bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 Corinthians 9
1 Corinthians 9
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 10 →
1
Nach eil mise saor? Nach eil mi am ostal? Nach fhaca mi Iosa Criosta ar Tighearna? Nach sibhse mʼ obair anns an Tighearna?
2
Mur eil mi am ostal do dhʼ fheadhainn eile, ach dhuibhse co-dhiu tha mi: oir is sibhse seul mʼ ostalachd anns an Tighearna.
3
Se so mo dhion ʼnan lathair-san, a tha gam cheasnachadh.
4
Nach eil e ʼnar comas ithe agus ol?
5
Nach eil e ʼnar comas boirionnach piuthar a thoirt leinn mun cuairt, mar na h-ostail eile, agus braithrean an Tighearna, agus Cephas?
6
No am mise a mhain, agus Barnabas, aig nach eil comas a leithid so dhianamh?
7
Co idir a tha ri saighdearachd air a chostus fhein? Co a shuidhicheas fion-lios, ʼs nach ith dhe a mheas? Co a bheathaicheas treud, ʼs nach ith de bhainne na treuda?
8
An ann a reir duine a tha mi cantuinn so? No nach eil an lagh fhein a g-radh nan nichean so mar an ciadna?
9
Oir tha e sgriobhte ann an lagh Mhaois: Cha cheangail thu bial an daimh, a tha saltairt an arbhair. An e gum beil curam aig Dia de dhaimh?
10
An ann ga rireamh air ar son-ne tha e g-radh so? Oir ʼsann air ar son-ne a sgriobhadh iad: chionn am fear a threobhas, is còir dha treobhadh ann an dochas; ʼs am fear a bhuaileas, ann an dochas toradh fhaighinn.
11
Ma chuir sinn nichean spioradail dhuibhse, am mor an ni ma bhuaineas sinn ur nichean corporra?
12
Ma tha feadhainn eile a g-agairt còir air roinn dhe ʼr cuid fhaighinn, nach mor is mua na sin ar còir-ne? Ach cha do chuir sinne an gniomh a chòir so: ach tha sinn a cur suas ris a h-uile ni, air eagal a bheag a dhʼ éis a chur air soisgeul Chriosta.
13
Nach eil fhios agaibh gum beil iadsan, a tha ri seirbhis anns an ionad naomh, a g-iche de nichean an ionaid naoimh; ʼs iadsan a tha frithealadh do ʼn altair a faighinn de chuid na h-altrach?
14
ʼSann mar so cuideachd a dhʼ orduich an Tighearna, gun tigeadh luchd-teagaisg an t-soisgeil beo air an t-soisgeul.
15
Ach cha do chleachd mise a h-aon dhiu so. Cha mhua sgriobh mi so, los gun dianteadh mar so dhomh: oir is math dhomh am bàs fhaighinn, seach gun cuireadh neach air bith mo ghloir a dhith orm.
16
Oir ged a theagaisgeas mi an soisgeul, cha ghloir dhomh e: oir is fheudar dhomh dhianamh: oir se mo thruaighe mise, mur teagaisg mi an soisgeul.
17
Ma tha mi dianamh so gu deonach, tha duais agam: ach ma ʼsann a dhʼ aindeoin, tha an riarachadh so air earbsa rium.
18
Ciod i an sin mo dhuais? Gun liubhair mi, ʼs mi teagasg an t-soisgeil, an soisgeul gun chostus, ʼs nach mi-bhuilich mi mo chumhachd san t-soisgeul.
19
Oir ged bha mi saor a thaobh dhaoine uile, rinn mi seirbhiseach dhiom fhein dhaibh uile, gus am barrachd a chosnadh.
20
Agus do na h-Iudhaich rinneadh mi mar Iudhach gus na h-Iudhaich a chosnadh.
21
Dhaibh-san, a tha fo ʼn lagh, bha mi mar gum bithinn fo ʼn lagh (ged nach robh mi fhein fo ʼn lagh), gus an coisninn iadsan a tha fo ʼn lagh; dhaibh-san, a bha gun an lagh, bha mi mar gun an lagh (ged nach robh mi gun lagh Dhe, ach bha mi ann an lagh Chriosta), gus an coisninn iadsan a bha gun an lagh.
22
Do na laig bha mi lag, gus na laig a chosnadh. Do dhaoine uile bha mi am h-uile ni, gu daoine uile shabhaladh.
23
Agus tha mi dianamh gach ni air son an t-soisgeil, gus mi bhith na mʼ chomhphairtiche dheth.
24
Nach eil fhios agaibh gum beil iadsan, a tha ruith reis, a ruith gu dearbh uile, ach se aon fhear a choisneas an geall? Ruithibhse ann an rathad ʼs gum buidhinn sibh.
25
Agus tha gach aon, a tha stri air son laimh-an-uachdar, seachnach air a h-uile ni; agus iadsan gu dearbh gu crun truaillidh a chosnadh: ach sinne gu crun neo-thruaillidh.
26
Tha mise ma ta a ruith, cha n-ann mar gum bʼ eadh air son ni nach cinnteach; tha mi gleachd, cha n-ann mar gum bʼ eadh a bualadh an athair:
27
Ach tha mi ciosnachadh mo choluinne, ʼs ga smachdachadh, air eagal, ma dhʼ fhaoidte, an deigh dhomh searmonachadh do chàch, gun tilgear mi fhein air chul.
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 10 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16