bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
2 Corinthians 2
2 Corinthians 2
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 3 →
1
Ach shuidhich mi so agam fhein, nach tiginn a rithist gu ʼr n-ionnsuidh am bròn.
2
Oir ma ni mi sibhse brònach, co bheir sòlas dhomh fhein, mur toir esan a rinneadh brònach leam?
3
Agus so fhein sgriobh mi h-ugaibh, air chor ʼs nuair a thig mi, nach bi bròn orm air muin bròin, as an leth-san dha ʼm bu chòir mo dhianamh subhach: ʼs mi earbsach asaibh uile, gum beil mo shòlas-sa ʼna shòlas dhuibh gu leir.
4
Oir le moran arrabain us bristidh-cridhe, ʼs le ioma deur sgriobh mi h-ugaibh, cha n-ann gus ur dianamh dubhach, ach gu fios a bhith agaibh air ro-phailteas na carrantachd a thʼ agam dhaʼr taobh.
5
Agus ma bha h-aon sa bith ʼna aobhar bròin, cha do chuir e bròn ormsa; ach ann an roinn, gus nach cuir mi eallach oirbh uile.
6
Dhasan, a tha ʼna leithid so de dhuine, is leoir an t-achasan so, a thugadh dha le moran:
7
Ionnus air an laimh eile gur e mathanas us furtachd a thoirt dha is ro iomchuidh dhuibh, eagal theagamh gun sluigear sios a leithid de dhuine le tuille ʼsa chòir de mhulad.
8
Air an aobhar so tha mi guidhe oirbh, sibh ur carrantachd a neartachadh ga thaobh.
9
ʼSann air son so cuideachd a sgriobh mi, los diachuinn a chur oirbh, a dhʼ fhios am beil sibh umhailt anns a h-uile ni.
10
Agus an neach dha ʼn do mhath sibh ni air bith, mhath mise cuideachd: oir an ni a mhath mi, ma mhath mi ni air bith, ʼsann air ur sonsa a rinn mi e am pearsa Chriosta,
11
Los nach meall satan sinn: oir cha n-eil sinn aineolach air a chuilbheartan.
12
Agus nuair thainig mi gu Troas air son soisgeul Chriosta, ʼsa dhʼ fhosgladh dorus domh anns an Tighearna,
13
Cha robh fois aig mo spiorad, a chionn nach dʼ fhuair mi Titus mo bhrathair: ach a gabhail slan leo, ghabh mi air mʼ adhart do Mhacedonia.
14
Ach taing do Dhia, a tha daonnan a toirt buaidh dhuinn ann an Iosa Criosta, ʼsa fiachuinn cubhraidheachd ʼeolais anns gach àite leinne:
15
Oir is deagh fhàile Chriosta sinn do Dhia, unntasan a shabhailear, agus unntasan a theid a dhith:
16
Do ʼn darna cuid gu dearbh fàileadh a bhàis gu bàs, ach do ʼn chuid eile fàileadh na beatha gu beatha. Agus h-uige so co cho freagrach?
17
Oir cha n-eil sinn, mar tha moran, a truailleadh facal De: ach le treibhdhireas, ach mar bho Dhia, an lathair Dhe tha sinn a labhairt ann an Criosta.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13