bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 Corinthians 16
1 Corinthians 16
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
1
A nis a thaobh an tionail a thathas a dianamh air son nan naomh, dianaibhse cuideachd a reir ʼs mar dhʼ orduich mi do eaglaisean Ghalatia.
2
Air a chiad latha de ʼn t-seachduin, cuireadh a h-uile h-aon agaibh seachad an tasgadh na lan-thaitneas ris fhein; air chor ʼs nach bi an tional ri dhianamh nuair a thig mise.
3
Agus nuair a bhios mi maille ribh, feadhainn sa bith dhe ʼn dian sibh raghainn le litrichean, iad sin cuiridh mi a thoirt ur tiodhlaic air adhart gu Ierusalem.
4
Agus ma bhios e iomchuidh gum falbhainnse, theid iad comhla rium.
5
A nis thig mi gu ʼr n-ionnsuidh, nuair a ghabhas mi tromh Mhacedonia: oir gabhaidh mi tromh Mhacedonia.
6
Agus fanaidh mi treis theagamh comhta ribh, no ma dhʼ fhaoidte ré a gheamhraidh: los gun dian sibh iul domh air an t-sligh taobh sa bith an teid mi.
7
Oir cha n-aill leam ur faicinn san dol seachad a mhain: oir tha dochas agam fuireach treis a dhʼ uine maille ribh, ma leigeas an Tighearna leam.
8
Ach fanaidh mi an Ephesus gu Caingis.
9
Oir tha dorus mor agus follaiseach fosgailte dhomh, agus moran naimhdean.
10
A nis ma thig Timoti, seallaibh nach bi e fo eagal maille ribh: oir tha e g-oibreachadh obair an Tighearna, mar tha mise.
11
Uime sin na sealladh duine air bith sios air: ach thugaibh air aghaidh e an sith los gun tig e gam ionnsuidhse: oir tha duil agam ris maille ris na braithrean.
12
A thaobh ar brathar Apollo, tha mi toirt dhuibh ri thuigsinn, gun do ghrios mi gu cruaidh air, e thighinn gu ʼr n-ionnsuidh comhla ris na braithrean; ʼs gu deimhinn cha robh e idir toileach air tighinn san àm so: ach thig e nuair a gheobh e cothrom.
13
Dianaibh faire, seasaibh steidheil anns a chreideamh, oibrichibh gu fearail, agus bithibh sgairteil.
14
Biodh ur n-uile ghniomhran diante ann an carrantachd.
15
Guidheam oirbh, a bhraithrean, is aithne dhuibh tigh Stephanais, us Fhortunatuis, agus Achaicuis: ʼs gur iad ciad thoradh Achaia, ʼs gun tug iad iad fhein seachad gu freasdal air na naoimh,
16
G um bi sibhse cuideachd umhailt dha ʼn leithidean so, ʼs do ʼn h-uile h-aon a tha ri obair ʼs ri saothair comhla ruinne.
17
Agus tha aoibhneas orm an lathair Stephanais, us Fhortunatuis, ʼs Achaicuis, a chionn gun dʼ rinn iad suas an ni a bha dhith air ur taobhsa:
18
Oir thug iad furtachd dha mʼ spiorad-sa, thug agus dha ʼr spiorad fhein. Cuiribh eolas ma ta air an leithidean sin.
19
Tha eaglaisean Asia a cur bheannachd gu ʼr n-ionnsuidh. Tha Acuila us Priscilla a cur moran bheannachdan, anns an Tighearna, gu ʼr n-ionnsuidh maille ris an eaglais a tha ʼnan tigh, ʼs gur ann aca a tha mi fhein air aoidheachd.
20
Tha na braithrean uile a cur bheannachdan h-ugaibh. Cuiribh fàilt air a cheile le poig naoimh.
21
Tha mise Pol a cur mo bheannachd le mo laimh fhein.
22
Neach air bith nach toir gaol dha ʼr Tighearna Iosa Criosta, biodh e ʼna anathema, Maran Atha.
23
Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ribh.
24
Gun robh mo charrantachd maille ribh uile ann an Iosa Criosta. Amen.
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16