bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
2 Corinthians 5
2 Corinthians 5
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 6 →
1
Oir tha fios againn ma leagar tigh talmhaidh ar tuinidh an so, gum beil aitreabh againn bho Dhia, tigh siorruidh air neamh, nach dʼ rinneadh le lamhan.
2
Oir ann an so tha sinn a g-osnaich, an geall air a bhith air ar n-eideadh leis an tigh a tha bho neamh:
3
Ma se ʼs gum faighear sinn sgeadaichte, ʼs cha n-ann ruisgte.
4
Oir tha sinne, a tha sa phaillinn so, a g-osnaich fo shac: a chionn nach math leinn a bhith air ar rusgadh, ach air ar n-eideadh air uachdar, gu sin a tha bàsmhor a bhith air a shlugadh suas leis a bheatha.
5
A nis esan, a tha ga ʼr dianamh reidh air son so, se Dia e, a thug dhuinn earlas an Spioraid.
6
Uime sin tha sinn daonnan misneachail, a tuigsinn gum beil sinn an cein bho ʼn Tighearna fhad ʼsa tha sinn sa choluinn so:
7
(Oir tha sinn a triall tromh chreideamh, ʼs cha n-ann tromh shealladh soilleir)
8
Ach tha sinn am misnich, agus tha deagh thoil againn a bhith air fogradh bho ʼn choluinn, ʼsa bhith lathair maille ris an Tighearna.
9
Uime sin tha sinn a stri, co-dhiu ʼsann san lathair no as an lathair, ri thoileachadh.
10
Oir feumar ar foillseachadh uile air bialaobh cathair-bhreitheanais Chriosta, gus am faigh a h-uile h-aon na tha dligheach do ʼn choluinn, a reir ʼs mar a rinn e, biodh e math no olc.
11
A g-aithneachadh ma ta eagal an Tighearna, tha sinn a brosnachadh dhaoine; ach is follaiseach do Dhia sinn. Seadh, agus tha mi an dochas gum beil sinn follaiseach do na cogaisean agaibhse.
12
Cha n-ann ga ʼr moladh fhein dhuibh a rithist a tha sinn, ach gu aobhar uaill a thoirt duibh as ar leth; gu freagairt a bhith agaibh do ʼn fheadhainn a tha gabhail uaill anns an aodann, ʼs cha n-ann sa chridhe.
13
Oir ma tha sinn dol thar ar beachd, ʼsann do Dhia: no ma tha sinn stuama, ʼsann dhuibhse.
14
Chionn tha carrantachd Chriosta ga ʼr cur h-uige: a measadh so, ma fhuair a h-aon bàs air son dhaoine uile, a reir sin bha iad uile marbh;
15
Agus fhuair Criosta bàs air son dhaoine uile; gus nach biodh iadsan, a tha beo, nas fhaide beo dhaibh fhein, ach dhasan a bhàsaich air an son, ʼsa dhʼ eirich a rithist.
16
Uime sin á so suas cha n-aithne dhuinn duine a reir na feola. Agus ged a bʼ aithne dhuinn Criosta a reir na feola, a nis cha n-aithne dhuinn e mar sin nas fhaide.
17
Ma tha h-aon air bith ma ta ann an Criosta, is creutair ùr e, dhʼ fhalbh na seann nichean: seall, rinneadh a h-uile ni ùr.
18
Ach tha h-uile ni bho Dhia, a reitich ris fhein sinn tromh Chriosta; ʼsa thug riarachadh na reite dhuinn.
19
Oir bha Dia gu deimhinn ann an Criosta a reiteachadh an t-saoghail ris fhein, gun bhith cur an ciontan as an leth; agus bhuilich e oirnne facal na reite.
20
Air son Chriosta ma ta tha sinn ʼnar teachdairean, Dia mar gum bʼ eadh a comhairleachadh tromhainn. An ainm Chriosta ma ta tha sinn a guidhe oirbh, dianaibh reite ri Dia.
21
Oir rinn e esan, do nach bʼ aithne peacadh, ʼna pheacadh air ar son-ne, los gun dianteadh sinne ʼnar ceartas De annsan.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13