bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 Corinthians 13
1 Corinthians 13
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 14 →
1
Ged a labhruinn le teanganan dhaoine agus aingeal, gun a charrantachd a bhith agam, cha bhithinn ach mar phràis fhuaimnich, agus mar chiombal gliongach.
2
Agus ged a bhiodh faisneachd agam, ʼs gum bʼ aithne dhomh a h-uile mistire, agus a h-uile eolas, ʼs ged a bhiodh a h-uile creideamh agam ionnus gun caraichinn na beanntan, ʼs nach biodh a charrantachd agam, is neoni mi.
3
Agus ged a bhuilichinn mo chuid uile am biadh air na bochdan, ʼs ged a liubhrainn mo choluinn gus mo losgadh, ʼs nach biodh a charrantachd agam, cha n-eil buannachd ann domh.
4
Tha charrantachd faighidneach, tha i caoimhneil: cha n-eil a charrantachd farmadach, cha n-eil giomh ʼna dianadas, cha n-at i le prois,
5
Cha n-eil i deidheil air ard-inbhe, cha n-iarr i a buannachd fhein, cha n-eil i feargach, cha smaoinich i olc,
6
Cha ghabh i toileachadh as an olc, ach gabhaidh i toileachadh as an fhirinn:
7
Giulanaidh i a h-uile ni, creididh i a h-uile ni, earbaidh i as a h-uile ni, fuiligidh i a h-uile ni.
8
Cha n-fhàilnich a charrantachd a chaoidh: ged a thig faisneachd gu neo-bhrigh, no ged a sguireas teanganan, no ged a theid eolas bho fheum.
9
Oir tha eolas againn ann am pairt, agus tha faisneachd againn am pairt.
10
Ach nuair a thig an ni a tha coimhlionta, cuirear an ni a tha am pairt air chul.
11
Nuair a bha mi am leanabh, labhair mi mar leanabh, thuig mi mar leanabh, smaoinich mi mar leanabh. Ach nuair dhʼ fhas mi am dhuine, leig mi doighean leinibh dhiom.
12
Tha sinn an drasda a faicinn tromh ghloine an seol doilleir: ach an sin aghaidh ri aghaidh. An drasda tha mi g-aithneachadh ann an roinn: ach an sin aithnidh mi, ceart mar a tha aithne orm.
13
An drasda tha creideamh, dochas, carrantachd ann, na tri so: ach dhiu so si a charrantachd is mua.
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 14 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16