bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 Corinthians 10
1 Corinthians 10
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 11 →
1
Oir cha mhath leam, a bhraithrean, sibh a bhith aineolach, gun robh ar n-aithrichean uile fo ʼn nial, ʼs gun deach iad uile tromh ʼn mhuir,
2
ʼS gun do bhaisteadh iad uile ann am Maois anns an nial, agus anns a mhuir;
3
ʼS gun dʼ ith iad uile de ʼn aon bhiadh spioradail,
4
ʼS gun dʼ ol iad uile an aon dheoch spioradail: (us dhʼ ol iad de ʼn chreig spioradail a bha gan leantuinn: agus bʼ i a chreag Criosta).
5
Ach cha robh Dia ro thoilichte leis a chuid bu mhua dhiu: oir sgriosadh iad san fhàsach.
6
A nis rinneadh iad so mar shamhla dhuinne, gus nach miannaich sinne nichean olc, mar a mhiannaich iadsan.
7
ʼS na bithibh ʼnur luchd-iodhol-aoraidh, mar cuid dhiusan, a reir ʼs mar tha e sgriobhte: Shuidh an sluagh sios a dhʼ ithe agus a dhʼ ol, us dhʼ eirich iad a chluith.
8
ʼS na dianamaid striopachas, mar a rinn cuid dhiu-san striopachas, agus thuit tri mile thar fhichead an aon latha.
9
Agus na buairemid Criosta, mar a bhuair cuid dhiusan, agus bhàsaich iad leis na nathraichean.
10
Na dianaibh monmhur cuideachd, mar a rinn cuid diusan monmhur, agus sgriosadh iad leis an sgriosadair.
11
A nis thachair iad so uile dhaibhse mar shamhla: us tha iad air an sgriobhadh mar achasan dhuinne, air an tainig deireadh an t-saoghail.
12
Uime sin am fear a tha ga shaoilsinn fhein ʼna sheasamh, thugadh e ʼn aire nach tuit e.
13
Na glacadh buaireadh sibh ach a leithid ʼsa tha buailteach do ʼn duine: oir tha Dia dileas, nach leig leibh a bhith air ur buaireadh fos cionn ur neart, ach leis a bhuaireadh bheir e seol air dol as, los gur urrainn duibh a ghiulan.
14
Uime sin, a mhuinntir mo ghraidh, teichibh bho sheirbhis iodholan.
15
Tha mi labhairt mar ri daoine glice, thugaibh fhein breth air an ni a tha mi g-radh.
16
Cailis nam beannachd, a tha sinn a beannachadh, nach i comanachadh fuil Chriosta? ʼS an t-aran, a tha sinn a bristeadh, nach e comanachadh corp an Tighearna a thʼ ann?
17
Oir ge lionor, is aon aran, aon chorp, sinn uile, a tha gabhail de ʼn aon aran.
18
Seallaibh Israel a reir na feola: nach co-phairtich ris an altair iadsan, a tha g-iche nan iobairt?
19
Ciod dhe sin? A bheil mi g-radh gur ni air bith na tha air iobradh do iodholan? No gur ni air bith iodhol?
20
Ach na nichean a tha na cinnich a g-iobradh, tha iad gan iobradh do dheomhain, agus cha n-ann do Dhia. Agus cha n-aill leam comunn a bhith agaibhse ri deomhain: cha n-urrainn duibh cailis an Tighearna ol, agus cailis dheomhan:
21
Cha n-urrainn duihh a bhith ʼnur co-pairtich de bhord an Tighearna, ʼs de bhord dheomhan.
22
Am beil sinn a brosnachadh an Tighearna gu eud? An treasa sinne na esan? Tha h-uile ni ceadaichte dhomh, ach cha n-eil a h-uile ni freagrach.
23
Tha h-uile ni ceadaichte dhomh, ach cha toir a h-uile ni deagh leasan.
24
Na sireadh duine air bith a bhuannachd fhein, ach buannachd an atharraich.
25
Ni sam bith a thathas a reic sa mhargadh ithibh, gun cheisd fhaighneachd a thaobh cogais.
26
Is leis an Tighearna an talamh, ʼsa lanachd.
27
Ma bheir neach nach eil a creidsinn cuireadh dhuibh, us toil agaibh a dhol, ithibh de gach ni a chuirear air ur bialaobh, gun cheisd a chur a thaobh cogais.
28
Ach ma their duine air bith: Chaidh so iobradh do iodholan: na ithibh dheth as leth an fhir a dhʼ innis, agus as leth cogais:
29
Cha n-i do chogais fhein a tha mi g-radh, ach cogais an fhir eile. Oir ciod h-uige a tha mo shaorsa air a breth le cogais an atharraich?
30
Oir ma tha mise a gabhail le buidheachas, car-son a thathas a labhairt gu h-olc orm air son ni mu bheil mi a toirt tainge?
31
Air an aobhar sin co-dhiu dhʼ itheas sibh, no dhʼ olas sibh, no aon ni eile a ni sibh, dianaibh gach ni gu gloir Dhe.
32
Bithibh gun ghiomh an lathair nan Iudhach, agus nan cinneach, agus eaglais Dhe:
33
Mar tha mise fhein a toileachadh dhaoine uile anns gach ni, cha n-ann le bhith sireadh na tha gu buannachd dhomh fhein, ach do mhoran, gus iad a bhith sabhailte.
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 11 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16