bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
2 Corinthians 6
2 Corinthians 6
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 7 →
1
Mar luchd-cuideachaidh ma ta tha sinn gu ʼr brosnachadh, nach gla sibh grasan De gu diomhain.
2
Oir tha e g-radh: Ann an àm taitneach dhʼeisd mi riut, agus ann an latha an t-sabhalaidh chuidich mi thu. Seall a nis an t-àm taitneach, seall a nis latha an t-sabhalaidh.
3
Gun a bhith toirt aobhar sgainneil do neach air bith, gus nach faighear coire dha ʼr frithealadh:
4
Ach anns a h-uile ni fiachamaid sinn fhein mar luchd-frithealaidh Dhe, ann am mor fhaighidin, an trioblaidean, an uireasuidh, an airc,
5
An sgiursaidhean, am priosanan, am buaireasan, an saothair, am faire, an traisg,
6
Ann an geamnachd, an eolas, am fad-fhulangas, an caoimhneas, anns an Spiorad Naomh, an carrantachd gun fhoill,
7
Ann am facal na firinne, an cumhachd Dhe: le airm a cheartais air an laimh dheis agus chli,
8
Tromh onair agus as-onair, tromh dhroch iomradh agus dheagh iomradh; mar mhealltairean, ach firinneach; mar neo-aithnichte, ach aithnichte;
9
Mar a dol bàs, ach, seall, tha sinn beo; air ar smachdachadh, ach gun ar marbhadh;
10
Mar fo bhròn, ach daonnan aighearach; mar ann an uireasuidh, ach a dianamh moran beairteach: mar gun aiteal againn, ach a sealbhachadh a h-uile ni.
11
Tha ar bial fosgailte dhuibh, O mhuinntir Chorint, tha ar cridhe air fàs farsuinn.
12
Cha n-eil sibh air ur teannachadh unnainne: ach tha sibh air ur teannachadh ʼnur n-innibh fhein.
13
Ach bhon is ionann duais dhuinn (tha mi labhairt mar ri mo chloinn): Fasaibhse cuideachd farsuinn.
14
Na giulainibh a chuing marris na mi-chreidich. Oir ciod an companas a thʼ aig ceartas ri eucoir? ciod an comunn a thʼ aig solus ri dorchadas?
15
Agus ciod an cordadh eadar Criosta us Belial? no ciod a chuid a thʼ aig creideach ri mi-chreideach?
16
Agus ciod an t-aontachadh eadar teampull De agus iodholan? Oir is sibhse teampull an De bheo, mar tha Dia g-radh: Gabhaidh mi comhnuidh unnta, us imichidh mi ʼnam measg, agus bithidh mise na mʼ Dhia dhaibh, agus bithidh iadsan ʼnam pobull dhomhsa.
17
Air an aobhar so falbhaibh a mach as am miadhon, agus dealaichibh riu, os an Tighearna, agus na beanaibh do ʼn ni shalach:
18
Agus gabhaidh mise sibh; us bithdh mi na mʼ Athair dhuibh, agus bithidh sibhse ʼnur mic, ʼs ʼnur nigheanan dhomhsa, os an Tighearna uile-chumhachdach.
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 7 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13