir oibre fhein.
9
Oir is sinne luchd-cuideachaidh Dhe: is sibhse treabhachas Dhe, is sibh aitreabh Dhe.
10
A reir grasan Dhe, a thugadh dhomh, shuidhich mise mar ard-chlachair glic an steidh: ʼs tha fear eile a togail oirre. Ach thugadh a h-uile fear an aire ciamar a thogas e oirre.
11
Oir steidh eile cha n-urrainn do dhuine air bith a shuidheachadh, ach an steidh a thʼ air a suidheachadh, si sin Iosa Criosta.
12
A nis ma thogas duine air bith air an steidh so òr, airgiod, clachan-priseil, fiodh, fiar, connlach,
13
Nithear follaiseach obair gach duine: oir innsidh latha an Tighearna i: a chionn gun nochdar ann an teine i; us fiachaidh an teine obair gach duine ciod a thʼ innte.
14
Ma sheasas an obair a thog duine air bith, gheobh e duais.
15
Ma loisgeas obair duine air bith, fuiligidh e call: ach sabhailear e fhein: ach mar gum bʼ ann le teine.
16
Nach eil fhios agaibh gur sibh teampull De, ʼs gum beil Spiorad De a tamh unnaibh?
17
Ach ma thruailleas duine air bith teampull De, sgriosaidh Dia e. Oir tha teampull De naomh, agus is sibhse e.
18
Na mealladh duine air bith e fhein: ma tha duine air bith ʼnur measg a gabhail air fhein a bhith glic san t-saoghal so, fàsadh e gorach, gus e chinntinn glic.
19
Oir tha gliocas an t-saoghail so ʼna ghoraiche aig Dia. Oir tha e sgriobhte: Glacaidh mi na daoine glice ʼnan seoltachd fhein,
20
ʼSa rithist: Is aithne do Dhia smaointean nan daoine glice, gum beil iad faoin.
21
Uime sin na gabhadh neach air bith uaill á daoine.
22
Oir is leibhse a h-uile ni, co-dhiu se Pol, no Apollo, no Cephas, no an saoghal, no beatha, no bàs, no nichean a lathair, no nichean ri tighinn: oir is leibhse a h-uile ni:
23
Ach is le Criosta sibhse: agus le Dia Criosta.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16