bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
2 Corinthians 1
2 Corinthians 1
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 2 →
1
Pol, ostal Iosa Criosta le toil De, agus Timoti, brathair, gu eaglais Dhe a tha an Corint, maille ris na naoimh uile, a tha ann an Achaia gu leir.
2
Grasan gun robh dhuibhse agus sibh bho Dhia ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta.
3
Beannaichte gun robh Dia us Athair ar Tighearna Iosa Criosta, Athair nan trocair, agus Dia gach furtachd,
4
A tha furtachadh oirnn ʼnar n-uile chàs; gus sinn a bhith comasach air furtachadh orrasan, a tha ann an gàbhadh sa bith, tromh ʼn bhrosnachadh leis a bheil sinn fhein air ar brosnachadh bho Dhia.
5
Oir mar a tha fulangasan Chriosta pailt unnainne, mar sin tromh Chriosta is pailt ar furtachd cuideachd.
6
A nis ma tha sinn an trioblaid, ʼsann gu sibhse a chur h-uige ʼsa shabhaladh, no ma tha sinn air ar furtachadh, ʼsann gu sibhse fhurtachadh, no ma tha sinn air ar brosnachadh, ʼsann gu sibhse a bhrosnachadh ʼsa shabhaladh, ni tha toirt seachad faighidin gu giulan leis na ceart fhulangasan a tha sinn fhein a fulang;
7
Gus ar dochas a bhith daingeann as ur leth: us fios againn mar tha comh-phairt agaibh sna fulangasan, gum bi sin agaibh cuideachd san aoibhneas.
8
Oir cha mhath leinn, a bhraithrean, sibh a bhith aineolach air an trioblaid a thainig oirnn an Asia, gun robh sinn air ar sarachadh thar tomhas agus fos cionn ar neart, ann an rathad ʼs gun robh sinn sgith dhe ʼr beatha.
9
Ach bha binn a bhàis againn unnainn fhein, gus nach cuiremid earbsa asainn fhein, ach á Dia, a thogas na mairbh:
10
A shaor sinn, ʼsa tha ga ʼr saoradh bho chunnartan cho mor; as a bheil sinn a g-earbsa gun saor e sinn fhathast,
11
Le ur n-urnaigh-sa air ar son a bhith ga ʼr cuideachadh; air chor ʼs gun toirear buidheachas seachad le moran air ar son, as leth na gibht so a fhuaradh dhuinn le moran sluaigh.
12
Oir si so ar gloir, teisteanas ar cogais, gur h-ann an aon-fhillteachd cridhe, ʼs an treibhdhireachd Dhe, cha n-ann an gliocas feolmhor, ach an grasan De, a bha ar comhradh anns an t-saoghal so: agus gu mor nas pailte dha ʼr taobhsa.
13
Oir cha n-eil sinn a sgriobhadh nichean eile gu ʼr n-ionnsuidh, ach na leugh sibh agus a bʼ aithne dhuibh. Agus tha mi an dochas gun aithnich sibh gus a chrioch,
14
Ceart mar dhʼ aithnich sibh sinn am pairt, gur sinne ur gloir, mar is sibhse ar gloir-ne, ann an latha ar Tighearna Iosa Criosta.
15
Us anns an earbsa so bha toil agam tighinn gu ʼr n-ionnsuidh, los gum faigheadh sibh an ath ghras;
16
ʼSa gabhail ur rathaid-sa do Mhacedonia; us tighinn a rithist bho Mhacedonia gu ʼr n-ionnsuidh, gun dian sibh iul dhomh na mʼ thurus do Iudéa.
17
Nuair ma ta bha ʼm; beachd so agam, na chleachd mi luaineachas? No n-ann a reir na feola tha mi cur romham, na tha mi cur romham, air chor ʼs gum bi agam, Se, us Cha n-e?
18
Ach tha Dia firinneach, oir anns an teagasg a thug sinn dhuibhse, cha n-eil Se, agus, Cha n-e.
19
Oir Mac Dhe, Iosa Criosta, a chaidh shearmonachadh ʼnur measg leinne, leamsa, ʼs le Silbhanus, ʼs le Timoti, cha bʼ esan Se, us, Cha n-e, ach annsan bʼe Se.
20
Oir annsan tha gealltanasan uile Dhe ʼnan Se: agus uime sin troimh-san ʼnan Amen do Dhia gus ar gloir-ne.
21
A nis esan a tha ga ʼr neartachadh maille ribhse ann an Criosta, ʼsa dhʼung sinn, se Dia;
22
Agus a sheul sinn cuideachd, ʼsa thug earlas an Spioraid dhuinn ʼnar cridheachan.
23
Ach tha mi gairm Dhe ʼna fhianuis air mʼ anam, gur h-ann gus ur caomhnadh-sa, nach tainig mi tuille do Chorint: cha n-e gum beil sinn a gabhail uachdranachd air ur creideamh, ach gur sinn luchd-cuideachaidh ur sòlais: oir tha sibh steidheil sa chreideamh.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13