bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
2 Corinthians 7
2 Corinthians 7
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 8 →
1
Bhon a tha na gealltanasan so againn ma ta, a chuideachda mo ghraidh, glanamaid sinn fhein bho ʼn h-uile sailche feola agus spioraid, a coimhlionadh naomhachd ann an eagal De.
2
Gabhaibh ruinne. Cha do dhochainn sinn duine air bith, cha do thruaill sinn duine air bith, cha do mheall sinn duine air bith.
3
Cha n-ann gus ur diteadh a tha mi cantuinn so. Oir thuirt sinn a cheana, gum beil sibh ʼnar cridheachan, gu bàsachadh comhla, no gu bhith beo comhla.
4
Is mor mʼ earbsa asaibh, is mor mʼ uaill asaibh, tha mi air mo lionadh le sòlas, tha mʼ aoibhneas ʼnar n-uile thrioblaid pailt thar tomhas.
5
Oir nuair thainig sinn gu Macedonia, cha robh fois aig ar feoil, ach dhʼ fhuilig sinn a h-uile trioblaid: cath air an leth-a-mach, eagal air an leth-a-stigh.
6
Ach Dia, a tha furtachadh orrasan a tha iriosal, dhʼ fhurtaich e oirnn le tighinn Thituis.
7
ʼS cha n-ann le thighinn a mhain, ach leis an toil-inntinn cuideachd leis na thoilicheadh e unnaibhse, a g-innse dhuinn ur deidh, ur bròin, ur n-eud as mo lethse, ann an rathad ʼs gun robh mo shòlas na bu mhua.
8
Oir ged a rinn mi brònach sibh le mo litir, cha n-eil aithreachas orm a nis: ged bha aithreachas orm, ʼs mi faicinn gun do chuir an litir sin mulad (ged bu tacan e) oirbh,
9
A nis tha aoibhneas orm: cha n-ann gun dʼ rinneadh muladach sibh, ach gun dʼ rinneadh muladach sibh gu aithreachas. Oir rinneadh muladach sibh a reir Dhe, air sheol ʼs nach fuilig sibh dochann bhuainne ann an ni air bith.
10
Oir cinnidh an cianalas, a tha a reir Dhe, gu aithreachas steidheil gu sabhaladh: ach cinnidh cianalas an t-saoghail gu bàs.
11
Oir, seall, a cheart ni so a rinn muladach sibh a reir Dhe, nach mor an curam tha e g-oibreachadh unnaibh, seadh agus dion, agus doimheadas, agus fiamh, agus déidh, agus eud, agus aicheamhail: anns a h-uile ni dhʼ fhiach sibh sibh fhein neo-thruaillidh sa chuis.
12
Uime sin ged a sgriobh mi h-ugaibh, cha n-ann air a shonsan a rinn an t-olc, no air a shonsan a dhʼ fhuilig e, ach a dhʼ fhiachuinn a churaim a thʼ againn dhibh.
13
An lathair Dhe: mar sin fhuair sinn furtachd. Ach ʼn ar toil-inntinn, ghabh sinn an ro-bharrachd sòlais á aighear Thituis, a chionn gun robh a spiorad-san air fhurtachadh leibhse uile.
14
Agus ma rinn mi uaill sam bith asaibh ris-san, cha nàire dhomh e: ach mar a labhair sinn a h-uile ni ribh ann am firinn, rinneadh mac an ciadna ʼna firinn ar n-uaill asaibh do Thitus.
15
Agus tha innibh-san nas ro phailt dhuibhse, ʼs e cuimhneachadh ur n-umhlachd gu leir, ʼs mar a ghabh sibh ris le fiamh agus le ball-chrith.
16
Tha mi gabhail toileachaidh gum beil earbsa agam asaibh anns a h-uile ni.
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 8 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13