bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
2 Corinthians 8
2 Corinthians 8
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 9 →
1
Tha sinn a nis, a bhraithrean, a toirt fios dhuibh air grasan De, a thugadh seachad ann an eaglaisean Mhacedonia:
2
Se sin, gun robh an aoibhneas pailt ann am mor dhiachuinn na trioblaide, ʼs gun robh an trom bhochduinn pailt gu beartas an aon-fhillteachd aca:
3
Oir a reir an comais (tha mi toirt teisteanais dhaibh), us fos cionn an comais, bha iad deonach,
4
A griosad oirnn le cruaidh achanaich an tiodhlaicean a ghabhail, agus roinn a bhith aca dhe ʼn fhrithealadh a thathas a dianamh do na naoimh.
5
Agus cha n-ann mar bha duil againn, ach thug iad iad fhein an toiseach do ʼn Tighearna, an sin dhuinne le toil De,
6
Ann an rathad ʼs gun dʼ iarr sinn air Titus, bhon is e a thòisich, gun criochnaicheadh e an tobhartas so ʼnur measg.
7
Agus mar a tha sibh lan-phailt anns a h-uile ni, an creideamh, ʼs am facal, ʼs an eolas, agus anns a h-uile curam, ʼsa bharrachd air so ʼnur carrantachd dhuinne, mar sin gum bi sibh lan-phailt anns an tobhartas so cuideachd.
8
Cha n-eil mi g-radh so mar a toirt orduigh: ach le deothas feadhnach eile a brosnachadh deagh thogradh ur carrantachd.
9
Oir is aithne dhuibh grasan ar Tighearna Iosa Criosta, ged a bha e beairteach, gun dʼ fhas e bochd air ur sonsa, gus sibhse a bhith beairteach tromh bhochdainn-san.
10
Agus air so tha mi toirt mo chomhairle: oir tha so gu buannachd dhuibhse, a thòisich cha n-e mhain air dianamh, ach air a bhith deonach cuideachd bho chionn bliadhna.
11
A nis ma ta coimhlionaibh e ann an gniomh; air chor ʼs mar a tha ur n-inntinn dìan ann an togradh, gum bi i sin cuideachd ann an dianadas a reir ʼs mar a thʼ agaibh.
12
Oir ma tha an toil adhartach, bithidh i taitneach a reir na thʼ aice, ʼs cha n-ann a reir an ni nach eil aice.
13
Oir cha n-ann gu aotromachadh air feadhainn eile, agus lethtrom a chur oirbhse: ach a reir a cheile.
14
San àm so dianadh am pailteas agaibhse suas an t-uireasuidh acasan, los gun dian am pailteas acasan suas an t-uireasuidh agaibhse, gus sibh a bhith a reir a cheile, mar tha e sgriobhte:
15
Esan aig an robh moran, cha robh barrachd aige; us esan aig an robh beagan, cha robh gainne air.
16
Ach taing do Dhia, a chuir an curam ciadna as ur lethse an cridhe Thituis,
17
Oir ghabh e gu dearbh a chomhairle: ach le bhith na bu churamaiche chaidh e h-ugaibh le thoil fhein.
18
Chuir sinn comhla ris cuideachd am brathair, a tha cliuiteach anns an t-soisgeul feadh nan eaglaisean gu leir:
19
Us cha so uile, ach dhʼ orduicheadh e leis na h-eaglaisean ʼna chompanach ar turuis air son a mhathais so, a tha air a riarachadh leinne gu gloir an Tighearna, ʼs gus ar beachd suidhichte-ne:
20
A seachnadh so, gus nach faigheadh duine air bith coire dhuinn as leth a phailteis, a tha air a riarachadh leinn.
21
Oir tha sinn a beachdachadh roimh laimh air na tha math, cha n-ann a mhain an lathair Dhe, ach an lathair dhaoine cuideachd.
22
Us chuir sinn cuide riu ar brathair, a dhearbh sinn gu tric a bhith dichiollach ann am moran nichean: ach a nis nas dichiollaiche air fad le a mhor earbsa asaibhse,
23
Co-dhiu ʼsann as leth Thituis, a tha ʼna chompanach agamsa agus ʼna fhear-cuideachaidh gu ʼr taobhsa, no as leth ar braithrean, ostail nan eaglaisean, gloir Chriosta.
24
Uime sin thugaibh lan-dhearbhadh air ur carrantachd, ʼs air an uaill againne asaibh, dhaibhse an lathair nan eaglaisean.
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 9 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13