bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 Corinthians 2
1 Corinthians 2
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 3 →
1
Agus mise, a bhraithrean, nuair thainig mi gu ʼr n-ionnsuidh, cha bʼ ann an doimhneachd cainnte agus gliocais a thainig mi, a cur air shuilean dhuibh teisteanas Chriosta.
2
Oir cha do ghabh mi orm ni a thuigsinn ʼnur measg ach Iosa Criosta, us esan air a cheusadh.
3
Agus bha mi ʼnur measg ann an laigse, ʼs an eagal, ʼs am mor bhall-chrith;
4
Agus cha robh mo sheanachas no mo shearmonachadh ann am briathran druighteach gliocas dhaoine, ach ann am foillseachadh spioraid agus cumhachd:
5
Gus nach biodh ur creideamh ann an gliocas dhaoine, ach ann an cumhachd Dhe.
6
Ach tha sinn a labhairt gliocais am measg dhaoine coimhlion: ach cha n-e gliocas an t-saoghail so, no prionnsachan an t-saoghail so, a chaidh gu neoni:
7
Ach tha sinn a labhairt gliocas Dhe ann am mistire, a tha am falach, a shonraich Dia roimh na linntean gu gloir dhuinne,
8
Nach bʼ aithne do h-aon de phrionnsachan an t-saoghail so: oir nam biodh aithne air bith aca air, cha bhiodh iad a chaoidh air ceusadh Tighearna na gloire.
9
Ach mar tha e sgriobhte: Cha n-fhaca suil, cha chuala cluas, cha mhua chinn e an cridhe duine, na nichean a dhʼ uidheamaich Dia dhaibh-san, a tha toirt gaoil dha.
10
Ach dhʼ fhoillsich Dia dhuinn iad le a Spiorad fhein: oir tha an Spiorad a rannsachadh a h-uile ni, seadh nichean domhain Dhe.
11
Oir co measg dhaoine dha ʼn aithne nichean an duine, ach spiorad an duine a thʼ ann fhein? Air an t-seol chiadna cha n-aithne do dhuine sa bith, ach do Spiorad Dhe, nichean De.
12
A nis fhuair sinne cha n-e spiorad an t-saoghail so, ach an Spiorad a tha bho Dhia, los gun aithnich sinn na nichean, a bhuilich Dia gu saor oirnn;
13
Nichean cuideachd a tha sinn a labhairt, cha n-ann am briathran faghluimte gliocas dhaoine, ach ann an teagasg an Spioraid, a samhlachadh nichean spioradail ri nichean spioradail.
14
Ach cha mhuthaich an duine feolmhor nichean Spiorad Dhe: oir is goraiche iad ʼna shuilean, ʼs cha n-urrainn dha an tuigsinn: a chionn ʼsann air mhodh spioradail a tha iad ri ʼm fiachuinn.
15
Ach bheir an duine spioradail breth air a h-uile ni; ʼs cha toirear breth air fhein le duine air bith.
16
Oir co dha ʼm bʼ aithne beachd an Tighearna, gus a sheoladh? Ach tha beachd Chriosta againn.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16