bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 Corinthians 8
1 Corinthians 8
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 9 →
1
A nis a thaobh nan nichean a thathas a g-iobradh do iodholan, tha fios againn gum beil eolas againn uile. Seididh faghlum suas; ach bheir a charrantachd deagh shamhla.
2
Ach ma tha neach air bith am barail gur aithne dha ni sa bith, cha dʼ aithnich e fhathast mar bu chòir dha aithneachadh.
3
Agus ma tha gaol aig duine air bith air Dia, tha esan air aithneachadh leis.
4
Ach a thaobh bhiadhan a thathas a g-iobradh do iodholan, tha fios againn gur neoni iodhol anns an t-saoghal, ʼs nach eil Dia ann ach a h-aon.
5
Oir ged a tha iad ann ris an abrar diathan, air neamh no air talamh (oir tha ioma dia, us ioma tighearn ann):
6
Ach dhuinne cha n-eil ann ach aon Dia, an t-Athair, bho bheil a h-uile ni, agus sinne ann; agus aon Tighearna Iosa Criosta, bho bheil a h-uile ni, agus sinne troimh-san.
7
Ach cha n-eil eolas aig a h-uile h-aon. Oir gu so fhein tha cuid le fiosrachadh air an iodhol a g-ithe na chaidh iobradh do iodhol; ʼs tha an cogais, bhon a tha i lag, air a truailleadh.
8
Ach cha n-eil biadh ga ʼr dianamh taitneach do Dhia. Oir ged a dhʼitheas sinn, cha bhi sinn nas pailte; cha mhua, ged nach ith, a bhitheas sinn nas gainne.
9
Ach gabhaibh toighe, air eagal theagamh gum bi ur cead so ʼna cheap-tuislidh dhaibh-san, a tha lag.
10
Oir ma chi fear esan aig a bheil eolas ʼna shuidhe aig bord an teampull iodhoil, nach gabh a chogais, ʼs e lag, danadas gu icheadh nichean a dhʼiobradh do iodholan?
11
Agus an teid le dʼ eolas-sa brathair lag a dhith air son an dʼ fhuilig Criosta am bàs?
12
Agus mar so le peacachadh an aghaidh nam braithrean, agus le an cogais lag a lotadh, tha sibh a peacachadh an aghaidh Chriosta.
13
Uime sin ma tha biadh a toirt sgainneil dha mʼ bhrathair, cha n-ith mi feoil am feasd, air eagal gun toir mi sgainneal dha mʼ bhrathair.
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 9 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16